ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

222: Ratharsair

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ann an Ratharsair an t-seachdain seo, a chàirdean – eilean fada caol a tha suidhichte eadar an t-Eilean Sgitheanach agus a’ Chomraich. Canaidh feadhainn “Ratharsaigh” ris, a’ cur –aigh aig an deireadh, mar a bhios bitheanta anns na h-eileanan Albannach a fhuair an ainmean bho na Lochlannaich. Ach anns an sgìre fhèin, ’s e “Ratharsair”, le “r” aig an deireadh, a chanas na daoine.

Co-dhiù, mura robh sibh a-riamh ann an Ratharsair, tha mi cinnteach gu bheil sibh air rudeigin a chluinntinn mu dheidhinn, oir ’s e sin t-eilean dham buineadh Somhairle MacGill-Eain agus a bhràithrean. Bha Somhairle air leth ainmeil mar bhàrd agus rinn a bhràthair Calum obair ionmholta ann a bhith a’ cruinneachadh beul-aithris nan Gaidheal.

Bha mi a’ leughadh leabhar an là eile mu dheidhinn gnìomhachas ann an Ratharsair agus bha Somhairle air ainmeachadh ann. Nuair a bha e na ghille òg, bhiodh e a’ faighinn cuireadh dhol air turas air cairt. Tha mi dhen bheachd gur e each a bhiodh a’ tarraing na cairt. Uill, ’s dòcha nach eil sin annasach idir. Ach, tha, nuair a tha fios agaibh cò bha ga stiùireadh, oir ’s e prìosanach-cogaidh Gearmailteach a bh’ ann. Tha e coltach gun do chòrd sin gu mòr ri Somhairle òg. Cha robh e ach sia bliadhna a dh’aois aig an àm.

Leis gu robh na h-uisgeachan air taobh an iar na Gaidhealtachd na sgìre chudromach airson luingeas aig àm cogaidh, ’s dòcha gu bheil e a’ cur iongnadh oirbh gu robh prìosanaich-chogaidh air an cumail ann an Ratharsair. Ach bha, agus bha adhbhar math ann air a shon. Bha mèinn anns an eilean agus, leis gu robh mòran de dh’fhir Ratharsair, agus fir Bhreatainn, air falbh anns an arm no anns a’ nèibhidh, bha na prìosanaich Ghearmailteach ann airson a’ mhèinn obrachadh.

Chan eil ceangal làidir eachdraidheil eadar Gaidheil agus mèinneadh. Bha mèinnean beaga an siud ’s an seo ach chan eil mi eòlach air mèinn mhòr air a’ Ghaidhealtachd. ’S dòcha gur e an aon àite anns a bheil ceangal mòr eadar Gaidheil agus mèinneadh – Alba Nuadh ann an Canada, far an robh mòran Ghaidheal ag obair anns na mèinnean-guail.

Ach an siud ’s an seo, bha clachan air Gaidhealtachd na h-Alba anns an robh gu leòr de mheatailt airson mèinn a chruthachadh. Mar bu trice, ’s e iarainn a bh’ ann. Anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug, chaidh aithris gu robh còig aiteachan deug ann an Siorrachd Inbhir Nis a-mhàin anns an robh iarainn air obrachadh uaireigin. Bha fear dhiubh ann an eilean eile làimh ris an Eilean Sgitheanach – Sothaigh. Ach cha robh aithris sam bith ann air mèinn ann an Ratharsair.

Cha robh fad’ ann, ge-tà, mus tug eòlaichean sùil air an eilean, agus lorg iad àite far an robh iarainn gu leòr – timcheall air a’ chairteal chuid dhen chloich. Ann an naoi ceud deug ’s a h-aon-deug (1911), cheannaich a’ chompanaidh Baird’s an t-eilean bhon uachdaran, Wallace Thorneycroft, agus thòisich iad mèinn anns an iar-dheas.

An toiseach, chaidh a’ chlach a tharraing gu ruige cidhe le cairtean ’s eich. Bha suas ri ceathrad each an sàs anns an obair sin. Ach tro thìde thog Baird’s rathad-iarainn eadar a’ mhèinn agus an cidhe. Thog iad cuideachd togalaichean-obrach, ionad cumhachd-dealain agus oifisean. Ach, fhad ’s a bha sin a’ dol air adhart bha cogadh air fàire air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, agus bha sin a’ dol a thoirt buaidh mhòr air an iarrtas airson iarainn, agus air obair na mèinne. Bheir sinn sùil air mar a thachair dhi an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Ratharsair: Raasay; an t-Eilean Sgitheanach: Skye; a’ Chomraich: Applecross; na Lochlannaich: the Norse; ionmholta:praiseworthy; gnìomhachas: business; cuireadh: invitation; prìosanach-cogaidh: prisoner-of-war; adhbhar: reason; mèinn: mine; mèinneadh: mining; an siud ’s an seo: here and there; Alba Nuadh: Nova Scotia; mèinnean-guail: coalmines; Sothaigh: Soay; cidhe: pier, quay; rathad-iarainn: railway line; ionad cumhachd an dealain: electricity generating facility.

Abairtean na Litreach: eilean fada caol: a long narrow island; mar a bhios bitheanta: as is common; tha mi cinnteach gu bheil sibh air rudeigin a chluinntinn: I’m sure you’ve heard something; dham buineadh Somhairle MacGill-Eain: that Sorley Maclean belonged to; tha e coltach gun do chòrd sin ri X: it appears that X enjoyed that; leis gu robh X na sgìre chudromach airson luingeas: as X was an important area for shipping; anns an arm no anns an nèibhidh: in the army or (in the) navy; bha na prìosanaich Ghearmailteach ann airson a’ mhèinn obrachadh: the German prisoners were there to work the mine; anns an robh iarainn air obrachachadh uaireigin: where iron was worked at one time; timcheall air a’ chairteal chuid dhen chloich: about a quarter of the rock; bha sin a’ dol a thoirt buaidh mhòr air X: that was going to have a great effect on X.

Puing-ghràmair na Litreach: anns an robh gu leòr de mheatailt airson mèinn a chruthachadh: in which there was enough metal to start a mine. You will be familiar with gu leòrwhich was taken into English as “galore”, but are you familiar with the four distinct ways of using it? It is a phrase based on the noun leòr (“sufficiency”; eg fhuair mi mo leòr dheth – I had enough of it). It can behave like a noun eg tha gu leòr agam (I have enough), chunnaic i gu leòr (she saw enough). But it commonly appears after a noun, which it then qualifies, eg tha airgead gu leòr agam(I have enough money). It can also go in front of the noun which then takes the genitive case eg tha gu leòr airgid agam.Or it can command, as it does in the Litir, a noun in the dative, following the preposition “de” eg tha gu leòr de dh’airgead agam. In some dialects, “a” replaces “de” and, in front of a vowel, there is a “dh’” (for ease of speech only) eg tha gu leòr a dh’airgead agam. As well as “enough” it can mean “a lot of” and it can stand for “a lot of people” eg bha gu leòr aig a’ gheama(there were plenty of people at the game). If you are asked “a bheil Gàidhlig agaibh?”, you might reply, “tha gu leòr.” But if you do, beware – the listener will presume you are completely fluent!

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha cogadh air fàire air tìr-mòr na Roinn Eòrpa: a war was in the offing on mainland Europe. Air fàire: literally “on the horizon” but here used idiomatically to mean “expected to happen soon”.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean