FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mial-mhòr a’ Chuain

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘sea serpent’?

Audio is playing in pop-over.

Mial-mhòr a’ Chuain

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘sea serpent’? Tha còig diofar fhaclan no abairtean ann am faclair Dwelly – cràigean, cuartag mhòr a’ chuain, mial-mhòr a’ chuain, nathair-mhara agus cirean-cròin. Agus tha seo anns an Fhaclair Bheag – mial-mhòr ‘giant creature (especially a whale or monster)’. Anns an Litir seo, cleachdaidh mi sin airson ‘sea-serpent’ – mial-mhòr.

Carson a tha mi a’ beachdachadh air seo, co-dhiù? Uill, mar a bha mi a’ mìneachadh anns na beagan Litrichean mu dheireadh, bha mi a’ toirt sùil air Courier Inbhir Nis bhon bhliadhna ochd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1872). Agus bha aithris ann leis an tiotal ‘The Sea-Serpent?’ le comharra-ceist aig an deireadh.

Dh’fhoillsich an Courier cunntas sgrìobhte a thàinig bho fhear a bha gu math earbsach, a rèir a’ phàipeir. Chan eil ainm a’ nochdadh anns a’ chunntas.

Bha am fear seo anns a’ bhàta-sheòlaidh aige. Chaidh e fhèin agus feadhainn eile gu ruige Loch Shubhairne ann an Cnòideart, air taobh an iar na Gàidhealtachd. Cuide ris bha a dhithis nighean, ogha, ministear eaglaise à Sasainn agus sgalag.

Bha iad a’ seòladh ann an Linne Shlèite nuair a thàinig fèath. B’ fheudar dhaibh am bàta iomradh. Mar sin, bha iad a’ coimhead air cùlaibh an t-soithich. Agus b’ ann an sin a bha an sealladh.

Bha sreath de chumaidhean dorcha ann. Anns a’ chiad dol a-mach bhathar a’ smaoineachadh gur e sgaoth pheileagan a bh’ ann. Ach an uair sin, ghluais na cumaidhean thairis air sruth an eathair agus chunnaic na daoine gur e aon chreutair a bh’ ann. Bha e eadar leth-cheud agus ochdad troigh ann am fad.

Bha trì prosbaigean air bòrd. Mar sin, fhuair na daoine deagh shealladh air a’ mhial-mhòir. Bha i fada agus caol. Bha ceann beag aice, ach chan fhacas sùilean air. Bha croitean air a druim. Agus cha robh lannan oirre, mar a bhiodh air iasg. Cha robh i coltach ri ainmhidh sam bith air an robh na daoine eòlach. Gun teagamh, ʼs e mial-mhòr a bh’ ann!

Chuir na daoine seachad an oidhche ann an Loch Shubhairne. Nuair a thill iad dhachaigh air an làrna-mhàireach, ràinig iad beul an locha. Agus cò bha a’ feitheamh riutha ach a’ mhial-mhòr! An turas seo, bha beagan gaoithe ann agus bha am bàta fo sheòl. Chaidh a’ mhial-mhòr tarsainn na slighe-mara air an robh iad. Bha i mu cheud gu leth slat air thoiseach orra. Bha a ceann letheach os cionn na mara agus bha an creutair a’ gluasad gu luath.

An turas seo chuala na daoine fuaim mar srann, agus a’ mhial-mhòr a’ gluasad tron uisge. Lean i oirre a dh’ionnsaigh Chaol Reatha, ag èirigh agus a’ cromadh. Ach bha ciaradh an fheasgair ann agus dh’fhalbh an creutair à sealladh anns an dorchadas.

Tha aon rud air leth inntinneach mun chunntas. Cha robh iomradh air uilebheist Loch Nis. Bha còrr is caogad bliadhna gu bhith ann mus biodh aithrisean mu Niseag a’ nochdadh ann am pàipearan-naidheachd Bhreatainn.

Litir 1412 Litir 1412

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!