FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Doire na Smeòraich (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun òran Leòdhasach ‘Thugainn a Rùin’.

Audio is playing in pop-over.

Doire na Smeòraich (2)

Bha sinn a’ toirt sùil air an òran ‘Doire na Smeòraich’. Chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd Sgitheanach, Niall MacLeòid. ’S e òran gaoil a th’ ann, leis a’ bhàrd a’ bruidhinn ri ’leannan, agus an dithis aca measail air nàdar agus air a bhith a’ gabhail cuairt còmhla sa choille. Seo an treas rann dhen dàn:

Is bheir sinn a’ chuairt seo suas am bealach,

A dh’fhaicinn nan cluaineag cuachach meala,

’S ged thèid sinn thar chuain, ar luaidh bidh maireann

Do bhruthaichean Doire na Smeòraich.

Tha an treas agus ceathramh loidhnichean dhen rann sin gu math laghach. ’S ged thèid sinn thar chuain, ar luaidh bidh maireann do bhruthaichean Doire na Smeòraich. Although we might go across the ocean, our praises will always be for the hillsides of Doire na Smeòraich. ’S ged thèid sinn thar chuain, ar luaidh bidh maireann do bhruthaichean Doire na Smeòraich.

Is fìor thoigh leam an ceathramh rann gu sònraichte. Nise, dè a’ Ghàidhlig a th’ agaibh air thought mar ‘I had a thought’? Chanainn ‘smuain’. Ach tha ‘smaoin’ ann cuideachd. Agus tha am bàrd a’ cleachdadh ‘smaoin’ anns an rann seo airson an comhardadh a chumail slàn. Èistibh mar a tha am fuaim ‘ao’ no ‘aoi’ a’ nochdadh anns gach loidhne. Tha an ruitheam, agus an comhardadh, agus an ìomhaigheachd gu math brèagha. Èistibh cuideachd ris a’ chomhardadh aig deireadh gach loidhne:

Nach beag a bha smaoin air maoin no earradh,

Nuair bha sinn cho saor ri gaoth nam beannaibh,

Ag iomain nan laogh bho thaobh nam bearradh,

Gu caochain Doire na Smeòraich.

Bhuineadh am fear a sgrìobh an t-òran – Niall MacLeòid – do Ghleann Dail. Bhuineadh e cuideachd do theaghlach de bhàird ainmeil. Bha athair, Dòmhnall, aithnichte mar ‘Dòmhnall nan Òran’. Agus bha a bhràthair, Iain – Iain Dubh – cuideachd na bhàrd. Bidh cuid a’ gabhail ‘Bàird Ghleann Dail’ air an triùir.

Bha na bràithrean coltach ri chèile ann an aon dòigh – bha iad math air bàrdachd. Ach bha iad eucoltach ann an dòighean eile. Dh’fhalbh Niall a dh’obair ann an Dùn Èideann aig aois òg. Bha e sna ficheadan. Bha e na mharsanta teatha agus bha e a’ fuireach am measg dhaoine a bha rudeigin spaideil.

Sgrìobh Niall tòrr òran, cuid mhath dhiubh car romansach no a-mach air bòidhchead na Gàidhealtachd. Tha gu leòr dhen bheachd gum b’ esan am bàrd Gàidhlig a b’ ainmeile anns an naoidheamh linn deug – ann an Alba air fad. Dh’fhoillsich e cruinneachadh de na h-òrain aige air a bheil ‘Clàrsach an Doire’. Bha e measail air an fhacal ‘doire’! Chaidh ath-chlò-bhualadh a dhèanamh dhen leabhar grunn tursan.

Bha Iain Dubh, air an làimh eile, na mharaiche. Ged a bhiodh e ri bàrdachd, cha do sgrìobh e na dàin aige air pàipear. Agus cha robh e measail idir air a bhith am measg dhaoine spaideil anns na bailtean mòra. Bheir sinn sùil air Iain anns an ath Litir.

Ach, an dràsta, seo agaibh an rann mu dheireadh dhen òran ‘Doire na Smeòraich’ le a bhràthair, Niall. Tha am bàrd agus a leannan a’ dèanamh deiseil airson dealachadh bho chèile. Càite – ach ann an Doire na Smeòraich.

Ach nì sinn ar n-iùl a-null am bealach,

Tha bàta na smùide dlùth don chala,

’S gum fàg sinn ar dùrachd rùin mun dealaich,

Aig cùiltean Doire na Smeòraich.

Litir 1425 Litir 1425

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!