ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

157: Ailean Tharmoid

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Saoilidh mi gu bheil barrachd dhaoine mar Ailean Màrtainn, Ailean Tharmoid, a dhìth oirnn an-diugh, gu h-àraidh anns an strì airson ar cànan a chumail beò. ’S e gaisgeach dha-rìreabh a bh’ ann an Ailean. Air an dàrna là deug dhen Mhàrt, naoi-deug is naoi-deug (1919), thàinig mu mhìle duine cruinn ann an Griais gu tuath air Steòrnabhagh ann an Leòdhas airson èisteachd ris a’ Mhorair Leverhulme, uachdaran an eilein, aig an robh planaichean airson gnìomhachas mòr a chur air chois ann an Steòrnabhagh, stèidhichte air èisg na mara.

Ach bha Leverhulme an aghaidh croitearachd. Cha robh e airson ’s gum biodh muinntir an àite a’ briseadh nan tuathanasan, mar fhear Ghriais, ann am pìosan airson croitean a dhèanamh. Bha e airson ’s gum biodh na tuathanasan mòra air an glèidheadh airson bainne a dhèanamh don luchd-obrach aige ann an Steòrnabhagh. Sheas e air baraille agus dh’innis e do mhuinntir an àite na bha fa-near dha. Bha e a’ dol glè mhath dha, gus an do thog Ailean Màrtainn a ghuth. Agus seo, a rèir aithris, na thuirt esan, ann an Gàidhlig, ris an luchd-èisteachd:

“Seo seo, fhearaibh! Cha dèan seo an gnothach! Bheir am bodach mil-bheulach a tha sin an creidsinn oirbh gu bheil dubh geal is geal dubh. Ciod e dhuinn na bruadaran aige, a thig no nach tig? ’S e am fearann a tha sinn ag iarraidh. Agus ’s e a tha mise a’ faighneachd – an toir thu dhuinn am fearann?!” Chaidh sin eadar-theangachadh airson Leverhulme agus fhreagair e nach toireadh e am fearann seachad a-muigh no mach. Thog fear eile, Iain MacLeòid, a ghuth an uairsin, ann am Beurla, agus thuirt e gu robh Leverhulme air an t-eilean a cheannach, ach nach robh e air na daoine a cheannach. Agus nach robh muinntir Leòdhais airson a bhith nan tràillean do dhuine sam bith.

Tha e car annasach dhomh gu robh a h-uile càil stèidhichte air bainne oir, fiù ’s aig an àm sin, bha leth-cheud gailean dheth a’ tighinn don eilean gach là à Obair Dheathain, agus tha e doirbh gun a bhith ag aontachadh ri ball pàrlamaid nan eilean – gun gabhadh an dà chuid, factaraidhean agus còraichean croitearachd, leasachadh còmhla.

Bha mì-thoileachas mòr ann an Leòdhas oir bha cion-obrach gu leòr ann, agus bha cuid dhen bheachd gu robh gaisgich an fhearainn a’ cur planaichean Leverhulme ann an cunnart. ’S dòcha gu robh, ach tha e coltach gu robh duilgheadasan ionmhais aig Lever Brothers cuideachd, a chuir teagamh air na planaichean. Mu dheireadh, thuirt Leverhulme gu robh e a’ fàgail Leòdhais. Ann an naoi deug is trì ar fhichead, fhuair e cuidhteas a’ chuid mhòr dhen fhearann. Thabhann e don mhòr-shluagh e, ach chaidh sin a dhiùltadh anns a’ chuid mhòir de dh’àiteachan, co-dhùnadh a tha fhathast a’ togail ceist, agus pàirtean de Leòdhas ann an làmhan daoine nach eil a’ toirt spèis do mhuinntir an àite. Chaidh a ghabhail ris ann an Steòrnabhagh, ge-tà, agus tha am fearann sin fhathast air a riaghladh le buidheann-choimhearsnachd, Urras Steòrnabhaigh.

Dh’fhulaing eaconomaidh an eilein agus dh’fhàlbh mòran as dèidh do Leverhulme fhèin falbh. Ach tha mòran dhen bheachd an-diugh, mura b’ e gun do ghabh na gaisgich greim air an fhearann ann an àiteachan mar Ghriais is Coll, gu robh sluagh Leòdhais air a bhith mòran na bu lugha na tha e, is nach robh na planaichean aig Leverhulme gu bhith cho soirbheachail no cho maireannach ’s a bha esan a’ cumail a-mach.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: gaisgeach: hero; Griais: Gress; croitearachd: crofting; fhearaibh!: men!; tràillean: slaves; ball pàrlamaid:member of parliament; a’ mì-thoileachas: unhappiness; thabhann e: he offered; Urras Steòrnabhaigh: the Stornoway Trust; dh’fhulaing: suffered; soirbheachail: successful; maireannach: long-lasting.

Abairtean na Litreach: gum biodh na tuathanasan mòra air an glèidheadh: that the big farms would be preserved; sheas e air baraille agus dh’innis e do mhuinntir an àite na bha fa-near dha: he stood on a barrel and told the people of the place what he intended; cha dèan seo an gnothach: this will not do; bheir am bodach mil-bheulach an creidsinn oirbh: the honey-mouthed old man will have you believe; ciod e dhuinn na bruadaran aige?: what are his dreams to us?; an toir thu dhuinn am fearann?: will you give us the land?; nach toireadh e am fearann seachad a-muigh no mach: that there is no way he would give up the land; gu robh e air an t-eilean a cheannach ach nach robh e air na daoine a cheannach: that he had bought the island but that he had not bought the people; bha leth-cheud gailean dheth a’ tighinn gach là à Obair Dheathain: there were 50 gallons of it coming every day from Aberdeen; gun gabhadh an dà chuid, factaraidhean agus còraichean croitearachd, leasachadh còmhla: that both factories and crofting rights could be developed together; bha e ag iarraidh cus smachd a ghabhail orra: he wanted to control them too much; fhuair e cuidhteas a’ chuid mhòr dhen fhearann: he got rid of most of the land; chaidh sin a dhiùltadh: that was refused; air a bhith mòran na bu lugha na tha e: would have been much smaller than it is.

Puing-ghràmair na Litreach: thàinig mu mhìle duine cruinn: about a thousand people gathered. Do you notice that in Gaelic we say literally “thousand man” ie mìle duine, not mìle daoine. This is because mìle commands a noun in the singular, not the plural. So we would say mìle saighdear (a thousand soldiers), mìle bòrd (a thousand tables). It would be totally unnatural to the ear, and grammatically wrong, to pluralise the noun in such a situation. The same is true for nouns qualified by fichead, ceud and millean. For example, we would say fichead càr (twenty cars) not fichead càraichean, ceud balach(a hundred boys) not ceud balaich and millean cuileag (a million flies), not millean cuileagan. The same applies to multiples of these numbers – the nouns are still in their singular forms - eg trì fichead duine, dà cheud botal, ochd mìle saighdear, deich millean cuileag. And I am sure you will be familiar with the expressions ceud taing (a hundred thanks), mìle taing(a thousand thanks) and, if you are extremely grateful to somebody, ceud mìle taing (a hundred thousand thanks). Remember them as a variation on tapadh leibh.

Gnàthas-cainnt na Litreach: saoilidh mi gu bheil barrachd dhaoine mar Ailean Màrtainn, Ailean Tharmoid, a dhìth oirnn an-diugh: I reckon that we need more people like Allan Martin, Allan son of Norman, today. Saoilidh mi: I reckon, consider, think.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean