menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

LEARNGAELIC WITH AN LÀ LEARNGAELIC LEIS AN LÀ

News (AN LÀ) Naidheachdan (AN LÀ)

Search Lorg

Leabhar ùr aig Am Freicadan Dubh

[Iain MacIlleathain – Presentair] Nise, gheibh sinn an spòrs còmhla ri Ruaraidh ann an mionaid no dhà. Ron sin, ged-thà, tha sinn a’ a Pheairt, far an deach leabhar fhoillseachadh an-diugh a’ comharrachadh cheud gu leth bliadhna de cheòl pìoba an Fhreiceadan Duibh. Tha cheud gu leth port anns an leabhar, còmhla ri eachdraidh nam pìosan. Uimhir de dh’obair ann gu dearbh a bhith ga tharraing ri chèile is gun tug e trì bliadhna deug sin a dhèanamh. Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha sgeulachd an Fhreiceadan Duibh agus sgeulachd ceòl na pìoba gu math dlùth ri chèile agus tha an leabhar seo ag amas an sgeulachd sin innse, na fuinn, nan saighdearan agus na pìobairean fhèin.

[Lt Gn Sir Alasdair Irwin] The core of the book, of course, is the tunes themselves, two hundred and fifty tunes, all of which have a specific Blackwatch connection, in one way or another. But in addition to that, we have quite a lot of very interesting information, records of the pipe majors, of the regiment from the earliest days. There’s a section of photographs, black and white. It is another important element in the whole business of preserving the legacy and heritage of the regiment in the history of Scotland.

[DJ Mac an t-Saoir] leabhar mar seo cudromach airson feadhainn dha na seann phuirt, tha a’ dol às an airm a chumail beò. Tha e cudromach dhan rèisimeid fhèin agus cuideachd tha e cudromach dha na saighdearan a bhith a’ cluinntinn seann phuirt. Mar sin, ‘s e leabhar gu math cudromach a th’ ann ann dha na Freiceadain Dubh co-dhiù.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Chan e a-mhàin anns an dùthaich-sa a tha sgeulachd pìobaireachd an Fhreiceadan Duibh ri faicinn. Chaidh an ceòl air feadh an t-saoghail, le saighdearan a’ sabaid air feadh Ìmpireachd Bhreatainn.

[Alasdair Duthie] The pipers from through the regiment's history have gone all over the world. You just have to look at how many pipers and drummers appear at the world championships, or how many pipers from overseas there are playing around the games during the summer at the Glenfiddoch at Blair Castle to just see how far their influence has gone.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Chan e a-mhàin ceòl a tha anns an leabhar seo. Tha cuideachd tòrr eachdraidh ann mu dheidhinn an Fhreiceadan Dubh, 's tha sin gu h-àraid cudromach dhaibh air sgàth gun deach iad a-mach à bith bho chionn sia bliadhna. Ged nach eil am Freiceadain Dubh a’ sabaid mar rèisimeid tuilleadh, an leabhar seo cinnteach gun lean dìleab nam port aca. Dòmhnall MacLaomainn. BBC An Là, ann am Peairt.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

A new Book about The Black Watch

[Iain MacLean – Presenter] Now, we’ll get the sports with Ruaraidh in a minute or two. Before that, though, we are going through to Perth, where a book was published commemorating two hundred and fifty years of pipe music from The Black Watch. There are two hundred and fifty tunes in the book, with history of the pieces. A lot of work, that’s for sure, has gone in to collating it and it took thirteen years to do it. Donald Lamont reports.

[Dòmhnall Lamont – Reporter] The story of The Black Watch and the story of pipe music are intertwined and this book aims to tell the tale, the tunes of the soldiers and the pipers themselves.

[Lt Gn Sir Alasdair Irwin] The core of the book, of course, is the tunes themselves, two hundred and fifty tunes, all of which have a specific Black Watch connection, in one way or another. But in addition to that, we have quite a lot of very interesting information, records of the pipe majors, from the regiment from the earliest days. There’s a section of photographs, black and white. It is another important element in the whole business of preserving the legacy and heritage of the regiment in the history of Scotland.

[DJ Macintyre] A book like this is important for some of the old tunes that are from the army, to keep them alive. It’s important for the regiment itself and it is also important for the soldiers to hear the old tunes. So, it’s a very important book for the Black Watch.

[Dòmhnall Lamont – Reporter] It’s not just in the country that you can see the story of The Black Watch. The music has been all over the world, with soldiers fighting all over the British Empire.

[Alasdair Duthie] The pipers from through the regiment's history have gone all over the world. You just have to look at how many pipers and drummers appear at the world championships, or how many pipers from overseas there are playing around the games in the summer at the Glenfiddoch at Blair Castle to just see how far their influence has gone.

[Dòmhnall Lamont – Reporter] It’s not only music that is in this book. There is also lots of history about The Black Watch, and that is especially important to them as they ceased to exist six years ago. Although, The Black Watch no longer fight as a regiment anymore, this book will make sure that the legacy lives on through their tunes. Donald Lamont, BBC An Là, in Perth.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Leabhar ùr aig Am Freicadan Dubh

(A new Book about The Black Watch)

Vocabulary Briathrachas

Am Freiceadan Dubh - The Black Watch

rèisimeid - regiment

saighdearan - soldiers

air feadh an t-saoghail - all over the world

Ìmpireachd Bhreatainn - British Empire

CuideachadhHow to use this site

Tha Learn Gaelic le An Là ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha, le beagan misneachd, deiseil airson ceum air adhart a ghabhail. Tha an t-susbaint freagarrach dhan h-uile neach-ionnsachaidh, ach bidh e nas cuideachaile do dhaoine a tha seachad air an ìre Tòiseachaidh.Learn Gaelic with An Là is aimed at learners who have already gained some confidence in Gaelic and want to take their learning to the next level. The material is suitable for all learners, but those who have progressed beyond the Beginner level will find this section particularly useful.

Bidh sinn a’ cur sgeulachdan bhon phrògram BBC An Là beò gach seachdain, le tar-sgrìobhadh Gàidhlig is eadar-theangachadh Beurla. Bidh dath an teacsa ag atharrachadh nuair a thèid facal a chluich. ‘S urrainnear cliogadh air facal sònraichte agus cluichidh am bhidio bhon sin a-mach. Dh’fhaodadh gum biodh seo cuideachail dha luchd-ionnsachaidh airson fuaimneachadh a dhearbhadh. Stories from the BBC ALBA Gaelic news programme "An Là" are uploaded on a weekly basis, with a Gaelic transcript and an English translation. As each Gaelic word is spoken, the accompanying text changes colour. Individual words can be selected with a simple click and the video will play from that point onwards. Learners may find this useful for checking pronunciation.

Bidh gach paragraf Gàidhlig a’ gluasad ri linn na h-aithris, ach faodar cuideachd na bàraichean-sgrolaidh a ghluasad gu earrann shònraichte den aithris.Each Gaelic paragraph automatically scrolls in conjunction with the news report, but the manual scrolling bars can also be used to move the text to a particular section of the report.

Chithear an tar-sgrìobhadh Gàidhlig anns a’ chiad dol a-mach. Ach, gheibhear eadar-theangachadh Beurla den tar-sgrìobhadh le bhith a’ taghadh Beurla no Gàidhlig agus Beurla.The Gaelic transcript is shown by default. However, you can see a translation of the transcript by selecting the English or Gaelic and English tabs.

Tha briathrachas cuideachd ri fhaotainn, le faidhlichean fuaim Gàidhlig na chois. Tha a’ bhriathrachas air a thaghadh bhon aithris fhèin, le measgachadh leithid ainmean-àite, briathrachas naidheachd, gnathasan-cainnt is abairtean. Key vocabulary is also provided, with accompanying Gaelic audio. This is a selected from the vocabulary contained in the news report and may include a selection of place names, news terminology, useful colloquialisms and phrases.

Tha luchd-leasachaidh an làraich a’ moladh gun tèid am brabhsair-lìn as ùire a chleachdadh airson an t-susbaint seo fhaicinn. Am measg nam brabhsairean ùra (saor an-asgaidh) as urrainnear a chleachdadh, tha Google Chrome, Mozilla Firefox, Internet Explorer agus Safari.The developers of the site recommend that an up-to-date web browser is used to ensure the content displays to its optimum. Suitable browsers (which are free to use) include the latest versions of Google Chrome, Mozilla Firefox, Internet Explorer and Safari.

Gheibhear an làraich seo air tablaidean is fònaichean-làimhe ach, a chionn ‘s gur e bhidiothan làn-sgrion a-mhàin a sheallas iPhone, bithear a’ cluich faidhle-fuaim seach bhidio.The site should work on mobile devices, but since iPhones will only show video full-screen and hide the transcript, we play an audio file instead of the video.

Credits

This site uses technology from jPlayer and Mozilla Popcorn, and builds on an idea and code developed by Mark Boas and associates at Happyworm.

All videos used are courtesy of BBC An Là and the British Broadcasting Corporation, who retain all rights to them.

Site design and coding by Sealgar Ltd.

Video, audio and transcripts provided by bbc.co.uk/alba.