284: Dòmhnall Horne MacPhàrlain (3)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dòmhnall Horne MacPhàrlain (3)
Anns an Iuchar ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886), bha taghadh nàiseanta ann, dìreach beagan mhìosan an dèidh an taghaidh mu dheireadh. Agus bha iomairt làidir aig na Tòraidhean an aghaidh ball Earra-Ghàidheal, Dòmhnall Horne MacPhàrlain. Bha MacPhàrlain gu mòr air taobh nan croitearan a bha ag iarraidh còraichean fearainn.
Chuir na Tòraidhean tagraiche air adhart air an robh an Còirnealair Iain MacCaluim, agus fhuair esan taic mhòr bho na h-uachdarain agus na tuathanaich mhòra. Agus, leis gur e an samhradh a bh’ ann, bha mòran dhen luchd-taic aig MacPhàrlain air falbh bhon dachaigh, ag obair taobh a-muigh na Gàidhealtachd. Bhuannaich MacCaluim an taghadh, le mòr-chuid de chòrr is sia ceud bhòt.
Ach, a dh’aindeoin ’s gun do chaill e, cha do thrèig Dòmhnall MacPhàrlain Earra-Ghàidheal, agus bha e air ais ann an Tiriodh goirid an dèidh an taghaidh. Chaidh buidheann de Thiristich a chur don phrìosan nuair a dh’fheuch iad ri tuathanas a ghabhail thairis. Agus shoirbhich le MacPhàrlain ann an bhith gan leigeil ma sgaoil na bu tràithe na bha dùil.
Thill MacPhàrlain a mharsantachd ann an Lunnainn airson beagan bhliadhnaichean. Ach ann an ochd ceud deug, naochad ’s a dhà (1892), sheas e a-rithist airson na pàrlamaid ann an Earra-Ghàidheal. Bha an taghadh seo ann as t-samhradh cuideachd ach, leis gu robh cùisean air a dhol am feabhas do na Libearalaich gu nàiseanta, bhuannaich e – ach le mòr-chuid bheag – dìreach ochdad bhòt.
Bha gàirdeachas gu leòr ann am measg nan croitearan agus chaidh bàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh mar chomharra air buaidh MhicPhàrlain. Seo aon rann à aon dàn:
Nise, bho choisinn thu ’n t-urram,
Thèid thu (a) mhòr-bhaile Lunnainn a-suas;
Bidh an lùchairt na Bànrighinn
Àite-suidhe aig MacPhàrlain (a) bhios buan,
Thagairt cùis Earra-Ghàidheal,
’S bidh thu misneachail, stàilinneach, cruaidh,
’S bheir thu dhachaigh a’ chòir dhuinn
Rinn na nàimhdean le fòirneart thoirt uainn.
Sgrìobh am bàrd Eòghann Dòmhnallach, no Eòghann Shìm, à Gleann Urchardain, dàn dha air an robh, gu sìmplidh, “MacPhàrlain”. Tha sin a’ dearbhadh toileachas nan croiteararan:
Tha pàipear a’ tighinn
Leis an fhios a bha dhìth oirnn;
’S iomadh fear a tha ga shireadh
’S cha bu sgillinn bu phrìs dha;
Tha e miadhail a-nochd
Aig gach posta san rìoghachd,
’S bidh sinn ’n earbsa a-nise
Gum brist iad na frìthean –
Mas fhìor am beachd
’S iomadh teine tha nochd
Air na cnocan as àirde;
Cha bhi chuing air na botaill
Bhon a choisinn MacPhàrlain;
An duine foghainteach treun,
Nì e feum anns gach àite;
Guidhibh saoghal bith-bhuan dhà,
’S òlaibh suas a dheoch-slàinte –
Gu grunnd gun stad.
Chaochail Teàrlach Stiùbhart Parnell ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891). Agus thug am prìomhaire Gladstone bile ùr air adhart, airson fèin-riaghladh a thoirt do dh’Èirinn, a’ bhliadhna an dèidh sin, le taic bho Dhòmhnall MacPhàrlain am measg eile. Shoirbhich leis ann an Taigh nan Cumantan ach chaill e ann an Taigh nam Morairean. Leig Gladstone dheth a dhreuchd ann an naochad ’s a ceithir (1894) ach, mus do dh’fhalbh e, mhol e gum biodh Dòmhnall MacPhàrlain air a dhèanamh na ridire. Fhuair Dòmhnall frìth-ainm às a sin – “Ridire Caitligeach na Croitearachd”.
Ach cha robh fada aige ri dhol mar bhall pàrlamaid. An dèidh Ghladstone, chaidh am Pàrtaidh Libearalach bhuaithe agus chaill MacPhàrlain a shuidheachan anns an taghadh nàiseanta ann an naochad ’s a còig (1895). Ach tha e air a chuimhneachadh fhathast ann am bàrdachd na Gàidhealtachd. Gu dearbh, a bharrachd air Teàrlach Friseal Mac an Tòisich à Inbhir Nis, tha e doirbh smaoineachadh air ball pàrlamaid mun deach uiread de bhàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh.
Faclan na Litreach: taghadh: election; còraichean fearainn: land rights; tagraiche: candidate; an Còirnealair Iain MacCaluim:Col. John Malcolm; mòr-chuid: majority; Tiristich: people of Tiree; marsantachd: a merchant’s business; buan: enduring; Gleann Urchardain: Glen Urquhart; frìth-ainm: nickname.
Abairtean na Litreach: bha iomairt làidir aig na Tòraidhean: the Tories conducted a strong campaign; gan leigeil ma sgaoil na bu tràithe na bha dùil: releasing them earlier than expected; mar chomharra air buaidh MhicPhàrlain: as a mark of MacFarlane’s victory; bidh an lùchairt na Bànrighinn: there will be in the Queen’s palace; thagairt cùis Earra-Ghàidheal: to promote the cause of Argyll; bidh thu misneachail, stàilinneach, cruaidh: you’ll be brave, steely and hard; bheir thu dhachaigh a’ chòir dhuinn: you will bring home our rights; cha bu sgillinn bu phrìs dha: it didn’t cost a penny [ie it cost more]; tha e miadhail a-nochd: it is desired tonight; gum brist iad na frìthean: that they will break up the deer-forests; mas fhìor am beachd: if their [expressed] intention is true; cha bhi chuing air na botaill: there will be no stoppers on the bottles; guidhibh saoghal bith-bhuan dhà: wish him a long life; òlaibh suas a dheoch-slàinte gu grunnd gun stad: drink his health to the bottom in one go; Ridire Caitligeach na Croitearachd: The Catholic Knight of Crofting; chaidh X bhuaithe: X went into decline; mun deach uiread de bhàrdachd a sgrìobhadh: about whom so much poetry was written.
Puing-chànain na Litreach: ach le mòr-chuid bheag – dìreach ochdad bhòt: but with a small majority – only eighty votes. You will realise I employ the decimal counting system in the Litir (it will no doubt eventually supplant the vigesimal system). And you will know that for 86 votes we say ochdad ’s a sia bhòtaichean and 72 votes is seachdad ’s a dhà bhòtaichean. But note that with the multiples of ten, we use a singular noun (as we do with fichead and ceud) ie ochdad bhòt (not bhòtaichean). Similarly we would say trithead càr, ceathrad cù, caogad saighdear and seasgad beinn.
Gnàthas-cainnt na Litreach: leis gu robh cùisean air a dhol am feabhas do na Libearalaich gu nàiseanta: because the situation of the Liberals had improved nationally. Chaidh X am feabhas: X’s situation/health improved.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn