ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

6: Sloinneadh, cinneadh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ leughadh leabhar o chionn ghoirid mu bhana-ghaisgeach Ghaidhealach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Ann am Beurla ’s e “Flora MacDonald” a bh’ oirre mar ainm, agus tha i ainmeil airson ’s mar a chuidich i am Prionnsa Teàrlach Og Stiùbhart nuair a bha e a’ teicheadh bho na saighdearan dearga an dèidh Blàr Chùil Lodair.

Ann an Gàidhlig b’ e a h-ainm, neo a sloinneadh, Fionnaghal nighean Raonuill ‘ic Aonghais Oig. Tha sin car fada ’s dòcha, ach bha e a’ ciallachadh fad’ a bharrachd do na daoine a bha eòlach air a’ choimhearsnachd anns an robh i a’ fuireach na bha “Fionnaghal Dhòmhnallach” neo Flora MacDonald. Ach ’s i a’ cheist a th’ agamsa mun chùis – ciamar a dh’atharraich Fionnaghal ann an Gàidhlig gu Flora ann am Beurla?

Tha rudeigin inntinneach air tachairt do chuid de dh’ainmean pearsanta ann an Gàidhlig, agus ’s e seo eisimpleir math dhiubh. Dh’atharraich Fionnaghal gu Flora, ach thàinig e air ais don Ghàidhlig a-rithist bhon Bheurla mar “Flòraidh”. Agus an-diugh tha Flòraidh fada nas cumanta na Fionnaghal mar ainm.

Tha an aon seòrsa rud air tachairt le cuid de na sloinnidhean ùra – na darna h-ainmean a chuir na Gàidheil orra fhèin airson sealltainn dè an cinneadh a bh’ aca. Ainmean mar “Moireasdan”. O thùs, b’ e seo “Mac Ille Mhoire”, agus chaidh e tarsainn don Bheurla mar Morrison. Ach an uairsin thill Morrison don Ghàidhlig mar “Moireasdan”. Agus ’s ann ainneamh a chluinneas tu Mac Ille Mhoire an-diugh. ’S e Moireasdan as cumanta.

Thachair an aon rud le Mac Fhionnla neo Mac Fhionnlaidh. ’S e seo Finlayson ann am Beurla, agus tha sin air a dhol air ais don Ghàidhlig mar “Fionnlasdan”. Thachair an aon rud le Mac Fheargais, Fergusson agus Feargasdan.

Ach tha ainm neo dhà ann nach eil furasta obrachadh a-mach. Tha cuimhn’ agam air fear a bha càirdeach dhomh às a’ Chomraich. ’S e a’ chiad ainm a bh’ air – Fearchar. ’S e an cinneadh a bh’ aige “Mac an Lèigh” agus mus deach e gu sgoil, bha e a’ smaoineachadh gur e an t-ainm “ceart” a bh’ air - “Fearchar Mac an Lèigh”. “Aaa!” thuirt an tidsear ris air a’ chiad latha aig sgoil, agus e fhathast gun fhacal Beurla na cheann, “’s e “Farquhar Livingstone” a bhios ort ann am Beurla ma tha!”

Uill, cha do thuig Fearchar bhon latha sin gu latha a bhàis carson is e Livingstone a’ Bheurla airson Mac an Lèigh. Cha do thuig neo mise - chun an latha an-diugh.

Ach air ais do dh’ainm na bana-ghaisgich – Fionnaghal neo Flòraidh Dhòmhnallach. ’S dòcha gu robh an t-ainm Flòraidh timcheall nuair a bha i fhèin beò. Tha fios againn gun do sgrìobh i a h-ainm ann am Beurla uaireannan F-L-O-R-Y, le Y aig an deireadh an àite A. Tha Flòraidh neo dhà eile ann às na h-Eileanan Siar a tha cuideachd ainmeil, leithid an t-seinneadair Flòraidh NicNèill. Ach chanainn fhèin gur i Flòraidh Dhòmhnallach an tè as ainmeile.

Agus dh’fhàg sin gu do rinn mi mearachd o chionn ghoirid. Bidh mi uaireannan a’ ceannach leabhraichean a-mach à catalog le bhith dìreach a’ coimhead air na tiotalan. Agus anns a’ chatalog chunnaic mi an tiotal – Flora of the Western Isles. Bha mi cinnteach gur e a bh’ ann leabhar mu dhèidhinn Flora MacDonald fhèin. Bha i cho ainmeil ’s nach leigeadh iad a leas MacDonald a chur anns an tiotal. Dheanadh Flora a’ chùis leis fhèin.

Ach gu mi-fhortanach nuair a thàinig an leabhar, cha robh sgeul air Flòraidh. Cha robh ann ach rudan mar Plantago lanceolata agus Ranunculus bulbosus!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na na Litreach: bana-ghaisgeach: heroine; ainmeil: famous; coimhearsnachd: community; ainneamh: rare, rarely; càirdeach (dhomh): related (to me); chanainn: I would say; tiotal: title.

Abairtean na na Litreach: Blàr Chùil Lodair: the battle of Culloden; o chionn ghoirid: a short time ago, recently; an aon rud: the same thing; an aon seòrsa rud: the same type of thing; o thùs: from the beginning; gu mi-fhortanach: unfortunately.

Puing ghràmair na na Litreach: B’ e a h-ainm … ; her name was … B’ e is the past tense form of ’s e and the “h” in front of ainm signifies it is “her” name. The masculine form would be “B’ e ainm …” Names are very different entities in traditional Gaelic communities from those in modern English-speaking society. The sloinneadh was originally a patronymic and still operates as such within the most traditional communities. But sloinneadh has also more recently come to mean a surname, as in English, and this usually equates to what was originally a cinneadh , or clan name. My sloinneadh, in its traditional sense, is Ruairidh mac Fhionnlaidh ’ic Dhòmhnaill ’ic Fhionnlaidh but, since my family is split between two very different and separate Gaelic communities, and since I live in a town, this is actually of limited use to me today. My cinneadh is MacIlleathain, but if somebody were to ask me “dè an sloinneadh a th’ ort?” I would reply “MacIlleathain” unless I knew that he was specifically seeking my patronymic.

Gnàthas-cainnt na na Litreach: Cha do thuig neo mise:I didn’t understand either. This is a phraseology which the learner approaching fluency should attempt to master. Look at the following example: Dòmhnall: Am faca tu a’ mhuc-mhara, a Chaluim? (did you see the whale, Calum?). Calum: Chan fhaca. (No). Dòmhnall: Chan fhaca neo mise, ach thuirt Alasdair gu robh i mòr. (I didn’t either but Alasdair said she was big).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean