FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor’s tart with pears and blue cheese An tort le peuran ’s càise gorm aig Griogair

A video with a transcription, translation and terminology from the programme ‘Fuine’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

An tort le peuran ’s càise gorm aig Griogair

[Griogair] Tort saoidhle, cha bhi fios aig na h-aoighean dè chanas iad nuair a thig e chun a’ bhùird. Tha mise dèidheil air fìon dearg agus càis’ gorm, mar sin tha mi a’ dol a chur an dà rud còmhla airson tart a dhèanamh agus a’ cleachdadh peuran. Anns a’ phana tha leth-phinnt fìon dearg, leth phinnt de bhùrn fuar, agus cuideachd sùgh à leth liomaid. Agus còmhla ris an sin tha mi a’ dol a chur sia unnsachan siùcar, siùcar mìn tha mise a’ cleachdadh ach chan eil e gu diofar, faodaidh sibh granulated a chleachdadh. Cuiridh mi seo a-nis air an teas gus an ruig e ìre goile agus nì e sùgh math far am bruich mi na peuran.

Griogair] Is a-nis see na peuran a rùsgadh. Tha mi gam fàgail slàn agus tha ceithir agam an seo. Lorg mi recipe nam peuran a tha seo ann an leabhar mo sheanmhar agus bha mi a’ smaoineachadh rium fhìn: tha fìon dearg a’ dol a-steach an seo, ’s dè thèid math còmhla ris ach càis’ gorm, mar sin nì seo tart a tha math dha-rìribh.

[Griogair] Siud na peuran air an rùsgadh, agus tha mi gam fàgail slàn agus tha mi fèir a’ dol gan cur a-steach còmhla ris a’ fìon agus an t-siùcar sa bhùrn. Tha mi a’ dol ga chur a-nis air teas nas ìsle, agus fàgaidh sinn iad an sin le mullach air a’ phana airson deich mionaidean. Fhad ’s a tha na peuran a’ bruich, nì mi am pastraidh. Anns a’ bhobhla, tha ceud agus deich grama de dh’ìm bog agus aon ugh. Agus airson blas caran eadar-dhealaicht’ a thoirt dha, tha trithead grama de phecans a th’ agam air am bleith an seo agus cuiridh mi sin a-steach còmhla ris. Agus a’ cleachdadh whisk tha mi a’ dol a chur sin ri chèile.

[Griogair] ’S cuiridh mi a-steach ceud agus seachdad sa còig grama flùr plèan ach fàgaidh mi beagan air chùl. Chì mi ciamar a thig a h-uile càil còmhla. Agus tha mi fèir a’ cleachdadh mo làmh. Tha mi airson ’s gun tig an taois air falbh fodhp’. Tha an t-àm agam carachadh de na peuran. Seall fhèin an dath, cho dorch’ dearg ri seudan. Leigidh mi leotha bruich air am fìor shocair airson deich mionaidean eile fhad ‘s a tha mise rolaigeadh na taoise ach an till i ann an soitheach deich òirlich tarsainn.

[Griogair] Tha na peuran a-nis bruich anns an fìon dearg. Agus a-nis, am pìos eile, leis a’ chàis’ ghorm. Tha ceud milleliotair de bhàrr tiugh agam. Tha mi fèir a’ dol ga chur ann an siuga. Agus aon ugh. Agus tha dà cheud agus fichead grama de chàis’ gorm agam an seo. ’S an rud a tha mi a’ dol a dhèanamh tha mi a’ dol a chleachdadh an treas cuid airson a sgeadachadh aig an deireadh. So cleachdaidh sinn an còrr an-dràst’ agus brisidh sinn sin a-steach còmhla ris an ugh agus a’ bhàrr. Seo a-nis. Agus tha mi fèir a’ dol a chleachdadh forc agus tha mi a’ dol a mheasgachadh sin còmhla.

[Griogair] Nis chan e quiche a tha seo. Chan eil sinn ag iarraidh ach gu leòr mixture a thèid ann am bonn an tion’ againn. Agus a-nis airson na peuran anns a’ fìon dearg. Agus feumaidh sinn an gearradh an toiseach. ’S tha mi fèir a’ dol gan togail às a’ phana, mas urrainn dhomh.

[Griogair] Tha seo a-nis deiseil airson an àmhainn agus tha e a’ dol ann aig ceud agus ochdad airson fichead mionaid no ‘s dòch’ fichead sa còig. Cum ur sùil air, chan eil sibh ag iarraidh gun fhàs dath nam peuran ro dhorch’. An uair ’s gu bheil e deiseil, sgapaidh mi an còrr de chriomagan a’ chàise ghoirm còmhla ri cnòthan peacan a dheasaich mi na bu tràithe ann an siorap. Nise, chan eil mise dol a bhodraigeadh le forc. Mmmm, tha na blasan sin milis, saillte, fìon, càise agus na peuran, a h-uile càil ag obair cho math. Math dha-rìribh. Càit a bheil a’ fìon agam?

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!