FaclairDictionary EnglishGàidhlig

165: Dùthaich MhicAoidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dùthaich MhicAoidh

Gaelic Gàidhlig

Halò a-rithist, a chàirdean. An t-seachdain-sa, tha mi airson ur toirt gu sgìre air leth brèagha ann am fìor cheann a tuath na h-Alba – Dùthaich MhicAoidh, ann an Cataibh. Gu deas air baile Thunga, tha beinn àrd air a bheil Beinn Laoghail. Agus eadar am baile agus a’ bheinn tha dà lochan ann.

’S e Lochan na Cuilce am fear as lugha dhiubh. Tha an t-ainm sin furasta gu leòr thuigsinn. Tha e a’ ciallachadh Lochan of the Reeds. Ach am fear as mò, ri thaobh? Air a’ mhap, ’s e Lochan Hakel a th’ air. H-A-K-E-L. Ach tha mi a’ smaoineachadh gur e Lochan Hakon a chanas muinntir an àite ris. H-A-K-O-N. Chanainn gur e ainm Lochlannach a th’ ann, is cò aige tha fios nach eil ceangal aige don t-seann rìgh Lochlannach a th’ air a chuimhneachadh ann an Caol Àcainn anns an Eilean Sgitheanach?

Co-dhiù no co-dheth, bu mhath leam eachdraidh annasach innse dhuibh mu dheidhinn an lochain seo. Anns a’ Mhàrt, seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746), bha na Seumasaich, agus Teàrlach Òg Stiùbhart, ann an staing. Bha an arm a’ sìor chrìonadh, agus ’s ann anns a’ cheann a tuath a-mhàin a bha iad a’ faighinn taic mhòr sam bith. Ach ’s e aon sgìre anns nach robh iad a’ faighinn taic – Dùthaich MhicAoidh. Bha Clann ’ic Aoidh taiceil do na Hanoibhèirianaich.

Ann am meadhan a’ Mhàirt, chuir Rìgh na Frainge, Louis XV, soitheach – an Hazard – a dh’ionnsaigh Alba le còrr is tri-deug mìle not ann am buinn òir air bòrd. Bha còrr is ceud saighdear air bòrd cuideachd. Dh’fhàg i Dunkirk fo òrdugh an t-òr a thoirt don Phrionnsa ann an Inbhir Nis. B’ fheudar dhi cumail fad air falbh o chosta sear Shasainn ach, nuair a ràinig i Linne Mhoireibh, bha longan cogaidh aig Cabhlach Bhreatainn a’ feitheamh rithe. B’ fheudar don Hazard seòladh gu tuath, feuch faighinn air falbh, agus an soitheach cogaidh, an Sheerness, an tòir oirre.

Thionndaidh an Hazard gu siar nuair a ràinig i an Caol Arcach, ach ghlac an Sheerness i nuair a bha iad faisg air Tunga, agus soitheach nan Seumasach glaiste air oitir. Bha batail ann agus chaidh sgrios a dhèanamh air an Hazard, ach cha b’ urrainn do sheòladairean a Sheerness faighinn air bòrd oirre. Air an oidhche, chaidh aig muinntir an t-soithich Fhrangaich faighinn air tìr, agus thòisich iad air coiseachd a dh’ionnsaigh Inbhir Nis leis an òr airson a’ Phrionnsa.

Ge-tà, chuir seòladairean an Sheerness fios gu ceann-cinnidh Cloinn ’ic Aoidh agus chuir esan feachd an sàs an aghaidh nan Seumasach. Choinnich an dà fheachd faisg air Lochan Hakon. Bha na Seumasaich sgìth agus cha robh comas aca sabaid. Nuair a bha iad a’ teicheadh, thilg feadhainn aca an t-òr aca anns an lochan. Goirid as dèidh sin, ghèill iad agus chaidh an toirt gu prìosan anns an Sheerness.

Agus, mean air mhean, lorg an Riaghaltas an t-òr a bh’ air a thilgeil anns an lochan. No an do lorg? Oir, bhathar ag ràdh gun d’ fhuair mart, a chuir a chasan anns an lochan turas, bonn òir an sàs ann an ladhar aige. Agus bha fathannan ann gun do thiodhlaic cuid de na Seumasaich an cuid òir fon talamh, agus gun d’ fhuair feadhainn buannachd às a sin bliadhnaichean as dèidh làimh. Thathar ag ràdh gu robh teaghlach anns an sgìre – teaghlach bochd aig cìobair – a dh’fhàs beartach gu h-obann! Ach ’s e am fear nach do dh’fhàs beartach – am Prionnsa Òg. Trì seachdainean as dèidh call an Hazard, chaill e gu dubh aig Blàr Chùil Lodair.

Faclan na Litreach: Dùthaich MhicAoidh: Mackay country; Cataibh: Sutherland; Tunga: Tongue; Beinn Laoghail: Ben Loyal; Teàrlach Òg Stiùbhart: Bonnie Prince Charlie; soitheach: vessel (ship); Linne Mhoireibh: The Moray Firth; ceann-cinnidh: clan chief; a’ teicheadh: fleeing; ghèill iad: they surrendered; fathannan: rumours.

Abairtean na Litreach: tha mi airson ur toirt: I want to take you (pl.); eadar am baile agus a’ bheinn tha dà lochan ann: between the village and the mountain there are two lochans; cò aige tha fios?: who knows?; a th’ air a chuimhneachadh ann an Caol Àcainn: who is remembered in Kyleakin; bha an arm a’ sìor chrìonadh: their army was steadily diminishing in size; ’s ann anns a’ cheann a tuath a-mhàin a bha iad a’ faighinn taic mhòr sam bith: it’s only in the north that they were getting any significant support; le trì-deug mìle not (or trì mile deug not) ann am buinn òir: with £13,000 in gold coins; b’ fheudar dhi cumail air falbh o chosta sear Shasainn:she had to keep away from the east coast of England; bha longan cogaidh aig Cabhlach Bhreatainn a’ feitheamh rithe:warships of the British navy were waiting for her; feuch faighinn air falbh: trying to get away; an tòir oirre: in pursuit of her; agus soitheach nan Seumasach glaiste air oitir: with the Jacobites’ vessel stuck on a sandbank; chaidh aig muinntir an t-soithich Fhrangaich faighinn air tìr: the people of the French vessel managed to get to land; chuir esan feachd an sàs: he organised a force; an t-òr a bh’ air a thilgeil anns an lochan: the gold that was thrown in the lochan; bhathar ag ràdh gun d’ fhuair mart bonn òir an sàs anns an ladhar aige: it was said that a stirk got a gold coin stuck in its hoof; a dh’fhàs beartach gu h-obann: that suddenly got rich; trì seachdainean as dèidh call an Hazard: three weeks after the loss of the Hazard.

Puing-ghràmair na Litreach: I would like to make a point this week about the pronunciation of the letter combination – chd. In Scottish Gaelic, although not in Irish, when this is terminal to a word, the d is pronounced like the English “k”, and not like an English “d” or “t”. Thus we get words like achd (“achk”), uchd (“oochk”), smachd (“smachk”), feachd (“FEH-uchk”), cumhachd (“COO-uchk”), tiormachd (“CHIR-uh-muchk”) and diadhachd (“JEE-uh-ghuchk”). This is an important point in fine honing your spoken Gaelic. In internal situations, it is also commonly pronounced in this way, eg cleachdadh (“KLEH-uhchk-ugh”), reachdail (“REH-uhck-il”) and tlachdmhor (“TLACHK-vur”). However, eachdraidh (history, narrative) which appears in the Litir in bu mhath leam eachdraidh annasach innse dhuibh (I would like to relate an unusual story to you), is an exception to this in most parts of the Gaidhealtachd. It is pronounced “EH-uch-tree”, with the “d” being closer to a “t” and certainly not approximating a “k”. Remember this exception. But note also that in parts of Argyll, eg the island of Lismore, eachdraidh follows the “chk” pronunciation rule and is pronounced “EH-uch-kree”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chaill e gu dubh (aig Blàr Chùil Lodair): he lost really badly (at the Battle of Culloden).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean