ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

60: Tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad às

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

“Tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad às.” ’S e sin seanfhacal a chuala mi nuair a bha mi ann an Leòdhas o chionn ghoirid. Cha robh sinn a’ bruidhinn air eòin, ge-tà, ach air daoine.

Tha e coltach gu bheil cuid de dh’fhireannaich òga Leòdhais a’ sireadh bean ann an dòigh ùr – air an eadar-lìon. O shean, bhiodh balaich à Barabhas a’ faighinn am mnathan ann an àiteachan mar Shiabost neo Càrlobhagh neo Nis. Ach an-diugh tha e a cheart cho coltach gum pòs iad tè à Seattle neo Copenhagen neo New Brunswick air an d’ fhuair iad eòlas air oidhche-gheamhraidh air a’ choimpiutar.

’S e sin co-dhiù a chaidh innse dhomh. A bharrachd air a sin, tha e coltach gu bheil na fir Leòdhasach, neo cuid aca, dhen bheachd gu bheil na boireannaich thall thairis nas brèagha nan fheadhainn aig an taigh. Tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad às.

Uill, feumaidh mi bhith rud beag faiceallach anns na chanas mi mu dheidhinn sin. Phòs mi-fhìn tè às Astràilia! Ach, leis an fhìrinn innse, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na balaich ann an Leòdhas gam mealladh fhèin. Tha iomadach boireannach brèagha ann an Leòdhas, anns gach sgìre dhen eilean, mar a tha na h-òrain Ghàidhlig ag innse dhuinn! Agus, air eagal ’s gum faigh mi mi-fhìn ann an trioblaid, cha chan mi an còrr!

Ach thog an seanfhacal m’ aire ann an dòigh eile. Bha mi dìreach air a bhith aig muir airson ceithir latha, a’ tadhal air Hiort. Agus ’s dòcha gu bheil beagan dhen fhìrinn anns an t-seanfhacal ma tha thu a’ smaoineachadh dìreach air eòin. Chan fhaca mi itean nas bòidhche na chunnaic mi ann an Hiort. Agus tha na h-eileanan sin gu math fad às.

Bha sin gu h-àraidh fìor mu na sùlairean. Chunnaic mi na mìltean thar mhìltean aca timcheall Bhoraraigh agus na stacan-mara faisg air an eilean sin – an Stac Lì agus Stac an Armainn, agus chan fhaca mi aon eun nach robh a’ coimhead foirfe. Cha b’ ionann sin do na fulmairean, ge-tà. Chunnaic mi feadhainn acasan le beàrn ann far am bu chòir ite a bhith. Tha amharas agam gun do chaill feadhainn an itean do na fasgadairean mòra, na bonxies, mar a chanas iad ann an Sealtainn, eòin mhòra dhonn’ a bhios a’ toirt ionnsaigh air na h-eòin eile.

Agus chan ann dìreach air na h-eòin. Ma thèid thu ro fhaisg air an nead aca, a tha ann am feur goirid air talamh rèidh faisg air mullach nam bearraidhean, an dearbh sheòrsa àite far am bi daoine a’ coiseachd ann an Hiort, thoir an aire. Chan fhada gus am bi fasgadair mòr a’ tighinn aig astar a-mach às an adhar ort, agus e a’ cuimseachadh a ghob air do cheann. Chan eil na h-itean a cheart cho brèagha air an eun sin, agus ’s iomadh duine a bha toilichte gu bheil iad a’ fuireach fad às!

Ach ’s dòcha gu bheil an seanfhacal fìor mu Hiort ann an dòigh eile. Anns an ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug, bha fir, gu h-àraidh fir bho eileanan eile anns na h-Eileanan Siar, dhen bheachd gu robh na boireannaich ann an Hiort air leth brèagha. Sgrìobh an t-Urramach Coinneach MacAmhlaigh gu robh iad “eireachdail nan aodannan ’s nam bodhaigean agus, nam biodh iad air an còmhdach ann an nòs a’ bhaile mhòir agus ag imeachd air sràidean Shasainn, bhiodh iad ainmeil anns na comainn as uaisle." Innsidh mi dhuibh mun tè a bu bhòidhche aca, agus na thachair dhi, an ath sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Leòdhas: Lewis; eadar-lìon: internet; o shean: in olden times; mnathan: wives; Barabhas: Barvas; Siabost:Shawbost; Càrlobhagh: Carloway; Nis: Ness; thall thairis: overseas; Hiort: St Kilda; Boraraigh: Boreray; stacan-mara: sea stacks; fulmair: fulmar; fasgadair mòr: great skua (bonxie).

Abairtean na Litreach: a’ sireadh bean ann an dòigh ùr: looking for a wife in a new way; tha e a cheart cho coltach gum pòs iad tè à X: it is just as likely that they will marry a woman from X; ’s e sin co-dhiù a chaidh innse dhomh: anyway, that’s what I was told; feumaidh mi bhith rud beag faiceallach anns na chanas mi: I must be careful (in) what I say; cha chan mi an còrr: I won’t say any more; bha sin gu h-àraidh fìor mu na sùlairean: that was particularly true of the gannets; chan fhaca mi aon eun nach robh a’ coimhead foirfe: I didn’t see one bird which did not look perfect; le beàrn ann far am bu chòir ite a bhith: with a gap where a feather should be; air talamh rèidh faisg air mullach nam bearraidhean: on flat land close to the clifftops; thoir an aire: look out, take care; aig astar a-mach às an adhar: at speed out of the sky; a’ cuimseachadh air do cheann: aiming for your head; eireachdail nan aodannan ’s nam bodhaigean: beautiful in their faces and bodies; nam biodh iad air an còmhdach ann an nos a’ bhaile mhòir agus ag imeachd air sràidean Shasainn: if they were clothed in the manner of the city and journeying on the streets of England.

Puing ghràmair na Litreach: gu bheil na balaich ann an Leòdhas gam mealladh fhèin: that the lads in Lewis are deceiving themselves. Gam mealladh is a shortened form of aig am mealladh (at their deceiving), am being the possessive pronoun of the third person plural (changed from an, because of the initial “m” in mealladh ). In such a construction the fhèin (or fèin or fhìn) comes after the verbal noun. Here are some other examples of such constructions: tha iad gam bualadh fhèin (they are striking themselves); bha iad gan coireachadh fhèin (they were blaming themselves); bidh iad gam bearradh fhèin(they will be shaving themselves). Where the verbal noun starts with a labial consonant (b, f, m, p), the gam (rather than gan ) is identical to the form of the first person singular; the difference is that in the latter the verbal noun is lenited ie bha mi gam mhealladh fhèin (I was deceiving myself). Gam here is a shortened form of aig mo and, as you know, the possessive pronoun mo lenites the following noun if it starts with a lenitable consonant.

Seanfhacal na Litreach: Tha na h-itean as bòidhche air na h-eòin fad às: the most beautiful feathers are on the distant birds. Can you think of an equivalent proverb in English or Scots?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean