FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A cat toy Dèideag chait

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Dreach Ùr’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Dèideag chait

[Shona] Nise, uill rud gu math furasta a tha seo – dèideag do chat. Agus tha mi a’ dol a chleachdadh fear dhiubh seo. Bidh feadhainn agaibh gam fàgail anns an taigh-bheag ’s bidh feadhainn agaibh gan chur dhan a’ bhin. Chan eil fhios a’m dè seòrsa duine a th’ annad fhèin. Ach tha seann fhear agam ann a sheo agus ’s e tha mi a’ dol a dhèanamh ach dìreach tha mi ag iarraidh tomhas a-mach air dìreach cho tiugh ri mo chorrag mar sin. Agus tha mi ag iarraidh na ceithir dhiubh.

[Shona] Agus fear eile, mar sin! Nist, gearraidh mi gach pìos de na sin a tha mi air tomhas a-mach. Tha seo cho furasta sa ghabhas. Cho sìmplidh agus an uair sin chan fheum sibh dragh a ghabhail cuideachd ma tha an cat ga mhilleadh ’s ga bhìdeadh. Chan eil e gu diofar. Nist, tha mi dol a ghreimeachadh air fear, fear eile a chur na bhroinn mar sin, agus an aon rud a dhèanamh leis an dà phìos eile. Nach tuirt mi gun robh e sìmplidh?

[Shona] Seo nist, agus tha mi dìreach a’ dol a chur a’ phìos mu dheireadh a-staigh cuideachd airson ’s gum bi ball beag againn. Agus an uair sin tha mi dìreach a’ dol a dhol mun cuairt le mo làmhan, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na pìosan air am fighe ri chèile. Agus a-nist, dìreach airson ’s gum bi e beagan nas fheàrr dhan chat, tha pìosan beaga blasta agam dhaibh agus cuiridh mi fear no dhà a-staigh agus gheibh iad treat.

[Shona] Shiud e, dèideag dhan chat. Gu math furasta, gu math luath, agus sin e deiseil.

[Shona] Catch!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!