ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

179: Is fheàrr a’ bhloigh bheag le beannachd...

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh a-riamh an seanfhacal ‘Is fheàrr a’ bhloigh bheag le beannachd na a’ bhloigh mhòr le mollachd’? Canaidh mi a-rithist e: Is fheàrr a’ bhloigh bheag le beannachd na a’ bhloigh mhòr le mollachd. ’S dòcha nach eil sibh eòlach air na faclan sin gu lèir. ’S e a th’ ann am ‘bloigh’ bìdeag de rudeigin. Bidh fios agaibh dè th’ ann am ‘beannachd’. Agus ’s e a th’ ann am ‘mollachd’ – no ‘mallachd’ ann an cuid de sgìrean – rud a tha calg-dhìreach an aghaidh beannachd – a curse.

Ged is ann mar sin a chluinnear an seanfhacal mar as trice, bidh e a’ nochdadh uaireannan ann an seann sgeulachdan mar: Is fheàrr am bonnach beag leis a’ bheannachd nam bonnach mòr leis a’ mhollachd. ’S e a th’ ann am ‘bonnach’ – nàdar de chèic bheag a bh’ air a dèanamh, anns an t-seann aimsir co-dhiù, le min-choirce no min-eòrna.

Anns na seann stòiridhean, tha an seanfhacal seo mar as trice a’ nochdadh an toiseach mar cheist aig màthair do ghille aice, agus e a’ fàgail an taighe airson a dhol a dh’iarraidh fhortain. Uaireannan ’s e an nighean aice a tha a’ falbh a dh’iarraidh a fortain. Ach co-dhiù, canaidh sinn gur e gille a th’ ann.

Bidh a mhàthair a’ tabhann biadh dha, agus i ag ràdh ris, ‘Dè b’ fheàrr leat – bonnach beag le beannachd no bonnach mòr le mollachd?’ Ann an cuid de na stòiridhean, bidh a’ chiad ghille a dh’fhàgas an taigh ag ràdh, “O, gabhaidh mis’ am bonnach mòr eadhon ma thig e le mollachd.’ Tha e sanntach is chan eil e glic. Agus cha tèid gnothaichean gu math dha air an t-saoghal a-muigh.

Uaireannan bidh dàrna mac ann agus bidh an dearbh cheist ga cur airsan le mhàthair: ‘Dè b’ fheàrr leat – bonnach beag le beannachd no bonnach mòr le mollachd?’ Freagraidh e anns an dearbh dhòigh, gum b’ fheàrr leis am bonnach mòr fiù ’s ged a bhios mollachd mhòr na chois. Agus, mar an ceudna, chan eil cùisean a’ dol gu math dha.

An uair sin thig an treas mac, agus e deiseil airson an taigh fhàgail. Cuiridh a mhàthair an dearbh cheist airsan ach tha esan nas glice agus ’s e an fhreagairt a th’ aige gun gabh e am bonnach beag le beannachd. Agus, leis gu bheil e a’ fàgail an taigh aige le beannachd, ged nach eil mòran bìdh aige, tha cùisean a’ dol gu math dha.

Tuigidh sibh an smuain a th’ air cùl an t-seanfhacail agus tuigidh sibh, ma-thà, mar a bha mi a’ meòrachadh air an t-seachdain sa chaidh nuair a dh’fhoillsich am ball pàrlamaid Albannach, Mìcheal Ruiseal, am bile aige airson còraichean a thoirt don Ghàidhlig. Tha e airson còraichean a thoirt dhi air a’ Ghàidhealtachd a-mhàin anns a’ chiad dol a-mach, leis gu bheil e dhen bheachd nach fhaigheadh e taic gu leòr anns a’ Phàrlamaid nan robh am bile a’ buntainn air Alba air fad. ’S dòcha gum biodh beannachd aige airson còraichean na Gàidhlig a sheasamh air a’ Ghàidhealtachd, ach gheibheadh e mollachd airson a leithid iarraidh anns an dùthaich gu lèir.

Ach tha mòran Ghàidheal an aghaidh sgaradh a dhaingneachadh anns an dòigh sin eadar Gàidhealtachd agus Galldachd an là an-diugh. Agus b’ fheàrr leothasan am bile a chur an dàrna taobh gus am bi fear ann airson Alba air fad. Dè ur beachd fhèin air a’ chùis? Am b’ fheàrr leibh fhèin bloigh bheag le beannachd no bloigh mhòr le mollachd? No, ann an cùisean mar sin, am b’ fheàrr dhuinn dìreach na seanfhaclan fhèin a chur an dàrna taobh?

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: bìdeag: a small piece, fragment; beannachd: blessing; mollachd, mallachd: curse; sanntach: greedy; a’ meòrachadh air: contemplating; Mìcheal Ruiseal: Michael Russell.

Abairtean na Litreach: nàdar de chèic bheag a bh’ air a dèanamh le min-choirce no min-eòrna: a type of small cake that was made with oat flour or barley flour; airson a dhol a dh’iarraidh fhortain: to go and seek his fortune; ’s e an nighean aice a tha a’ falbh a dh’iarraidh a fortain: it’s her daughter that is leaving to seek her fortune; dè (a) b’ fheàrr leat?: what would you prefer?; bidh a’ chiad ghille a dh’fhàgas an taigh ag ràdh: the first lad who leaves the house will say; eadhon ma thig e le mollachd: even if it comes with a curse; cha tèid gnothaichean gu math dha: things will not go well for him; fiù ’s ged a bhios mollachd mhòr na chois:even if a big curse comes along with it; ged nach eil mòran bìdh aige: although he doesn’t have much food; tuigidh sibh an smuain: you will understand the thought; am bile aige airson còraichean a thoirt don Ghàidhlig: his bill to give rights to Gaelic; nach fhaigheadh e taic gu leòr anns a’ Phàrlamaid: that he wouldn’t get enough support in the Parliament; airson còraichean na Gàidhlig a sheasamh air a’ Ghàidhealtachd: to stand up for the rights of Gaelic in the Gàidhealtachd; tha mòran Ghàidheal an aghaidh sgaradh a dhaingneachadh eadar X is Y: many Gaels are against the strengthening and confirmation of a divide between X and Y; am b’ fheàrr dhuinn dìreach na seanfhaclan fhèin a chur an dàrna taobh?: would we be better just to discard the proverbs themselves?

Puing-ghràmair na Litreach: bidh an dearbh cheist ga cur airsan le mhàthair: the same question is asked him (‘put on him’) by his mother. Can you explain why, in this passive form, we say ‘ga cur’ and not ‘ga chur’? It is because ceist is a feminine word and the ‘ga’ contains the feminine possessive pronoun which does not lenite the associated noun (eg a cù, her dog cf a chù, his dog). We might say of a singular masculine object, eg isean – bha e ga chur air ais anns an nead. This form should be used sparingly – for example, in the last example we would be more likely to say chaidh a chur air ais anns an nead or bha e air a chur air ais anns an nead. But it can be useful at times. Here are some other examples. Bidh mi gam threòrachadh tron choille leis a’ chù agam (I will be led through the forest by my dog); bha na longan gan càradh aig a’ chala (the ships were being mended at the harbour); bha sibh gur mealladh leis a’ bhodach sin (you were being deceived by that old man). In these last two examples, the structure expresses the feeling that the activity was not instantaneous ie the mending of the ships and the deception by the old man took place over a period. A more finite activity would be expressed with chaidh na longan a chàradh or bha na longan air an càradh; chaidh ur mealladh or bha sibh air ur mealladh.

Seanfhaclan na Litreach: Is fheàrr a’ bhloigh bheag le beannachd na a’ bhloigh mhòr le mollachd: the little thing with a blessing is better than the large one with a curse.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean