FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Rhoda's new challenge An dùbhlan ùr ro Rhoda

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An dùbhlan ùr ro Rhoda

[Rhoda] Is mise Rhoda, agus tha mi a-nis meadhan an lockdown ann an Tiriodh. Nise, cha toigh leam beatha ro shàmhach agus mar siud tha mi air dùbhlan a chur orm fhìn. Trobhad ’s innsidh mi dhuibh ma dheidhinn.

[Rhoda] Bhuail e orm gu math luath nach biodh luchd-turais ann am bliadhna – co-dhiù as t-samhradh. Agus bha mise an dùil a bhith a’ reic teatha ri na luchd-turais. Tha làn fhios a’m is tha mi eòlach air tòrr dhaoine a tha a’ reic don luchd-turais thairis air an t-samhradh agus cha bhiodh iad ann. Agus bha mi a’ smaointinn mi rium fhìn, uill nach bhiodh e math nan robh cothrom aig an luchd-turais sin na bùithtean air na h-eileanan as fheàrr leotha a lorg agus ’s dòcha ceannach bhuapa.

[Rhoda] Càit a chuireas mi e...

[Rhoda] Chuir mi làrach-lìn ri chèile a-staigh latha agus chur mi a-mach dhan t-saoghal e air tweet 's thuirt mi ri daoine, uill, seo a tha mi a’ feuchainn ri dhèanamh, tha mi airson directory mar gum b’ e a chruthachadh agus ma tha bùth beag agad no gnìomhachas beag anns na h-eileanan, cuir d’ ainm ris agus chì sinn dè seòrsa ùidh a th’ aig daoine.

[Rhoda] Agus thòisich an rud a’ fàs!

[Rhoda] Cha robh mi an dùil gum biodh an uiread de dhaoine a’ tighinn thugam idir agus cha robh mi idir deiseil airson an obair a bha na lùib.

[Rhoda] Cofaidh eile agus air ais don choimpiutair.

[Rhoda] Ach bha e follaiseach nach robh cruinneachadh de ghnìomhachasan builleach gu leòr, bha daoine cuideachd feumach air cuideachadh le bhith a’ reic.

[Rhoda] Chuir mi margaidh air dòigh a tha coltach ri Amazon no Etsy.

[Rhoda] Tha teansa ann gun chuidich seo daoine aig nach robh guth air-loidhne ron a seo.

[Rhoda] Tha mi a’ smaointinn an rud a tha a còrdadh rium as fheàrr ’s e bhith ag innse do dhaoine nuair a tha iad air rudeigin a reic.

[Rhoda] Tha deich seachdainean ann a-nis on a thòisich mi Isle20 agus nuair a thòisich mi e cha robh mi builleach cinnteach cà’ an tèid e agus chan eil mi fhathast builleach cinnteach cà’ an tèid e. Ach tha mi an dòchas gu bheil e na chuideachadh do chuid beagan cosnaidh fhaighinn anns na mìosan a tha seo agus na mìosan a tha rin tighinn. Feumaidh sinn uile a’ leantainn oirnn agus ma chuidicheas an làrach-lìn le siud fiù ’s dìreach beagan, bidh sin math.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!