FaclairDictionary EnglishGàidhlig

109: GOC

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

GOC

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, rinn mi iomradh air Faclair na Pàrlamaid. A bharrachd air a’ bhriathrachas a th’ ann, tha am faclair cudromach ann an dòigh eile. Tha pìos ann aig toiseach an leabhair a tha a’ mìneachadh an t-seasaimh a bh’ aig an luchd-deasachaidh air litreachadh, gràmar is sgrìobhadh a’ chànain.

Anns an fharsaingeachd, lean an sgioba na molaidhean a rinneadh o chionn fichead bliadhna fon ainm GOC. Tha sin a’ seasamh airson “Gaelic Orthographic Conventions”. ’S e sin an siostam a tha na sgoiltean air a bhith a’ cleachdadh bhon uair sin. Am measg molaidhean GhOC, tha fear a bha gu math connspaideach aig an àm – airson faighinn cuidhteas an stràc geur.

Roimhe sin, bha dà sheòrsa de stràc ann – an stràc geur neo accute accent, agus an stràc trom, neo grave accent. Mar eisimpleir, bha am facal “mòr” sgrìobhte “m-ó-r”, seach mar a tha e an-diugh – “m-ò-r”. Air an làimh eile, bha am fuaim “ò” air a shealltainn le stràc trom. “ó” agus “ò”. Tha iad eadar-dhealaichte o chèile, nach eil?

Bha an aon rud fìor mun litir “e”. Bha an stràc trom air “e” a’ dèanamh an fhuaim “è” mar a tha e ann an “nèamh”. Bhiodh an stràc geur a’ dèanamh “é” mar a tha e ann an “tréigsinn”.

Uill, a rèir molaidhean GhOC, cha robh an stràc geur feumail tuilleadh. Bha e a’ nochdadh ann an glè bheag de dh’fhaclan, agus bha an sgioba dhen bheachd gu robh còir faighinn cuidhteas e, agus an stràc trom a-mhàin a chur gu feum nuair a bhathar a’ sealltainn gu bheil fuaimreag nas fhaide nan àbhaist. Cha chreid mi nach robh iad dhen bheachd gum biodh fios aig daoine gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn” fiù ’s nuair a tha e air a litreachadh le stràc trom, mar a tha e an-diugh.

Ach chanainn gun do dhìochuimhnich iad an luchd-ionnsachaidh - an fheadhainn a tha ag ionnsachadh a’ chànain agus a bhios a’ leughadh fhaclan nach cual’ iad a-riamh. Ciamar a bhiodh fios acasan gur e “tréigsinn” a chanadh iad, seach “trèigsinn”? Bha a’ cheist ann an do rinn an siostam ùr gnothaichean na bu dhorra do luchd-ionnsachaidh.

’S dòcha gun do rinn ach, air an làimh eile, tha fad’ a bharrachd chothroman aig luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a chluinntinn an-diugh – air an rèidio, air an telebhisean, air tèip is CD, agus air an eadar-lìon air feadh an t-saoghail. Le bhith ag èisteachd ri uiread, cluinnidh iad faclan mar “trèigsinn” is bidh iad eòlach air an fhuaimneachadh. Bidh fios aca gur e “céilidh” a chanas iad, seach “cèilidh” nuair a leughas iad am facal le “è” mar a tha e an-diugh.

Chan eil a’ chonnspaid mu dheidhinn nan stràcan air bàs fhaighinn, ge-tà. Tha feadhainn ann a bhios a’ sgrìobhadh ann am pàipearan-naidheachd is leabhraichean a th’ air diùltadh gabhail ri molaidhean GhOC. Tha an stràc geur fhathast beò – air èiginn. Ach am bu chòir a bhith? Mura h-eil na Gàidheil comasach air tighinn gu aonta air rud cho bunaiteach, carson a bhiodh an saoghal mòr a-muigh a’ toirt spèis dhaibh is don cànan?

Às dèidh fichead bliadhna, agus ginealach ùr air èirigh gun eòlas aca air an stràc gheur, ach a-mhàin bho sheann leabhraichean, nach eil an t-àm againn a chur air an t-sitig is a’ Ghàidhlig a sgrìobhadh leis an stràc throm a-mhàin, mar a mhol GOC agus Faclair na Pàrlamaid. ’S dòcha gu bheil an stràc geur feumach air stràc le speal gheur! Dè ur beachd fhèin?

Faclan na Litreach: connspaideach: controversial; nèamh: heaven; trèigsinn: abandoning; bunaiteach: basic.

Abairtean na Litreach: a’ mìneachadh an t-seasaimh a bh’ aig an luchd-deasachaidh air litreachadh is gràmar: explaining the stance of the editors on spelling and grammar; anns an fharsaingeachd: in general; airson faighinn cuidhteas X: to get rid of X; cha robh an stràc geur feumail tuilleadh: the acute accent was no longer of use; an stràc trom a-mhàin a chur gu feum: only use the grave accent; nuair a bhathar a’ sealltainn gu bheil fuaimreag nas fhaide nan àbhaist: when they were showing that a vowel is longer than normal; an do rinn an siostam ùr gnothaichean na bu dhorra do luchd-ionnsachaidh: did the new system make the situation more difficult for learners (dorra is the comparative of duilich); a th’ air diùltadh gabhail ri molaidhean GhOC: who have refused to accept GOC’s recommendations; carson a bhiodh X a’ toirt spèis dhaibh?: why would X respect them?; nach eil an t-àm ann againn a chur air an t-sitig?: isn’t it time to discard it (ie to put it on the dungheap)?; ’s dòcha gu bheil an stràc geur feumach air stràc le speal gheur: perhaps the accute accent could do with a blow from a sharp scythe (in the manner of the grim reaper; this is a play on the words stràc and geur); dè ur beachd fhèin?: what do you think?

Puing ghràmair na Litreach: The text of the Litir concerns the recommendation in Faclair na Pàrlamaid that written Gaelic follow the Gaelic Orthographic Conventions (GOC) of 1981 in using only the grave accent to represent a lengthened vowel, and that the use of the acute accent for particular vowel qualities (ie é and ó) be discontinued (this is now largely adhered to, but not universally). Thankfully, a revised and expanded edition of GOC is to be published later this year. There are two observations I would like to make on the matter. Firstly it is imperative for learners to become familiar with the spoken word. Although Gaelic orthography is probably more regular than English, it is still important to hear the word spoken. Only that way will you know for sure that the “è” in rèis (RAYSH), mèile (MEH-luh) and mèaran (MEE-uh-run in some dialects), for example, are not the same. I could make the same observation about the lengthened “o” in pòla (POE-luh) and pòcaid (POCHK-utch). There is now so much spoken Gaelic available (Radio nan Gaidheal is now live-streamed on the internet, for example) that this is getting easier all the time. Secondly, on the general matter of lengthened vowels, it is important to realise that dialectal differences are often not indicated by the standard written form. For example, màthair is pronounced MAA-hur by the majority, but MEH-hur in Islay and one or two other places). Similarly, a-màireach (uh MAA-ruch) is sometimes pronounced uh MEH-ruch.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha an stràc geur fhathast beò – air èiginn: the acute accent is still alive – but only just. Air èiginn – only just (lit. with great difficulty).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean