FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1340: Am Fear Liath Mòr (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Fear Liath Mòr (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mar a sgrìobh an sreapadair Albannach, A.M. Kellas, gu Tormod Collie mun Fhear Liath Mhòr. Bha Kellas agus a bhràthair a’ rùrachadh airson chriostalan ann an glac faisg air mullach Beinne MhicDuibh. Gu h-obann, chunnaic iad famhair a’ tighinn gan ionnsaigh bhon chàrn-mhullaich. Theich an dithis bhràithrean cho luath ’s a b’ urrainn, agus an t-eagal orra.

Bha am Fear Liath Mòr aithnichte roimhe sin. Tràth anns an naoidheamh linn deug, bha an sgrìobhadair Seumas Hogg air sgrìobhadh mu dheidhinn. Sgrìobh John Hill Burton mu dheidhinn cuideachd, anns an leabhar aige The Cairngorm Mountains, a chaidh fhoillseachadh ann am meadhan an naoidheamh linn deug.

Ceud bliadhna an dèidh sin, sgrìobh an sreapadair Peter Densham mu dheidhinn. Bha esan an sàs ann a bhith a’ dèanamh cobhair air luchd-itealain a thàinig a-nuas anns a’ Mhonadh Ruadh tron Dàrna Cogadh. Bha e na shuidhe, ag ithe teòclaid air mullach Beinne MhicDuibh anns a’ Chèitean naoi ceud deug, ceathrad ’s a còig (1945). Bha e leis fhèin. ’S e latha soilleir a bh’ ann.

Dh’fhairich Peter fuachd agus cuideam air amhaich. Sheas e agus chuala e fuaim mar chnagadh faisg air càrn a’ mhullaich. Cha robh e a’ creidsinn anns an stòiridh mun Fhear Liath Mhòr ach thàinig droch fhaireachdainn air, agus ghabh e eagal. Thòisich e air ruith.

Bha e mar gun robh cuideigin ga phutadh a dh’ionnsaigh Creag an Leth-choin às am biodh e a’ tuiteam gu a bhàs. Chaidh aige air a shlighe atharrachadh, ach cha do stad e a ruith gus an robh e shìos anns a’ Ghleann Mhòr.

Anns an leabhar aice The Secret of Spey, sgrìobh Wendy Wood mu thuras a bh’ aicese anns a’ Làirig Ghrù faisg air Beinn MacDuibh. Ged a bha i leatha fhèin, chuala i guth a’ bruidhinn rithe. Bha i a’ smaoineachadh gur ann ann an Gàidhlig a bha e a’ bruidhinn.

’S iomadh duine eile a rinn aithris air an aon seòrsa rud anns an aon nàbachd. Mar bu trice, ’s e faireachdainn a fhuair iad, seach sealladh. Ach rinn an sreapadair Tom Crowley tuairisgeul de na chunnaic e. Bha sin tràth anns na ficheadan dhen linn a dh’fhalbh.

Bha Crowley a’ teàrnadh bhon Bhràigh Riabhach gu ruige Gleann Eanaich. Chuala e cas-cheumannan air a chùlaibh. Thug e sùil agus chunnaic e famhair liath. Theich e don ghleann cho luath ’s a b’ urrainn. An dèidh làimhe, thuirt e gun robh cluasan biorach aig an fhamhair, agus casan fada air an robh spògan biorach.

A-nise, tha mi airson na gheall mi o chionn fhada innse dhuibh – cò bh’ anns an Fhear Liath Mhòr a rèir muinntir an àite. Bha iad dhen bheachd gur e an taibhs aig Uilleam Ruigh ’n Uidhe a bh’ ann. ’S e bàrd agus sealgair a bh’ ann an Uilleam. B’ esan a sgrìobh an t-òran ainmeil ‘Aig Allt an Lochain Uaine’.

Ghabh e pàirt ann am Blàr La Coruña anns an Spàinn ann an ochd ceud deug ’s a naoi (1809). Chaidh a leòn agus chaochail e ann am Portsmouth air an rathad dhachaigh. Leis nach d’ fhuair e air ais don sgìre aige fhèin, dhan tug e gràdh, tha an taibhs aige fhathast gu neo-shocrach a’ coiseachd nam beann mar a bhiodh am bàrd fhèin fhad ’s a bu bheò e.

Faclan na Litreach: Am Fear Liath Mòr: the Big Grey Man; gu h-obann: suddenly; teòclaid: chocolate; leis fhèin: by himself; a’ teàrnadh: descending; taibhs: ghost, spectre, apparition; Uilleam Ruigh ’n Uidhe: William (Gow) of Rynuie.

Abairtean na Litreach: a’ rùrachadh airson chriostalan ann an glac faisg air mullach Beinne MhicDuibh: digging/searching for crystals in a hollow near the summit of Beinn MacDuibh; chunnaic iad famhair a’ tighinn gan ionnsaigh bhon chàrn-mhullaich: they saw a giant coming towards them from the summit cairn; a chaidh fhoillseachadh ann am meadhan an naoidheamh linn deug: that was published in the mid nineteenth century; an sàs ann a bhith a’ dèanamh cobhair air luchd-itealain: involved in assisting air crew; a thàinig a-nuas anns a’ Mhonadh Ruadh tron Dàrna Cogadh: that came down in the Cairngorms through the Second [World] War; dh’fhairich X fuachd agus cuideam air amhaich: X felt cold and a weight on his neck; thàinig droch fhaireachdainn air agus ghabh e eagal: a bad feeling came upon him and he became frightened; mar gun robh cuideigin ga phutadh a dh’ionnsaigh Creag an Leth-choin: as if someone were pushing him towards Lurcher’s Crag; às am biodh e a’ tuiteam gu a bhàs: from which he would be falling to his death; chaidh aige air a shlighe atharrachadh: he managed to alter his route; an aon seòrsa rud anns an aon nàbachd: the same sort of thing in the same vicinity; bhon Bhràigh Riabhach gu ruige X: from Braeriach to X; cho luath ’s a b’ urrainn: as fast as possible; gun robh cluasan biorach aig an fhamhair: that the giant had pointed ears; casan fada air an robh spògan biorach: long feet with talons; chaidh a leòn: he was wounded; dhan tug e gràdh: which he loved; gu neo-shocrach a’ coiseachd nam beann: uneasily walking the mountains.

Puing-chànain na Litreach: tràth anns na ficheadan dhen linn a dh’fhalbh: early in the twenties of the previous century i.e. the 1920s. Another way of saying it is na naoi ceud deug ʼs ficheadan. I have also heard ‘na naoi deug ʼs ficheadan’. To say ‘the 1630s’, we have the choice of ‘na tritheadan dhen t-seachdamh linn deug’, ‘na sia ceud deug ʼs tritheadan’ or ‘na sia deug ʼs tritheadan’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: mar a bhiodh am bàrd fhèin fhad ’s a bu bheò e: as would the bard himself while he was alive.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1036

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean