ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Little by Little Beag air Bheag

Beginners (A1)- Unit 31 - Hobbies
Luchd-tòiseachaidh (A1) - Aonad 31 - Cur-seachadan

Introduction

Cur-seachadan

Hobbies

In this Unit we’ll look at some hobbies. Note how we ask somebody if they are good at something – we say a bheil thu math air? (lit. are you good on it?):

cur-seachad pastime/hobby
long ship
longan ships
fiodh wood
aotrom light (ie not heavy)
samhradh summer
geamhradh winter
fighe knitting (also weaving)
cuibhrig quilt
sreap climbing
reic sell

Conversation 1

Listen to the conversation:

Mairead:
Dè na cur-seachadan a th’ agad?
What are your pastimes/hobbies?
Iain:
Tha dà chur-seachad agam – fear a-muigh is fear a-staigh.
I have two hobbies – one outside and one inside.
Mairead:
Dè bhios tu a’ dèanamh a-muigh?
What do you do outside?
Iain:
Bidh mi a’ cluich goilf.
I play golf.
Mairead:
A bheil thu math air?
Are you good at it?
Iain:
Chan eil ro mhath. Ach tha e a’ còrdadh rium.
Not too good. But I enjoy it.
Mairead:
Agus dè bhios tu a’ dèanamh a-staigh?
And what do you do inside?
Iain:
Bidh mi a’ dèanamh modalan de longan.
I make models of ships.
Mairead:
Tha sin inntinneach. De fhiodh?
That’s interesting. Of wood?
Iain:
Seadh. De fhiodh aotrom.
Aye. Of light wood.
Mairead:
Am bi a’ cur nan longan ann am botail?
Do you put the ships in bottles?
Iain:
Bithidh – agus bidh mi gan reic.
Yes – and I sell them.
Mairead:
Inntinneach, gu dearbh.
Interesting, indeed.
Iain:
Co-dhiù, sin gu leòr mu mo dheidhinn-sa. Dè mu do dheidhinn-sa?
Anyway, that’s enough about me. What about you?
Mairead:
Tha dìreach aon chur-seachad agam. Samhradh is geamhradh.
I only have one pastime. Summer and winter.
Iain:
Dè th’ ann? Fighe?
What is it? Knitting?
Mairead:
Chan e no fighe!
Certainly not!
Iain:
Còcaireachd? Dèanamh chuibhrigean?
Cooking? Making quilts?
Mairead:
Chan e sin nas motha.
Not that either.
Iain:
Uill, dè an cur-seachad a th’ agad?
Well, what is your pastime?
Mairead:
Tha sreap nam beann!
Climbing [the] mountains!

Childhood hobbies

Cur-seachadan

Hobbies

In Conversation 2, Ceitidh and Anna are discussing the pastimes/hobbies they had when they were young. Much of this conversation employs the past tense of verbs:

àbhaisteach normal
doile doll
doilichean dolls
each horse
marcachd riding
thalla! go away!, get lost!
a’ tarraing às teasing
peathraichean sisters (usually more than two)

Conversation 2

Listen to the conversation:

Ceitidh:
Dè na cur-seachadan a bh’ agad nuair a bha thu òg?
What pastimes did you have when you were young?
Anna:
Bha na rudan àbhaisteach.
The normal things.
Ceitidh:
Dè na rudan?
What things?
Anna:
Bha mi a’ cluich le doilichean.
I was playing with dolls.
Ceitidh:
Dè na geamannan a bha thu a’ cluich?
What games did you play [lit. were you playing]?
Anna:
Nursaichean is dotairean. Floireans Nightingale. Rudan mar sin.
Nurses and doctors. Florence Nightingale. Things like that.
Ceitidh:
Mo chreach! Cha do chluich mise geamannan mar sin riamh.
Wow! I never played games like that.
Anna:
Dè na cur-seachadan a bh’ agad fhèin, ma-thà?
What pastimes did you have, then?
Ceitidh:
Bha mi a’ cuideachadh mo mhàthar. Bha peathraichean òga agam.
I was helping my mother. I had young sisters.
Anna:
’S e obair a tha sin, chan e cur-seachad.
That’s work, not a hobby.
Ceitidh:
’S e, ach bha sinn uile trang.
Yes, but we were all busy.
Anna:
Nach robh cur-seachad sam bith agad?
Didn’t you have any hobbies?
Ceitidh:
Bha – bha each aig caraid dhomh.
Yes – a friend of mine had a horse.
Anna:
A bheil thu math air marcachd?
Are you good at riding?
Ceitidh:
Cha robh mi a’ marcachd.
I wasn’t riding.
Anna:
Dè bha thu a’ dèanamh, ma-thà?
What were you doing, then?
Ceitidh:
Bha mi a’ bruidhinn ris an each. Chòrd e ris.
I was speaking to the horse. He enjoyed it.
Anna:
An do dh’innis thu stòiridhean dha?
Did you tell him stories?
Ceitidh:
Dh’innis. Agus dh’innis esan stòiridhean dhòmhsa.
Yes. And he told me stories.
Anna:
A bheil gin agad fhathast?
Do you still have any?
Ceitidh:
Tha – ach dh’iarr e orm gun a bhith gan innse do dhuine sam bith eile.
Yes – but he asked me not to tell them to anybody else.
Anna:
O thalla! Tha thu a’ tarraing asam!
O go away! You’re teasing me.