ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

74: Rannsachadh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Uaireannan, bidh sinn a’ cleachdadh faclan airson bliadhnaichean gun fios a bhith againn cò às a thàinig iad bho thùs. Tha eisimpleir againn anns an fhacalteòclaid neo, ann am Beurla, chocolate. Thàinig am facal sin a-steach don Bheurla anns an t-seachdamh linn deug bhon Spàinntis, chocolate.

Ach chan e facal Spainntis a bh’ ann bho thùs. Thog na Spàinntich e thall ann am Mexico bhon treubh ainmeil anns an dùthaich sin, na h-Aztecs. Ann an Aztec, agus gabhaibh mo leisgeul ma tha mi ga ràdh gu ceàrr, ’s e xocolatl a bh’ ann, agus thàinig e bho dhà fhacal anns a’ chànan aca, xococ, a tha a’ ciallachadh “searbh”, agus atl, a tha a’ ciallachadh “uisge”. Mar sin, tha co-dhiù aon fhacal againn ann an Gàidhlig a thàinig bho thùs bho chànan nan Aztecs.

’S e a thug orm smaoineachadh mu dheidhinn seo gu robh mi a’ dèanamh beagan rannsachaidh. Seadh, bha mi a’ rannsachadh. Agus dè thàinig fo m’ aire ach am facal sin fhèin – rannsachadh. An latha an-diugh, cluinnear gu math tric e, gu h-àraidh anns na naidheachdan air an rèidio agus air telebhisean. Tha e co-ionann ris an fhacal research neo inquiry ann am Beurla.

Canaidh sinn ionad-rannsachaidh airson research institute, sgioba-rannsachaidh airson research team, rannsachadh poblach airson public inquiry is mar sin air adhart. Cluinnidh sibh rudan air an rèidio mar “tha am poilis a’ rannsachadh bàs fir ann an Glaschu.” ’S e cuideachd am facal a tha sinn a’ cleachdadh far a bheilear ag ràdh explore neo exploration ann am Beurla. ’S e fear-rannsachaidh ainmeil a bh’ ann an Daibhidh Mac Dhunleibhe, ann an Afraga, mar eisimpleir.

Ach, ma bheir sibh sùil ann am faclair, chì sibh gu bheil am facal cuideachd a’ ciallachadh “a’ coimhead airson rudeigin”, “a’ rùrachadh” agus “a’ sgrùdadh”. Nuair a bhios an gille agam ag iarraidh stocainnean a lorg anns a’ mhadainn, feumaidh e uaireannan rannsachadh mòr a dhèanamh anns an t-seòmar aige, leis na th’ ann de stuth aige, agus e gu lèir mì-sgiobalta!

Tha a’ chiall sin nas fhaisge air a’ chiall a bh’ air an fhacal rannsachadh aig tùs. Agus cò às a thàinig am facal? Uill, a rèir nan sgoilearan, ’s ann à cànan nan Lochlannach a thàinig e. Ann an Lochlannais, ’s e rannsaka a bh’ ann. Thàinig e bho dhà fhacal anns a’ chànan sin – rann, a’ ciallachadh taigh, agus saka, a’ ciallachadh lorg, neo coimhead airson rudeigin. Rannsaka.

Nise, bidh sibh eòlach air facal Beurla a thàinig bho na dearbh fhreumhan Lochlannach. Ransack. Tha sin a’ ciallachadh an-diugh “a’ milleadh”, neo “a’ creachadh”. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh “a’ coimhead gu mionaideach airson rudeigin ann an taigh, neo bocsa, neo àite dhen t-seòrsa”. Is tha an dearbh chiall fhathast aig rannsachadh anns a’ chànan againn fhèin.

Tha smuain a’ cuairteachadh nam cheann mu na Lochlannaich nuair a thàinig iad a dh’Alba an toiseach, agus iad a’ togail chreach anns na manachainnean agus taighean aig na Gaidheil air cladaichean na dùthcha. Tha mi a’ faicinn nam inntinn dealbh de bhalach òg a’ ruith a dh’ionnsaigh an taigh’ aige air costa siar na Gaidhealtachd, agus an t-eagal air.

“A Mhamaidh, a Mhamaidh,” tha e ag èigheachd, “tha Lochlannaich a’ tighinn. Daoine mòra le clogaidean is claidheamhan.”

“O,” tha a mhàthair ag ràdh, “tha iad a’ tilleadh – airson tuilleadh dhen ‘rannsachadh’ aca a dhèanamh.”

“Och uill, tha sin math gu leòr, ma thà,” tha am balach a’ freagairt. “Tha mi an dòchas, ge-tà, nach cur iad cus cheistean orm!”

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: teòclaid: chocolate; Spàinntis: Spanish language; a’ rùrachadh: rummaging, searching, groping; a’ sgrùdadh:scrutinizing, investigating, researching; stocainnean: socks; ciall: meaning; Lochlannach: Viking; Lochlannais: Norse language; a’ milleadh: damaging, destroying; a’ creachadh: plundering, ruining; clogaidean: helmets; claidheamhan: swords.

Abairtean na Litreach: cò às a thàinig iad bho thùs: where they came from originally; gabhaibh mo leisgeul ma tha mi ga ràdh gu ceàrr: excuse me if I am saying it wrongly; feumaidh mi aideachadh nach eil mi eòlach orra: I must admit that I do not know them; cluinnear gu math tric e: it is heard quite often; tha am poilis a’ rannsachadh bàs fir ann an Glaschu: the police are researching the death of a man in Glasgow; ’s e fear-rannsachaidh ainmeil a bh’ ann an Daibhidh Mac Dhunleibhe: David Livingstone was a famous explorer; tha a’ chiall sin nas fhaisge air a’ chiall a bh’ air X aig tùs: that meaning is closer to X’s original meaning; a thàinig bho na dearbh fhreumhan Lochlannach: that came from the same Norse roots; tha smuain a’ cuairteachadh nam cheann: a thought is circulating in my head; a’ togail chreach anns na machainnean agus taighean aig na Gaidheil:plundering the monasteries and houses of the Gaels; tha mi an dòchas nach cur iad cus cheistean orm: I hope they will not ask me too many questions.

Puing ghràmair na Litreach: Last week we looked at the slenderisation of the singular noun, and its adjectives, in the genitive case. It crops up again in the word which is the subject of this week’s Litir – rannsachadh (in its nominative form). In the genitive singular form, this is rannsachaidhand it occurs as such in the following instances: beagan rannsachaidh (a little [of] research) and tuilleadh rannsachaidh(more [of] research). It also occurs in the genitive form in a couple of compound nouns, functioning as an adjective, ie ionad-rannsachaidh(research institute) and sgioba-rannsachaidh (research team). This would also be the form used with the verbal noun in the presence of the definite article ie tha mi a’ dèanamh an rannsachaidh (I am doing the research).

Gnàthas-cainnt na Litreach: leis na th’ ann de stuth aige, agus e gu lèir mì-sgiobalta: with the amount of stuff he has, which is all untidy. Leis na th’ ann is a useful expression. Leis na bh’ ann de luchd-amharc gach oidhche, bha na geamannan Oilimpigeach gu math soirbheachail (with the amount of spectators they had every night, the Olympics were very successful).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean