menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

Places Àitichean

Search Lorg

Lios Mòr (Litir 1009)

Aig toiseach an fhoghair bha mi air Eilean Lios Mòr ann an Earra-Ghàidheal. ʼS fìor thoigh leam Lios Mòr. Tha an t-eilean brèagha is torrach, tha e ann an suidheachadh àlainn agus tha e làn eachdraidh.

Bidh fios agaibh gu bheil mi measail air àiteachan a th’ air an ainmeachadh airson nam Fianna. Agus ann an ceann a tuath Lios Mòr, tha Eilean Loch Oscair, Sliabh nam Ban-Fiann, Fianna-Chnocan agus Port nam Mòr-laoch. Tha iad uile faisg air a chèile agus tha iad uile a’ cuimhneachadh nam Fianna. Bha e math cuideachd, aig cèilidh aon oidhche, a bhith am measg muinntir an àite, agus Gàidhlig aig gu leòr aca.

Bha mi anns an eilean air adhbhar – airson daoine a stiùireadh don chladach a choimhead air feamainn a dh’fhàsas ann, agus mar a ghabhas a cur gu feum mar bhiadh is eile. Thagh sinn camas beag airson sin, a bha ri taobh seann chaisteal.

Mus do thòisich sinn air sùil a thoirt air na bha a’ fàs air a’ chladach, b’ fheudar dhomh an sgeulachd mun chaisteal, Caisteal Chaifinn, innse do dhaoine. Co-dhiù tha e a’ riochdachadh na fìrinn no nach eil, chan urrainn dhomh a ràdh.

ʼS e Lochlannach a bh’ ann an Caifinn. ʼS e prionnsa a bh’ ann, agus bha e cumhachdach is làidir. Bha an caisteal na dhachaigh dha. Bha piuthar aige air an robh Beothail mar ainm. Bha i àlainn na coltas is coibhneil na dol a-mach. Choisinn i cliù am measg muinntir an eilein.

Bha Beothail ann an gaol le fear òg Lochlannach. Ach b’ fheudar don duine seo falbh a chogadh ann an Lochlann. Chaidh na mìosan seachad agus cha robh sgeul no guth air a’ ghaisgeach. Mu dheireadh, thàinig fios à Lochlann – chaidh an gaisgeach a mharbhadh ann am blàr fuilteach.

Bha Beothail troimhe-chèile le bristeadh-cridhe agus bròn. Chaidh i a laighe na leabaidh agus cha do dh’èirich i aiste. Chaochail i no, mar a chanas iad ann an Lios Mòr, shiubhail i. Chaidh a tiodhlacadh air cnoc còmhnard faisg air a’ chaisteal.

Bha Beothail aig fois ach cha robh a taibhs. Bhiodh daoine ga cluinntinn air oidhcheannan stoirmeil, ag ràdh nam faclan seo: ‘Tha mo bhràthair a’ dol seachad. Tha mi ʼn dùil gun èist e rium agus gun cluinn e m’ iarrtas.’ B’ e an t-iarrtas aice gum biodh an dust aice air a thoirt a Lochlann airson a bhith ri taobh a leannain.

Chuala Caifinn a h-iarrtas. Thog e na cnàmhan aice às an uaigh agus ghlan e iad ann an tobar ris an canar Tobar nan Cnàmh. Sheòl Caifinn agus a sgioba gu ruige Lochlann agus chuir iad cnàmhan Beothail ann an uaigh a leannain.

Ge-tà, goirid an dèidh do Chaifinn tilleadh a Lios Mòr, thòisich an taibhs aig Beothail air èigheachd a-rithist. ‘Tha mo bhràthair a’ dol seachad. Tha mi ʼn dùil gun èist e rium agus gun cluinn e m’ iarrtas.’ Rùraich daoine timcheall an àite far an robh i air a tiodhlacadh ann an Lios Mòr roimhe. Agus lorg iad aon chnàimh a bharrachd aice – cnàimh meòir. Sheòl iad air ais a Lochlann turas eile, leis a’ chnàimh bheag, agus chuir iad e fon talamh an cois nan cnàmh eile aig Beothail. Agus, bhon uair sin, cha chualas a taibhs a-rithist ann an Lios Mòr.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: torrach: fertile; camas: bay; fuilteach:bloody; taibhs: ghost; Tobar nan Cnàmh: ‘The Well of the the Bones’; cnàimh meòir: a finger bone.

Abairtean na Litreach: Aig toiseach an fhoghair: at the beginning of autumn; ann an suidheachadh àlainn: in a beautiful situation; tha iad uile a’ cuimhneachadh nam Fianna: they all remember the Fianna; a bhith am measg muinntir an àite: to be among the local people; anns an eilean air adhbhar – airson daoine a stiùireadh don chladach a choimhead air na feamainn a dh’fhàsas ann: on the island for a reason – to guide people to the shore, looking at the seaweeds that grow there; b’ fheudar dhomh an sgeulachd mun chaisteal, Caisteal Chaifinn, innse do dhaoine: I had to tell the story to people about the castle, Castle Coeffin; co-dhiù tha e a’ riochdachadh na fìrinn no nach eil: whether or not it represents the truth or not; bha piuthar aige air an robh Beothail mar ainm: he had a sister called Beothail; àlainn na coltas is coibhneil na dol a-mach: beautiful in her appearance and kind in her demeanour; choisinn i cliù: she built a reputation; cha robh sgeul no guth air a’ ghaisgeach: there was no sight or sound of the hero; troimhe-chèile le bristeadh-cridhe agus bròn: extremely upset with a broken heart and sadness; chaidh i a laighe na leabaidh agus cha do dh’èirich i aiste: she went to bed and she didn’t rise again; chaidh a tiodhlacadh air cnoc còmhnard faisg air a’ chaisteal: she was buried on a flat hill near the castle; gun cluinn e m’ iarrtas: that he’ll hear my request; ri taobh a leannain:next to her sweetheart; sheòl X gu ruige Lochlann: X sailed to Scandinavia; rùraich daoine timcheall an àite far an robh i air a tiodhlacadh roimhe: people searched around the place where she was buried previously; cha chualas a taibhs a-rithist ann an Lios Mòr: her ghost wasn’t heard again in Lismore.

Puing-chànain na Litreach: ʼS fìor thoigh leam Lios Mòr: I really like Lismore. Using fìor is a way of strengthening the phrase is toigh leam. Is fìor thoigh leis fìon dearg ‘he loves red wine’. In the past tense it is B’ fhìor thoigh le eg b’ fhìor thoigh le Màiri a’ bhun-sgoil aice ‘Mary loved her primary school’.

Gnathas-cainnt na Litreach: shiubhail i : she died.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 705

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word