ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

20: Bodach na Sìde

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Chan fhada gus am bi “Bodach na Sìde” a’ cur briathrachas eile aige gu feum – briathrachas nach robh gu mòran feum thairis air mìosan an t-samhraidh. ‘S e sin briathrachas sìde a’ gheamhraidh. Seadh, a chàirdean. Tha am foghar ann agus chan fhada gus am bi fuachd is stoirmean a’ gheamhraidh a’ bualadh oirnn a-rithist.

’S ann tric a bhios sinn a’ bruidhinn air an aimsir ann an Alba agus chanainn gu bheil mòran fhaclan againn ann an Gàidhlig mu dheidhinn coltas na sìde. Gu h-àraidh mu dheidhinn uisge is ceò! Mar a bha i, mar a tha i agus mar a bhitheas i. Bha bana-charaid agam às Astràilia a-bhos a seo o chionn ghoirid. Bha i anns an Eilean Sgitheanach airson a’ chiad turais, agus thuirt i gu robh i air a chluinntinn, mus deach i don eilean, gu robhar a’ faighinn gach ràith dhen bhliadhna taobh a-staigh latha. Ach an dèidh dhi bhith anns an eilean airson seachdain, thuirt i rium gu robh sin fada ceàrr. “Bithear a’ faighinn gach ràith taobh a-staigh deich mionaidean!” thuirt i. Thug i sgàilean leatha don eilean ach bha e gu beag feum air sgàth na gaoithe. Cha b’ fhada gus an deach a bhriseadh ann an stoirm.

Agus fhad ’s a tha mi a-mach air aimsir taobh siar na Gàidhealtachd, tha mi ’n dùil gun cuala sibh mar tha ro-shealladh na h-aimsir anns a’ Ghearasdan, fear de na bailtean as fhliuche ann an Alba. Uill, mura cuala, seo e. Mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann; ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann!

Ach mus nochd faclan a’ gheamhraidh aig Bodach na Sìde, rudan mar “sneachd”, “flin” agus “clachan-meallain”, ’s fhiach sùil a thoirt air mar a bhios luchd-naidheachd Radio nan Gàidheal ag aithris na sìde. Seo na bh’ air prìomh phrogram-naidheachd na maidne, ris an canar “Aithris na Maidne”, o chionn ghoirid:

Bidh a’ chuid mhòr de dh’Alba tioram le greisean grianach an còrr dhen latha. Ach bidh i sgòthach ro bheul na h-oidhche ann an cuid de sgìrean mun iar, shìos mu Earra-Ghaidheal agus gu h-àraid anns na h-Eileanan Siar agus anns an iar-thuath. Leanaidh i mar sin tron oidhche, le frasan anns an iar-thuath agus anns na h-Eileanan Siar. Ruigidh i tri-deug neo ceithir-deug Celsius tron latha an-diugh ach bidh i fuar a-nochd, a’ tuiteam gu dìreach tri neo ceithir Celsius.

A’ coimhead romhainn gu deireadh na seachdanach – blàth, tioram, grianach a-màireach, ach gum bi am fìor cheann a tuath agus an iar-thuath sgòthach le corra fhras. Agus Latha na Sàbaid, bidh i nas sgòthaiche le frasan anns a h-uile h-àite, agus bidh a’ ghaoth an àirde beagan.

Nach math an naidheachd a bh’ aig Bodach na Sìde an turas sin, agus e ag innse dhuinn gum biodh a’ chuid mhòr de dh’Alba tioram le greisean grianach. ’S ann ainneamh a chluinneas sinn na faclan sin anns na beagan mhìosan romhainn, gu mi-fhortanach. Mar is trice, cluinnidh sinn gum bi a’ chuid mhòr de dh’Alba fliuch is fuar. Bidh sinn beò an dòchas, ge-tà, gum faigh sinn corra shealladh dhen ghrèin bho àm gu àm!

Ach bha uair ann a chuala mi aithris mu choltas na h-aimsir air rèidio, ann an Gàidhlig, a bha gu math eadar-dhealaichte bho na tha romhainn anns a’ gheamhradh seo. Chaidh i rudeigin mar seo. “Bidh i blàth is tioram is grianach fad an latha an-diugh. Ruigidh i mu chòig deug ar fhichead (35) Celsius, aig a’ char as blàithe, agus bidh a’ ghaoth aotrom.” Agus càit’ an robh seo? Uill, feumaidh mi bhith onorach. Cha b’ ann an Alba a bha e, ach air a’ phrògram Gàidhlig ann am Melbourne ann an Astràilia!

Feuch gun cum sibh blàth anns an t-seachdainn romhainn…

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Bodach na Sìde: the Weatherman; briathrachas: vocabulary; foghar: autumn; fuachd: cold; stoirmean: storms; uisge is ceò: rain and mist; bana-charaid: female friend (or relative); ràith: season; an Gearasdan: Fort William; Beinn Nibheis: Ben Nevis; flin: sleet; clachan-meallain: hailstones; sgòthach: cloudy; beul na h-oidhche:dusk; gu h-àraid (or gu h-àraidh): particularly; greisean grianach: sunny spells; ainneamh; rare; aotrom: light

Abairtean na Litreach: Chan fhada gus am bi: it’s not long until; nach robh gu mòran feum: that wasn’t of much use; thairis air mìosan an t-samhraidh:over the summer months; a’ bualadh oirnn: hitting us; mar a bha i, mar a tha i agus mar a bhitheas i:as it was, so it is and so it shall be; mus deach i don eilean: before she went to the island; taobh a-staigh deich mionaidean: inside ten minutes; thug i sgàilean leatha: she took an umbrella with her; gu beag feum: of little use; cha b’ fhada gus an deach a bhriseadh: it wasn’t long until it got broken; ro-shealladh na h-aimsir: the weather forecast; tha an t-uisge gu bhith ann: it is about to rain; ’s fhiach sùil a thoirt air: it’s worth looking at; a’ chuid mhòr de dh’Alba: most of Scotland; a’ coimhead romhainn gu deireadh na seachdanach: looking ahead (before us) to the end of the week (na seachdanach is an alternative to na seachdaine); corra fhras: an occasional shower; bidh sinn beò an dòchas: we live in hope; corra shealladh dhen ghrèin: an occasional glimpse of the sun

Puing ghràmair na Litreach: a-bhos a seo: over here. This is the opposite to thall, over there. It is important to understand that both thall and a-bhos indicate that the individual’s or object’s movement has ceased. If you want to indicate current movement towards or away, you have to use a-nall and a-null (which we’ll look at in a later letter). Seall air an duine thall a siud (look at the man over there); dè cho fad’s a tha thu a-bhos? (how long are you here? – said to somebody who lives elsewhere); bha e a’ fuireach thall an Canada an-uiridh (he was living over in Canada last year); ’s fheàrr leam a bhith a-bhos an seo as t-samhradh (I prefer to be here in the summer). Both are contained in the common phrase thall ’s a-bhos (here and there); Bha mi a’ coimhead air a shon thall ’s a-bhos ’s anns a h-uile h-àite (I was looking for him here, there and everywhere).

Gnàthas-cainnt na Litreach: aig a’ char as blàithe: at the warmest. “Aig a’ char as …” is the easiest and neatest way of saying “at the greatest extent” of almost anything; it is used in conjunction with the comparative form of the appropriate adjective eg bidh e tri tunna aig a’ char as truime (it will be three tons at the heaviest); cosgaidh e coig nota deug aig a’ char as àirde (it will cost £15 at the most); bidh e trì meatair aig a’ char as fhaide (it will be 3m at the longest); bidh agad ri feitheamh dà uair a thìde aig a’ char as miosa (you will have to wait for 2 hours at worst).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean