ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

39: Rann-cunntaidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh a’ cuimhneachadh, thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, gun tug mi dà rann-cloinne dhuibh. Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-sreath an-diugh le rann-cunntaidh eile. Tha an tè seo gar toirt suas bho dha-dheug gu fichead. Agus mar a rinn mi an t-seachdain ’s a chaidh, ’s e “deug” a chanas mi an àite “deug”. Seo e:

Dhà-dheug agus trì-deug

Fhuair na mèirlich fìor-leug

Nuair a bhris iad a-steach don chaisteal

Ann am baile Strìmeig

Ceithir-deug ’s a còig-deug

Cheannaich Iain bò bheag

Fhuair e ìm is gruth is bàrr

Is dh’òl na cearcan tòrr mèag

Sia-deug agus seachd-deug

Dheasaich Anna breacag

Thugadh i air falbh ’on bhord

Cò ghoid i? Cha robh beachd aic’.

Ochd-deug, naoi-deug, fichead

Thall air cùl an lios ud

Fhuaireadh nead le uighean gorm

’S mòr mo dhèidh nach bris iad.

Bheir sinn sùil air cuid de na faclan anns an rann. ’S e a th’ ann am fìor-leug rudeigin beag prìseil mar dhaoimean neo seud de sheòrsa eile. Uaireannan ’s e dìreach leug a chì sibh agus, ann am bàrdachd, bidh e uaireannan a’ ciallachadh boireannach brèagha. Ach chan eil càil a dh’fhios agam ca’il baile Strìmeig is cha d’ fhuair mi lorg air air map sam bith. ’S dòcha nach eil e ann an àite sam bith, ach anns an inntinn fhèin.

Tha an darna earrann a-mach air obair a’ bhainne. As deidh dha a’ bhò a cheannach, fhuair Iain ìm is gruth is bàrr. ’S e a th’ ann an gruth an stuth tiugh geal a gheibhear nuair a dh’atharraicheas bainne, neo nuair a bhinndicheas e. Tha gruth a’ ciallachadh curds. ’S e a’ Ghàidhlig air curdling binndeachadh. Agus tha fhios agaibh dè tha bàrr a’ ciallachadh, nach eil. An rud a thig am bàrr, a thig suas don uachdar. Ann am bainne, ’s e an rud a thig am bàrr – am bàrr - neo mar a theirear ann am Beurla, the cream. Agus ’s e facal cumanta eile ann air a shon – uachdar.

Ach dè mu dheidhinn an fhacail mèag? ’S e sin an stuth a th’ air fhàgail nuair a chuireas tu an gruth air an darna taobh. Whey, mar a theirear ann am Beurla – mèag neo mèag neo meòg.

Agus dheasaich Anna breacag. ’S e sin cèic neo bonnach neo pancake. Agus an loighne mu dheireadh - ’s mòr mo dhèidh nach bris iad. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil mi ag iarraidh gu mòr nach bris na h-uighean gorm’ anns an nead. Canaidh mi an duan air fad a-rithist, beagan nas luaithe nan turas mu dheireadh:

Dhà-dheug agus trì-deug

Fhuair na mèirlich fìor-leug

Nuair a bhris iad a-steach don chaisteal

Ann am baile Strìmeig

Ceithir-deug ’s a còig-deug

Cheannaich Iain bò bheag

Fhuair e ìm is gruth is bàrr

Is dh’òl na cearcan tòrr mèag

Sia-deug agus seachd-deug

Dheasaich Anna breacag

Thugadh i air falbh ’on bhord

Cò ghoid i? Cha robh beachd aic’.

Ochd-deug, naoi-deug, fichead

Thall air cùl an lios ud

Fhuaireadh nead le uighean gorm

’S mòr mo dhèidh nach bris iad.

Agus is mòr mo dhèidh, ma tha sibh nur pàrant, gum feuch sibh ris na rannan a thug mi dhuibh ionnsachadh is gun innis sibh do ur cuid cloinne iad nuair a tha iad aig an aois cheart. Nuair a smaoinicheas sibh air duain Bheurla mar “four and twenty blackbirds” agus an spòrs a ghabh sibh le sin nuair a bha sibh òg, nach biodh e math an aon seòrsa spòrs a bhith aig ur cloinn le Iain ’s a bhò agus na mèirlich a ghoid an fhìor-leug agus a’ bhreacag. Beannachd leibh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: mèirlich: burglars,robbers; fìor-leug,leug,seud: jewel,precious stone; cheannaich: bought; dheasaich: prepared,cooked; daoimean: diamond; uaireannan: sometimes; inntinn: mind; tiugh: thick; duan: ditty .

Abairtean na Litreach: tha mi a’ dol a chur crìoch air: I am going to finish; tha [i] gar toirt suas bho X gu Y: it takes us up from X to Y; an t-seachdain ’s a chaidh: last week; nuair a bhris iad a-steach don chaisteal: when they broke into the castle; dh’òl na cearcan tòrr mèag: the hens drank much whey; thugadh e air falbh ’on bhòrd: it was taken away from the table; cò ghoid i?: who stole it?; cha robh beachd aic’: she didn’t know (she didn’t have an opinion); thall air cùl an lios ud: over behind yonder garden; fhuaireadh nead le uighean gorm: a nest was obtained with blue eggs in it; ’s mòr mo dhèidh nach bris iad: great is my desire that they shall not break; chan eil càil a dh’fhios agam ca’il X: I have no idea where X is (colloquial).

Puing ghràmair na Litreach: Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh: over the past fortnight (ie the fortnight that left). Ceala-deug is a corruption of ceithir latha deug (14 days) and is more commonly used in speech than the equivalent dà sheachdain (2 weeks). Another equivalent form is cola-deug which appears to be a corruption of còig latha deug (15 days) although today it means the same as ceala-deug. Càit’ am bi thu an ceann ceala-deug? (where you will in a fortnight’s time?). Tha mi a’ dol don Spainn airson ceala-deug anns an Òg-mhìos (I am going to Spain for a fortnight in June). Try and work this phrase into your next Gaelic conversation so that it sticks in your mind.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’s e an rud a thig am bàrr…: the thing that comes to the surface is… Bàrr has a vast number of meanings but this is a common use of the word. It can also be used conceptually eg Thàinig e am bàrr an-raoir gu robh X ri cealg (it became known last night, ie it came to the surface, that X was involved in deceit.)

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean