FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A perspective from Canada Sealladh à Canada

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Sealladh à Canada

[Sgàire] Is mise Sgàire Uallas agus tha mi seo an-diugh ann an siorramachd Grey, Ontario, Canada. Chaidh iarraidh orm mar gum biodh sealladh à Canada a thoirt dhuibh an seo air A-Staigh.

[Sgàire] Ged a tha an tuathanas seo car mar chomraich dhomh no mar phìos pàrrais, chan ionnan sin ’s an saoghal a-muigh. Nuair a dh’fhàgas mi na craobhan ’s an tuathanas ’s a h-uile sìon ’s mi dol a-steach do na bùithtean, feumaidh masg a bhith ort agus chan urrainn do bharrachd air còignear no mar sin a bhith còmhla ann aig aon àm. Mar sin, ged a ’s e tuathanas mo theaghlaich a tha seo, agus tha mo sheana-phàrantan a’ fuireach ann cuideachd, chan urrainn dhomh a bhith a’ toirt deagh fhàsgadh dhaibh mar a b’ àbhaist no sìon mar sin agus chan urrainn dhan teaghlach a bhith còmhla air an earrainn agus tha siud duilich.

[Sgàire] ’S toil leam a bhith coiseachd gu h-àraidh tron a’ choille bhig a tha seo. Tha mo theaghlach air a bhith a’ fuireach air an earrainn a tha seo faisg air dà cheud bliadhna a-nist. Agus b’ e mo shìn-shìn-sheanair a chuir na craobhan giuthais a chì thu air mo chùlaibh, na craobhan dearga a tha seo, dìreach bliadhna no dhà an-dè a’ phandemic mu dheireadh, a’ flu Spàinnteach. ’S toil leam a bhith a’ smaointinn air a sin, ’s tha mi smaointinn gur e dìreach smaoineachail a bhith ann ’s a bhith air mo chuairteachadh leotha.

[Sgàire] Ach tha cùisean ag atharrachadh gu luath a-nis mu dheireadh thall. Agus dìreach o chionn latha no dhà a dh’fhosgail na raointean-goilf so tha adhbhar dòchais ann mar-thà. Ach tha dùil againn cuideachd a bhith cead againn a dh’aithghearr deichnear no barrachd air a sin a bhith còmhla aig aon àm agus abair thusa gu bheil mi fhèin co-dhiù a’ coimhead air adhart ris a sin gu mòr. A thoradh ma thachras sin, bidh an t-àite a tha seo mar dhachaigh cheart a-rithist, an teaghlach air fad ’s gum faod sinn uileadh a bhith còmhla a-rithist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!