152: Canada
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Canada
Cha robh mi a-riamh ann an Canada agus is mòr am beud oir tha fhios gur e dùthaich mhòr bhrèagha inntinneach a th’ innte. Feumaidh mi sin a chur ceart uaireigin. Ach rinn mi beagan anns an sgoil mu a deidhinn ann an Cruinn-eòlas agus thachair rudeigin annasach dhomh aig an àm sin. Bha sinn ag ionnsachadh mu na roinnean-nàisein a tha a’ dèanamh Chanada, agus bha mi a’ feuchainn rin cuimhneachadh – Alba Nuadh, Talamh an Èisg, Ontario, Quebec, Saskatchewan…
Air an fheasgar mus robh an deuchainn ann, shuidh mi sìos còmhla ri mo mhàthair airson deisealachadh air a son. Thuirt i rium, “carson nach toir thu creidsinn gu bheil thu ann an carbad-iarainn, a’ dol eadar costa sear agus costa siar Chanada? Faodaidh tu innse dhomh na rudan a chì thu fhad ’s a tha thu a’ siubhal.” Shaoil mi gu robh sin math gu leòr, agus ’s ann mar sin a dh’ullaich mi airson na deuchainn.
Abair gu robh an t-iongnadh orm nuair a leugh mi a’ cheist air Canada anns a’ phàipear-deuchainn air an làrna-mhàireach. ’S e a bh’ ann – “thoir creidsinn gu bheil thu ann an trèana, a’ dol thar Chanada bhon taobh an ear don taobh an iar. Dèan tuairisgeul air na chì thu.” Cha chreid mi gun do dh’ullaich mi a-riamh cho math airson deuchainn ’s a dh’ullaich mi an turas sin. Chun an là an-diugh, chan eil fhios a’m an robh an dà-shealladh aig mo mhàthair!
Bha dithis a bhuineadh do dh’Alba gu mòr an sàs anns a’ phròiseact airson rathad-iarainn, no loighne-rèile, mar a chanas mòran an-diugh, a thogail thar Chanada. B’ e fear dhiubh Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn, am Morair Strathcona mar a bh’ air mu dheireadh, a bha na stiùiriche air a’ chompanaidh a thog an loighne. Nochdaidh esan a-rithist ro dheireadh na Litreach. B’ e am fear eile Sir Iain Dòmhnallach, a’ chiad phrìomhaire aig Canada, nuair a fhuair i na crìochan a th’ aice an-diugh ann an ochd deug, seasgad ’s a seachd (1867).
Bha buinteanas aig Iain Dòmhnallach do thaobh sear Chataibh, far an robh athair na chroitear, ach chaidh e a Chanada nuair a bha e òg. Ghabh e ceum ann an Lagh agus chaidh e a-steach a phoileataics. Chaidh a dhèanamh na cheannard air na Tòraidhean ann an ochd deug, ceathrad ’s a ceithir (1844) agus trì bliadhna fichead as dèidh sin, bha e aig ceann ghnothaichean nuair a chaidh Canada a chruthachadh.
Bha Sir Iain Dòmhnallach (oir chaidh inbhe ridire a bhuileachadh air aig àm cruthachaidh a’ chaidreachais) dhen bheachd gu robh rathad-iarainn thar na dùthcha riatanach airson muinntir Chanada aonachadh, oir bha sgaraidhean mòra ann eatarra, gu h-àraidh eadar an fheadhainn a bhuineadh do Bhreatainn agus an fheadhainn a bha dìleas don dìleab Fhrangaich aca. Bha na Frangaich gu math làidir ann an Quebec, ach chan ann ann a sin a-mhàin. Mar eisimpleir, bha buidheann ann am Manitoba, aig an robh Frangais mar chànan, a dhiùlt a-muigh no mach tighinn a-steach a Chanada. Le measgachadh de bhith a’ sealltainn spèis dhaibh, agus le bhith a’ bagairt cogadh orra, rinn Sir Iain Dòmhnallach a’ chùis orra.
Ach dh’èirich sgainneal mu dheidhinn na loighne-rèile agus chaill an Dòmhnallach gu ceannard nan Libearalach, Alasdair MacCoinnich, a fhuair taic bhon Tòraidh, Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn. Bha Sir Iain Dòmhnallach air ais mar phrìomhaire còig bliadhna as dèidh sin, ann an àm airson crìoch a chur air a’ phròiseact mhòr. Is cò chuir an cipean mu dheireadh na àite anns na Beanntan Creagach? Cò ach Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn fhèin – ann an àite le ainm Gaidhealach, Creag Ealachaidh.
Faclan na Litreach: Cruinn-eòlas: Geography; Alba Nuadh: Nova Scotia; Talamh an Èisg: Newfoundland; deuchainn: exam; deiseileachadh: prepare; carbad-iarainn: train; an làrna-mhàireach: the next day; an dà-shealladh: the second sight; rathad-iarainn, loighne-rèile: railway line; Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn: Donald Smith; Sir Iain Dòmhnallach: Sir John MacDonald; Creag Ealachaidh: Craigellachie.
Abairtean na Litreach: is mor am beud: that’s a great pity; feumaidh mi sin a chur ceart uaireigin: I will have to put that right sometime; thachair rudeigin annasach dhomh: a strange thing happened to me; carson nach toir thu creidsinn?: why don’t you pretend?; na rudan a chì thu fhad ’s a tha thu a’ siubhal: the things you see while you are travelling; abair gu robh an t-iongnadh orm: I was greatly surprised; eadar costa agus costa siar Chanada: between the east coast and west coast of Canada; bha buinteanas aig X do thaobh sear Chataibh: X belonged (or his family belonged) to East Sutherland; chaidh inbhe ridire a bhuileachadh air: he was knighted; aig àm cruthachaidh a’ chaidreachais: at the time of the creation of the federation; gu robh rathad-iarainn thar na dùthcha riatanach airson muinntir Chanada aonachadh: that a railway line across the country was necessary to unite the people of Canada; a bha dìleas don dìleab Fhrangaich aca: who were faithful to their French legacy; a dhiùlt a-muigh no mach: who completely refused; cò chuir an cipean mu dheireadh na àite anns na Beanntan Creagach?: who put in the last stake in the Rocky Mountains?
Puing-ghràmair na Litreach: eadar costa sear agus costa siar Chanada: between the east coast and west coast of Canada. Do you sometimes get worried as to whether to use sear or an ear for east and siar or an iarfor west? Relax – they are basically interchangeable. Thus we have in the Litir, thar Chanada bhon taobh an ear don taobh an iar(across Canada from the east to the west). You will hear the Western Isles being described as na h-Eileanan Siar or na h-Eileanan an Iar,and both are correct. There is an important point to note: the article “an” in an iar and an eardoes not function as do other articles. Thus we say an ear (east) and gaoth an ear (an easterly wind), not gaoth na h-earas you might expect. Also we say an taobh an iar for “the west side” not just taobh an iaras you might expect from grammatical rules concerning articles. Similarly we say an àird an ear for the east or an easterly bearing. Sear and siar are not used in dealing with points of the compass eg bidh a’ ghrian a’ dol fodha anns an àird an iar (the sun sets in the west).
Gnàthas-cainnt na Litreach: le bhith a’ bagairt cogadh orra: by threatening them with war (ie to go to war against them).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn