FaclairDictionary EnglishGàidhlig

31: Tuathal

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tuathal

Gaelic Gàidhlig

Gheall mi dhuibh, a chàirdean, gun innsinn tuilleadh dhuibh an t-seachdain-sa mu dheidhinn an fhacail “tuathal” a tha ri lorg ann am “partan-tuathal”. ’S e facal air leth inntinneach a th’ ann air sgàth ’s gu bheil e co-cheangailte ris an t-sealladh a bh’ aig na Gàidheil, o shean, air a’ chruinne-cè.

Mus robh na Gàidheil air gnothach a ghabhail ri Crìosdachd, nuair a bha iad fhathast nam pàganach, bha sealladh aca air an t-saoghal a bha stèidhichte air mar a sheasadh duine ann am meadhan cearcaill, a’ coimhead a-mach a dh’ionnsaigh na h-àird an ear, an àird far am bi a’ ghrian ag èirigh. Bhiodh an àird an ear air a bheulaibh, agus bhiodh an àird an iar air a chùlaibh. Agus ’s e sin a bha na faclan sin a’ ciallachadh anns an t-seann Ghàidhlig – an ear, air do bheulaibh, agus an iar, a’ tighinn as do dhèidh.

Nise, ma tha sibh nur suidhe an-dràsta, èirichibh gur casan. Greasaibh oirbh! Greasaibh oirbh! Seadh, tha sin nas fheàrr. Nise, smaoinichibh air combaist. Coimheadaibh a-mach a dh’ionnsaigh na h-àird an ear, mar a bhiodh an seann draoidh. Togaibh ur làmh dheas. Tha mi ’n dòchas gu bheil an tè cheart agaibh! ’S e sin deas, agus ’s e sin ur làmh dheas. Tha deas ann an Gàidhlig a’ ciallachadh an dà chuid, right agus south. South Uist, Uibhist a Deas. South Africa, Afraga a Deas.

Ach dè tha air do làimh chlì air a’ chombaist? ’S e sin an àird a tuath. An latha an-diugh, ’s e clì neo ceàrr a chanas sinn anns a’ Ghàidhlig Albannaich airson left. Ach, o shean, bha am facal tuath a’ ciallachadh left a bharrachd air north.

Nise cumaibh air ur casan agus smaoinichibh air a’ ghrèin agus air slighe na grèine tron adhar. Bidh i ag èirigh anns an àird an ear, bidh i a’ gluasad a dh’ionnsaigh na h-àird a deas agus, mu dheireadh, thèid i fodha anns an àird an iar. Anns a’ mhadainn, agus tha seo cutromach, anns a’ mhadainn, aig toiseach an latha, bidh i a’ dol a dh’ionnsaigh na h-àird a deas. Canaidh sinn gur ann “deiseil” a tha i a’ dol. Tha “deiseil” a’ ciallachadh “a’ dol air slighe na grèine” neo, mar as fheàrr a thuigeas daoine an-diugh e, ’s dòcha, “air slighe spòg an uaireadair.”

Agus tha tuathal a’ dol calg-dhìreach an aghaidh sin. Tha tuathal a’ ciallachadh “a’ gluasad an aghaidh na grèine” neo “an aghaidh an uaireadair”.

Ach tha ciall neo dhà eile air na faclan seo, tuathal agus deiseil, neo deas. Bidh fios agaibh gu bheil deiseil a’ ciallachadh “ullamh” neo “crìochnaichte”. Ach tha am facal eile a tha càirdeach dha, deas, cuideachd a’ ciallachadh “gasta”, neo “snasail” neo “sgileil le do chuid làmhan”. Tha deas co-cheangailte ri dexter ann an Laideann. Tha am facal Beurla dexterous a’ tighinn às a Laidinn.

Agus tha tuathal a’ dol an aghaidh deiseil agus deas anns an t-seadh seo cuideachd. Tha e a’ ciallachadh “deireannach” neo “ceàrr” neo “troimh-chèile” neo “gun a bhith ro sgileil neo sgiobalta”. Carson, ma tha, an e partan-tuathal a chanas sinn ri hermit crab? An e gu robhar a’ dèanamh dheth gum biodh am partan-tuathal a’ gluasad an aghaidh slighe na grèine, neo an e dìreach air sgàth ’s gur e beathach car neo-àbhaisteach – beathach “ceàrr” – a th’ ann?

Chan eil mi buileach cinnteach mu dheidhinn sin, ach tha mi cinnteach mu dheidhinn aon rud. ’S e sin gu bheil tòrr ri ionnsachadh mu dheidhinn dualchas na Gàidhlig bhon dà fhacal sin – tuathal agus deiseil. Agus bheir sinn sùil a bharrachd air deiseil anns an ath litir. Ach, an-dràsta, tha mi deiseil.

Faclan na Litreach: partan-tuathal: hermit crab; air leth: particularly; co-cheangailte (ri): connected (to); sealladh: view; o shean:of old; an cruinne-cè: the world; Crìosdachd: Christianity; combaist: compass; draoidh: druid; ullamh:ready, finished; crìochnaichte: finished; gasta: nice; snasail: elegant; deireannach: slow,backward; ceàrr: wrong, awkward; neo-àbhaisteach: unusual.

Abairtean na Litreach: gheall mi dhuibh gun innsinn tuilleadh dhuibh: I promised you (pl) that I would tell you more; a tha ri lorg: that is to be found; mus robh X air gnothach a ghabhail ri Y: before X had become involved with Y; stèidhichte air duine a sheasadh ann am meadhan cearcaill:based upon a man who would stand in the middle of a circle; a dh’ionnsaigh na h-àird an ear/an iar/a deas/a tuath:towards the east/west/south/north; air a bheulaibh: in front of him; air a chùlaibh: behind him; as do dhèidh: after you; togaibh ur làmh dheas: lift your right hand; slighe na grèine: the route of the sun; tha X a’ dol calg-dhìreach an aghaidh sin: X goes directly against that (ie it is an opposite); an aghaidh na grèine: anti-sunwise; anns an t-seadh seo:in this way; gu robhar a’ dèanamh dheth: that it was being made out; gu bheil tòrr ri ionnsachadh mu dheidhinn dualchas na Gàidhlig: that there is much to learn about the Gaelic heritage; tha mi deiseil: I am finished.

Puing ghràmair na Litreach: anns a’ Ghàidhlig Albannaich: in (the) Scottish Gaelic. In Litir 8 (9 July) we looked at the slenderisation of feminine nouns in the dative case. Here is another example but this time look out for the adjective, not the noun (which already has a slender vowel at the end of the word). You will see that the adjective is Albannaich, not Albannach. It is slenderised because Gàidhligis a feminine noun and the adjective also follows the rule. A more obvious example is air do làimh dheis (on your right hand). Deasis lenited and slenderised to dheis. Here are some examples in which both noun and adjective are slenderised: fon uinneig mhòir (under the big window), air a’ chaileig bhig (on the small girl), air a’ ghealaich ghil (on the white moon). Here are some examples in which only the adjective is slenderised, because the noun already has a slender ending (to the ear): anns an Eaglais Bhric (in Falkirk ie the speckled church); leis a’ phìob mhòir (with the great pipe ie Highland bagpipes); anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich (in [the] Manx Gaelic).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Greasaibh oirbh! Hurry up! (pl.). The singular or familiar form is greas ort! If you are a parent you will find this phrase very useful with the children! Be careful, however, not to overdo its use with adults as it could be deemed impolite, unless (as I was in the letter) you are using it light-heartedly. It is a little less abrupt to put it in the interrogative ie an greas sibh oirbh beagan? Alternatively, you could say something less direct eg tha an ùine a’ ruith oirnn; feumaidh sinn cabhag a dhèanamh (time is running away from us; we must make haste).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean