Cha tàinig tràigh gun mhuir-làn na dèidh. ’S e sin seanfhacal. Bidh sibh eòlach air an fhacal tràigh, a’ ciallachadh ‘beach, seashore’. Tha i air a cleachdadh gu sònraichte airson tràigh-ghainmhich ‘a sandy beach’.
Ach tha tràigh stèidhichte air tràgh no traogh a tha a’ ciallachadh ‘ebbing, emptying, draining’. Nuair a tha a’ mhuir air tràghadh, dè tha air fhàgail ach tràigh. Tha tràigh mhòr ann ‘there is a big ebb’.
Air ais don t-seanfhacal, ma-thà. Cha tàinig tràigh gun mhuir-làn na dèidh. Tha e a’ ciallachadh, ‘there was never an ebb that wasn’t followed by a high tide’. Ma tha cùisean air a dhol ìosal agaibh, na gabhaibh dragh – thig piseach orra.
Tha an seanfhacal seo a’ nochdadh anns an òran ‘Mo Rùn Geal Dìleas’. ’S e òran gaoil a th’ ann. Ged a tha e sean, bidh e air a sheinn gu tric fhathast, gu h-àraidh le còisirean. Seo an t-sèist:
Mo rùn geal, dìleas, dìleas, dìleas,
Mo rùn geal dìleas, nach till thu nall?
Cha till mi fhèin riut, a ghaoil, chan fhaod mi,
’S ann tha mi, ghaoil, na mo laighe tinn.
Obh obh, tha e a’ coimhead coltach gun robh am fear a sgrìobh e ann an trom-ghaol le boireannach, agus nach robh slighe a ghaoil rèidh.
Thig mi don ùghdar fhathast. Ach, an toiseach, dè tha an t-òran ag ràdh mu dheidhinn? Uill, tha fios againn gun robh e thall anns na h-Innsean a’ fuireach. Seo an treas rann dhen òran:
Thug mi còrr agus naoi mìosan
Anns na h-Innsean a b’ fhaide thall:
’S bean bòidhchead d’ aodainn cha robh ri fhaotainn
’S ged gheibhinn saoghal, chan fhanainn ann.
Ghabh an t-ùghdar trom-ghaol air cuspair a dhàin. Ach feumaidh nach robh cùisean a’ dol gu math agus dh’fhàg sin inntinn trom. Seo an còigeamh rann:
Thug mi mìos ann am fiabhras claoidhte,
Gun dùil rium oidhche gum bithinn beò:
B’ e fàth mo smaointean a latha ’s a dh’oidhche,
Gum faighinn faothachadh ’s tu bhith ’m chòir.
Cò às a bha an t-ùghdar? Cha robh e a’ fuireach ann an Ìle oir sin far an robh a leannan a’ fuireach. Seo mar a tha sin a’ tighinn am bàrr anns an dàn:
Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn
A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn:
Is bheirinn sgrìobag don eilean Ìleach
Far bheil an rìbhinn dh’fhàg m’ inntinn trom.
Thathar a’ smaoineachadh gun robh an t-òran air a sgrìobhadh le Iain MacIlleathain, fear-taca an Torr Loisgte ann am Muile. Thachair e ri tè òg, Iseabail Chaimbeul, à Bail’ an Àbaidh ann an Ìle, agus bha e ag iarraidh a pòsadh. Cha robh i deònach freagairt a thoirt dha sa mhionaid. Agus ’s e sin a thug air falbh a-null thairis.
Anns an t-siathamh rann, tha e a’ coimhead coltach gu bheil e air gabhail ris nach biodh iad a’ pòsadh a chèile, ged a chì sinn anns an ath Litir, nach e sin am facal mu dheireadh air a’ chùis.
Cha bhi mi strì ris a’ chraoibh nach lùb leam,
Ged chinneadh ùbhlan air bhàrr gach geug;
Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m’ fhàgail,
Cha tàinig tràigh gun mhuir-làn na dèidh.