FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cloth flowers Flùraichean aodaich

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Dreach Ùr’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Flùraichean aodaich

[Shona] Aodach a tha mi air a thoirt bho aon de na leabhraichean mòra seo a tha a’ sealltainn nam pàtran a gheibh sibh air cùirtearan. Tha mi air teamplaidean a ghearradh a-mach à pàipear agus an toiseach tha cearcall agam a tha ceithir òirlich tiugh agus tha an uair sin flùr-bhileagan agam a tha mi air gearradh a-mach. Tha fear mòr a tha mu dhà òirleach, fear meadhanach dìreach beagan nas lugha, agus fear beag cuideachd.

[Shona] Tha mi a’ dol gan tionndadh agus tha pìos chailc, ’s e buidhe a th’ agam ach dh’fhaodadh sibh peann no dath eile a chleachdadh, dìreach airson a dhol mun cuairt air feuch gun geàrr mi e. Tha mi ag iarraidh ochd no mar sin dhen fheadhainn bheaga, deich den fheadhainn mheadhanach, agus mu dhusan dhen fheadhainn mhòra. Agus dh’fhaodadh sibh seann aodaich sam bith a chleachdadh ma tha pìosan de dh’aodach air fhàgail agaibh bho bhith dèanamh rudeigin, dh’fhaodadh sibh dìreach iad seo a chur ri chèile is flùraichean snoga gu bhith agaibh.

[Shona] Nis tha mise a’ cleachdadh an aon phàtran air a’ flùr a tha mi a’ dèanamh ach dh’fhaodadh sibh, ma tha sibh ga iarraidh gu math dathte, ’s dòcha diofar dhathan a chleachdadh no diofar phàtrain. Agus dh’fhaodadh sibh ’s dòcha aodach eile a chleachdadh cuideachd. Tha felt gu sònraichte math airson rud mar seo. Seo a-nist tha mi air an gearradh a-mach agus feumaidh mi nist dìreach gunna glaoidh agam a chleachdadh agus ’s e tha mi a’ dol a dhèanamh ach dìreach na taobhan seo, na còrnairean aig a’ bhonn a phasgadh a-staigh airson ’s gum bi coltas flùir bhileag air gach fear dhuibh. Pìos beag glaoidh ann a sheo. Chan eil mi ag iarraidh cus. Agus an uair sin dìreach ga phasgadh a-staigh mar sin, a’ dèanamh cinnteach gu bheil e leathan aig an taobh seo, chan eil mi ga iarraidh caol no air a phasgadh ri chèile cus ach dìreach gus am bi e mar seo aig a’ bhonn. Agus an uair sin tha thu a’ faicinn gu bheil cumadh duilleig air.

[Shona] Seo a-nist. Gun a bhith gad ghlaodhadh fhèin ris mar a rinn mise. Agus tha mi a’ dol a dhèanamh sin leis na bileagan eile air fad. Dìreach bi faiceallach ma tha sibh a’ cleachdadh gunna mar seo oir tha an glaodh teth, tha mise a’ feuchainn gun fhaighinn air mo làmhan. Tha dòighean cuideachd a bhith a’ dèanamh flùraichean mar seo le fuaigheal, obair mar sin, ach ’s e glaodh a tha mise a’ cleachdadh an-diugh. Mar a bha mi ag ràdh, tha mi a’ smaoineachadh, tha iad a coimhead fada nas fheàrr aig a’ cheann thall mas urrainn dhuibh na bileagan fhàgail caran fosgailte aig an taobh seo seach a bhith ro theann, ro bheag.

[Shona] Seo a-nis na flùr-bhileagan uileadh deiseil agus tha mi a’ dol a thòiseachadh leis a’ chearcall a rinn mi agus tha mi a’ dol a chleachdadh an fheadhainn mhòra an toiseach agus tha mi a’ dol gan cur mun cuairt air a’ chearcall, dìreach mun cuairt an rud air fad. Tha mi airson a bhith cinnteach gu bheil iad a fit-eadh a-steach mar sin mus cuir mi glaodh orra. Tòisichidh mi leis a’ ghlaodh ma-thà. ’S tha mi dìreach a’ dol a chur pìos bheag glaoidh mun cuairt agus a h-uile fear dhuibh a sticeadh sìos dhan cearcall agam. Mar a bha mi ag ràdh, tha mi a’ dol a dhèanamh cinnteach gu bheil iad gu math teann ri chèile oir chan eil mi ag iarraidh beàrn sam bith eadar na bileagan.

[Shona] Agus sin iad deiseil, tha an glaodh air tiormachadh agus seo fear eile a rinn mi le aon de na pàtranan eile a bh’ agam anns an leabhar sin. Agus tha mi a’ smaoineachadh gum b’ urrainn dhuibh an cleachdadh ann an iomadh dòigh, ‘s dòcha cuiseag a chur orra agus bidh coltas caran flùraichean snoga orra, flùraichean ceart a chur ann an vase, ’s dòcha gan cur air a’ bhalla, ann am frèamaichean, dìreach iomadh seòrsa rud a b’ urrainn dhuibh a dhèanamh le na flùraichean beaga a tha seo.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!