FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eisirean nan Linneachan (1)

Muirsgian, mùsgan, faochag, bàirneach, eisir bheòil dhuinn.

Audio is playing in pop-over.

Eisirean nan Linneachan (1)

Muirsgian, mùsgan, faochag, bàirneach, eisir bheòil dhuinn. Sin liosta de mhaoraich a bhiodh na seann Ghàidheil ag ithe. Ach chan e sin iad uile. Seo an rann gu lèir:

Muirsgian, mùsgan, faochag, bàirneach, eisir bheòil dhuinn. Eachan, creachann, feusgan, coilleag: maorach traghad a dh’fhaodar ithe gun a bhith sgàthach.

Razorfish, gaper shell, winkle, limpet, brown-mouthed oyster, otter shell, scallop, mussel, cockle: Seashore shellfish that can be eaten without being fearful.

Tha mi cinnteach gum bi sibh eòlach air co-dhiù cuid de na maoraich sin. Math dh’fhaodte gu bheil sibh air feadhainn dhiubh ithe – leithid feusgain, coilleagan agus faochagan. Ann an cuid de na h-eileanan, canaidh na daoine ‘srùban’ ri coilleag.

Bu mhath leam an-diugh sùil a thoirt air dìreach aonan de na maoraich air an liosta sin. ’S e sin an t-eisir – ann am Beurla, the oyster. Bha e aithnichte aig na seann Ghàidheil mar mhaorach a ghabhadh ithe. ’S aithne dhomh co-dhiù aon ainm-àite anns a bheil eisirean air an ainmeachadh. ’S e sin Rubha Àird nan Eisirean, air cladach an iar Mhuile, aig ceann Loch nan Ceall. Feumaidh gun robh daoine a’ buain eisirean an sin.

Ach chan e an cladach an t-àite as fheàrr airson eisirean a lorg. Tha iad nas pailte far a’ chladaich air oitirean. No, math dh’fhaodte gur e an fhìrinn a th’ ann gun robh iad na bu phailte anns na h-uisgeachan sin uaireigin. Bha eisirean uaireigin pailt timcheall costa na h-Alba. Ach chan eil iad pailt an-diugh. Dè thachair dhaibh?

Uill, dh’ionnsaich mi beagan dhen sgeul sin nuair a bha mi a’ leughadh Courier Inbhir Nis bhon bhliadhna ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872). Bha aithrisean ann mu dheidhinn iasgach nan eisirean anns na linneachan faisg air Inbhir Nis.

Bha Ban-diùc Chataibh, no A’ Bhana-mhorair Chat, air casg laghail a chur an sàs an aghaidh eathraichean a bhith a’ dreideadh airson eisirean ann an Linne Chrombaigh. Agus bha aithrisean ann mun t-suidheachadh faisg air làimh ann an Linne Mhoireibh, far an robh dragh ann nach maireadh na h-eisirean fada. Carson? Bha iasgairean à Sasainn a’ glacadh cus dhiubh.

Sgrìobh fear MacAnndrais gun deach na h-eisirean a chur ann a dh’aona-ghnothach le a shinn-sheanair, fear MacCoinnich. Bha sin timcheall na bliadhna seachd ceud deug, caogad ’s a h-ochd (1758).

Bhuineadh Mgr MacCoinnich a dh’Abhach anns an Eilean Dubh. Tha mi a’ dèanamh dheth gur e uachdaran a bh’ ann. Fhuair e na h-eisirean ann an Gruinneard air taobh an iar Rois. Bha iad air an cur don mhuir ann an Linne Mhoireibh gu sear air Abhach.

Ach cha b’ e sin an gnothach gu lèir. Anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, naochad ’s a trì (1793), chaidh tuilleadh eisirean a thoirt a Linne Mhoireibh. Ach chan e eisirean àbhaisteach a bh’ annta. ’S e seòrsa a bh’ annta ris an canadh iad ‘Pandore oysters’ – feadhainn a bha ainmeil faisg air Dùn Èideann, mar a chì sinn anns an ath Litir.

Litir 1410 Litir 1410

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!