ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

77: Oidhche Shamhna

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

An robh samhnair aig an taigh agaibh am bliadhna? Ma tha sibh a’ fuireach ann an Alba, Eirinn neo Aimeireaga a Tuath (agus tha mi mothachail gu bheil feadhainn ag èisteachd ris a’ phrògram seo anns na dùthchannan sin air an eadar-lìon), tha deagh theans ann gu robh – o chionn beagan is ceala-deug. ’S dòcha gu robh còmhlan de shamhnairean ann. Agus ciamar a bhiodh sibh ag aithneachadh samhnair? Uill, tha e furasta gu leòr. Mar as trice, bidh aodann coimheach air, agus aodach neònach, agus bidh e a’ tighinn don doras agaibh air aon oidhche sa bhliadhna – Oidhche Shamhna.

’S e Samhna am facal Samhain anns an tuiseal ghinideach, neo genitive case. Bidh sibh eòlach air Samhain, an latha an-diugh, mar a’ Ghàidhlig airson November. Ach o shean, b’ e an t-Samhain fèill mhòr Cheilteach aig toiseach a’ gheamhraidh, agus b’ e an oidhche mu dheireadh ro thoiseach na Samhna - Oidhche Shamhna.

O shean, bha na Gaidheil a’ creidsinn gum biodh spioradan pàganach a-muigh air Oidhche Shamhna, agus bhiodh mòran daoine a’ togail teine faisg air na taighean aca airson na droch spioradan a chumail air falbh. ’S e an t-ainm a bh’ air teine dhen t-seòrsa seo – samhnag.

Tha an t-samhnag an ìre mhath air a dhol à bith, ge-tà. ’S dòcha gu bheil dà adhbhar ann airson sin. Chan eil daoine an latha an-diugh a’ creidsinn ann an bòcain, is gnothaichean dhen t-seòrsa, mar a b’ àbhaist. Agus, cuideachd, dìreach beagan làithean an dèidh Oidhche Shamhna, bidh mòran a’ comharrachadh tachartas eile le teintean-aighir. ’S e sin Oidhche Ghuy Fawkes, an còigeamh latha dhen t-Samhain.

Ach, ged nach bi teintean ann, bidh samhnairean fhathast a’ dol bho dhoras gu doras air Oidhche Shamhna. Mar as trice, gabhaidh iad òran neo canaidh iad rudeigin èibhinn, agus gheibh iad rudeigin, a ghabhas ithe, bho fhear an taighe neo bho bhean an taighe – rudan mar chnothan, ’s dòcha, ubhal, orainsear neo teòclaid. Agus bheir iad na rudan sin dhachaigh leotha.

Seo tòimhseachan a chuala mi turas aig samhnair nuair a thàinig e don taigh agam. “Dè tha a’ fàs nas duirche le aois?” dh’fhaighnich e.

“Uill, chan e mise a th’ ann!” thuirt mi ris, agus mi a’ smaoineachadh air m’ fhiasaig a tha a’ sìor fhàs liath. “Chan eil fhios a’m. Dè tha a’ fàs nas duirche le aois?”

“Tha,” ars’ an gille, “am feasgar.” Uill, ’s e an fhìrinn a bh’ aige. Agus tha mi cinnteach gun d’ fhuair e cnothan is ubhal is teòclaid airson sin.

’S e seo an t-Samhain, ma thà. Agus ’s e an ath mhìos an Dùbhlachd – am mìos a tha dubh dorch. Tha na h-ainmean Gàidhlig airson nam mìosan gu math inntinneach, agus bheir sinn sùil air feadhainn aca anns an ath litir. Ach bu mhath leam rann aithris dhuibh an-dràsta, a tha ag ainmeachadh a h-uile mìos anns a’ bhliadhna, agus an seòrsa aimsir a bhios ann.

Leis an Fhaoilleach, thig an sneachda,

Anns a’ Ghearran, tuiltean mòr’.

Gheibh sinn stoirmean anns a’ Mhàrt,

Ach tùs nam blàth sa Ghiblean chòir.

Anns a’ Chèitean, bidh uain a’ leumnaich,

Bheir an t-Ogmhìos mòran fàis,

Frasan-cinneachaidh san Iuchar

’S an Lùnasdal – sin mìos a’ bhàrr.

Measan agus sealg san t-Sultain,

Cnothan anns an Dàmhair dhuinn,

Gailleann ’s lomadh chraobh san t-Samhain,

’S an Dùbhlachd dhorch as annsa leinn.

Uill, chan eil fhios a’m am bi sibh ag aontachadh ris an loighne mu dheireadh! Co-dhiù chan fhada gus am bi an Dùbhlachd againn. Agus chan fhada gus am bi Litir eile againn – an ceann seachdain. Beannachd leibh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: samhnair: Hallowe’en guiser; còmhlan: group; ag aithneachadh: recognising; aodann coimheach:mask (as used on Hallowe’en); Samhain: November (and old Celtic Festival); spioradan pàganach: pagan spirits; samhnag:bonfire built on Hallowe’en; bòcain: evil spirits; cnothan: nuts; tòimhseachan: puzzle,riddle; an Dùbhlachd: December; a’ leumnaich: jumping;

Abairtean na Litreach: tha deagh theans ann gu robh: there is a good chance there was; bidh mòran a’ comharrachadh tachartas eile le teintean-aighir: many commemorate another happening with bonfires; bheir iad na rudan sin dhachaigh leotha: they take those things home with them; dè tha a’ fàs nas duirche le aois?: what gets darker with age?; leis an Fhaoilleach thig an sneachda: with January comes the snow; tùs nam blàth sa Ghiblean chòir: the start of blossoms in pleasant April; bheir an t-Og-mhìos mòran fàis: June brings on much growth; frasan-cinneachaidh san Iuchar: growth-inducing showers in July; mìos a’ bhàrr: the month of crops; measan agus sealg san t-Sultain:fruit and hunting in September; cnothan anns an Dàmhair dhuinn: nuts in brown October; gailleann ’s lomadh chraobh: storm and the baring of trees.

Puing ghràmair na Litreach: ’S an Dùbhlachd dhorch as annsa leinn: and dark December which we like the best. (This is a highly questionable statement!) Annsa is an example of an irregular comparative form of an adjective, in this case ionmhainn , which means dear or beloved. This is by no means unique and you will already be familiar with other examples of adjectives whose comparatives look quite unrelated to the original. Math (good) changes to feàrr, so we say: tha X nas fheàrr na Y(X is better than Y). Note that the English language boasts similar examples, such as better, which is the comparative form of good . Another English example is bad and worse, which correspond to dona and miosa in Gaelic. We say: tha X nas miosa na Y. Here is an exercise for you: look up and write down the comparative forms of the following Gaelic adjectives: beag, teth, goirid, furasta, duilich. Incidentally, the word ionmhainn is a rather nice one. If you want to write a letter to somebody for whom you feel extreme respect and affection, you might start it “A charaid ionmhainn…”

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan fhada gus am bi an Dùbhlachd againn: it is not long until December. Chan fhada is a useful phrase, but can only be used for looking forward. If you are looking back to a past event, you must say cha b’ fhada eg cha b’ fhada gus an robh an Titanic air a dhol fodha (it was not long until the Titanic had sunk)

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean