FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Leabhar Cheannanais agus Port mo Cholmaig (1)

An leabhar as brèagha san t-saoghal, ann am beachd gu leòr

Audio is playing in pop-over.

Leabhar Cheannanais agus Port mo Cholmaig (1)

O chionn bhliadhnaichean, chunnaic mi an leabhar as brèagha san t-saoghal, ann am beachd gu leòr. No co-dhiù an seann làmh-sgrìobhainn as brèagha anns an Roinn Eòrpa. Bha mi ann am prìomh bhaile na h-Èireann, Baile Atha Cliath, aig Colaiste na Trianaid. Agus ’s e an leabhar air a bheil mi a-mach – Leabhar Cheannanais, The Book of Kells.

’S e fìor sheann leabhar a th’ ann anns a bheil ceithir soisgeulan an Tiomnaidh Nuaidh – Mata, Marcus, Lucas agus Eòin. Tha an teacsa ann an Laidinn. Ach ’s e an rud a tha iongantach mu dheidhinn cho brèagha ’s a tha an làmh-sgrìobhainn, anns a bheil snas-sgrìobhadh agus soilleireachadh gun choimeas.

Ged a tha an leabhar suidhichte an-diugh ann an Èirinn, tha dùil gu bheil e ceangailte gu mòr ri Alba. Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air far an deach a sgrìobhadh. Gu h-àraidh, tha mi airson sùil a thoirt air a’ bheachd gun deach a dhèanamh air taobh an ear na Gàidhealtachd.

Thuige seo, anns an fharsaingeachd, tha na sgoilearan air trì smuaintean a chur air adhart mu thùs an leabhair. Anns a’ chiad dol a-mach gun robh e, no co-dhiù an teacsa a tha a’ nochdadh ann, air a thòiseachadh ann an Eilean Ì ann an Alba. Bha e air a thoirt do Cheannanas, no Kells, ann an Èirinn airson crìoch a chur air. Thathar a’ smaoineachadh gun deach an leabhar a chruthachadh timcheall na bliadhna ochd ceud (800). Mu dhà cheud bliadhna an dèidh sin, bha e ann an Ceannanas.

’S e an dàrna smuain mu thùs an leabhair gun robh e air a dhèanamh gu lèir ann an Eilean Ì. Tha fios againn gun robh manaich ann an Ì ri linn Chaluim Chille, agus às a dhèidh, a bh’ air a bhith comasach leabhar mar sin a chur ri chèile.

’S e an treas smuain aig na sgoilearan gun robh Leabhar Cheannanais air a dhèanamh ann an Lindisfarne, eilean beag far costa Northumbria ann an Sasainn. Bha ceanglaichean creideimh eadar Lindisfarne agus Eilean Ì, agus tha dùil gun robh an seann leabhar ris an canar Soisgeulan Lindisfarne air a dhèanamh anns an eilean sin. Chaidh an leabhar sin, a tha rudeigin coltach ri Leabhar Cheannanais, agus gu math brèagha is luachmhor, a dhèanamh tràth anns an ochdamh linn. Tha e a-nise ann an Leabharlann Bhreatainn ann an Lunnainn.

Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, ge-tà, tha smuain eile air tighinn am bàrr. Tha e gu math inntinneach, gu sònraichte dhuinne a tha a’ fuireach ann an Alba. Nochd an smuain sin ann an clò ann an leabhar a chaidh fhoillseachadh an-uiridh – The Book of Kells: Unlocking the Enigma leis an sgoilear agus sgrìobhadair, Victoria Whitworth, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann.

Tha Whitworth dhen bheachd gu bheil an fhianais ag innse dhuinn gu bheil deagh theans ann gun deach Leabhar Cheannanais a sgrìobhadh, chan ann ann an Eilean Ì no Lindisfarne, ach ann am Port mo Cholmaig, ann am Machair Rois air taobh an ear na Gàidhealtachd. Agus gur e Cruithnich, no luchd-ealain a bha ag obair ann an nòs nan Cruithneach, a sgrìobh e.

Tuigidh sibh nach eil a h-uile duine a’ gabhail ri a beachdan. Anns an ath Litir, bheir sinn sùil air a’ ghnothach.

Litir 1387 Litir 1387

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!