ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

4: Leabhar Dheir

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha bàrd uaireigin a’ fuireach ann an Eilean Phabaigh, eadar na Hearadh agus Uibhist a Tuath, air an robh Niall Moireasdan mar ainm. Ann am fear de na h-òrain aige, bha na faclan seo: “Gun agam ach a’ Ghàidhlig, ’s pàirt dhith nach eil uil’ agam..”

Bha am bàrd dhen bheachd, ged nach robh cànan sam bith aige ach a’ Ghàidhlig, agus ged a bha e math math air faclan a chur ri chèile ann am bàrdachd, nach robh e eòlach air a’ chànan gu lèir. ’S e duine glic a bh’ ann. Cha leig sinn a leas ach sùil a thoirt air an fhaclair a rinn Eideard Dwelly airson tuigsinn gu bheil mòran fhaclan ann an Gàidhlig nach bi aig a h-uile duine a-chaoidh. Tha an aon rud fìor mu na faclan anns a’ Ghreater Oxford Dictionary ann am Beurla.

Agus tha e fìor ri ràdh cuideachd gu bheil mòran fhaclan air a dhol à bith, anns a h-uile cànan. Cha robh a’ Ghàidhlig anns an t-seann aimsir mar a tha i an-diugh. Agus tha e gu math inntinneach coimhead air an leabhar as sine a th’ againn anns a bheil Gàidhlig na h-Alba sgrìobhte. ’S e sin Leabhar Dheir, neo mar a chanas iad ris ann am Beurla – the Book of Deer.

Cha robh e air a sgrìobhadh faisg air Eilean Phabaigh. Cha robh idir. Fhuair e ainm bho Sgìre Dheir, neo Old Deer, ann an Siorrachd Obair Dheathain anns an robh manachainn Cheilteach anns an t-seann aimsir. Sgrìobh manach, neo manaich, an leabhar ann an Deir anns an naoidheamh linn, o chionn còrr is mìle bliadhna.

Ach chan eil an sgrìobhadh Gàidhlig cho sean sin. ’S ann an Laideann a bha an leabhar fhèin, a’ gabhail a-steach pàirtean dhen Bhìoball agus sgrìobhaidhean eile co-cheangailte ri creideamh. Ach uaireigin anns an darna linn deug chuir duine eile barrachd ris – sgrìobhaidhean Gàidhlig aig oirean nan duilleag agus ann am beàrnan bàna. Tha na faclan sin còrr is ochd ceud bliadhna a dh’aois, agus tha feadhainn aca doirbh dhuinn tuigsinn an-diugh.

Tha iad ag innse sgeul mu eachdraidh na manachainn’ ann an Deir agus eachdraidh t’èile air a’ chosta mu thuath – ann an Obair Dobhair. Seo mar a thòisicheas e anns an t-seann Ghàidhlig: “Columcille agus Drostan mac Cosgreg a dalta tangator a hI mar ro alseg Dia doib gonic Abbordoboir...” Neo rudeigin mar sin. Gu fortanach tha sgoilearan a’ chànain air eadar-theangachadh a dhèanamh air na seann fhaclan. “Thàinig Calum Cille agus Drostan mac Choscraich, a dheisciobal, às I, mar a threòraich Dia iad, gu ruige Obair Dobhair…” Tha Drostan fhathast air a chuimhneachadh anns an ear-thuath, agus ann an sgìrean eile, mar naomh. Agus tha sinn uile eòlach air Calum Cille, agus air Eilean I.

’S ann anns an leabharlann ann an Oilthigh Chambridge a tha Leabhar Dheir an-diugh. Ged a tha cuid a’ gearan gu bheil e ann an Sasainn seach Alba, ’s dòcha gur e sin a chum an leabhar sàbhailte. Feumaidh sinn cumail nar cuimhne gu robh mòran seann leabhraichean air an sgrios aig àm an Ath-Leasachaidh ann an Alba.

Agus feumaidh sinn cumail nar cuimhne cuideachd gu robh a’ Ghàidhlig uaireigin air a bruidhinn gu mòr ann an taobh sear na h-Alba, ann an Siorrachd Obair Dheathain. Bha mi ann am baile Obair Dheathain o chionn ghoirid agus thuirt fear rium nach robh a’ Ghàidhlig air a bruidhinn anns an sgìre sin a-riamh. Agus cha robh e airson beachd eile a chluinntinn air a’ chùis. Feumaidh nach cual’ e mu Leabhar Dheir. Agus feumaidh nach robh e dhen aon bheachd ri bàrd glic Phabaigh, Niall Moireasdan - ge bith dè cho fiosrach ’s a tha sinn mu rud sam bith, gu bheil mòran ann air nach eil sinn eòlach.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na na Litreach: uaireigin: some time, at one time; glic: wise; a-chaoidh: ever, for ever; Siorrachd Obair Dheathain:Aberdeenshire; manach, manaich: monk, monks; manachainn: monastery; threòraich: guided; nar cuimhne: in our memory; fiosrach: knowledgeable, well-informed.

Abairtean na na Litreach: à bith: extinct, out of existence; an leabhar as sine: the oldest book; aig àm an Ath-Leasachaidh: at the time of the Reformation.

Puing ghràmair na na Litreach: bha e math math air…: he was very good at…; There are different ways of strengthening an adjective in Gaelic. In some instances, particularly with simple adjectives, the word can be repeated. I once heard a conversation between two children which went like this (with outstretched arms): Q: “an robh an t-iasg mòr? A: “Bha! Bha e mòr mòr mòr mòr mòr!” Another way is to precede the adjective with another adjective eg uabhasach brèagha: terribly (very) beautiful. In Argyll fiadhaich (wild) is often used in the same way. Bha e fiadhaich math: it was very good.

Gnàthas-cainnt na na Litreach: cha leig sinn a leas: we don’t need to. The “a” is dropped where the preceding word ends in a vowel eg cha leag thu leas:you don’t need to. Cha leig thu leas cabhag a dhèanamh – bidh càch fadalach co-dhiù: you don’t need to hurry – the others will be late anyway. In some dialects leig is replaced by ruig ie cha ruig thu leas. Cha leig sinn a leas ach…: we only need to…

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean