FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic classes in Thurso High School Clasaichean Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil Ibhir Theòrsa?

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Clasaichean Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil Ibhir Theòrsa?

[Angela NicIlleathain – Neach-aithris] Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd do phàrantan ann an Inbhir Theòrsa gu bheil planaichean aca gus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig ri fhaotainn do sgoilearan anns an àrd-sgoil an ath-bhliadhna. Bidh triùir le Gàidhlig a' dol a dh'Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa ann an dà mhìle is fichead, ach chan eil Gàidhlig ga teagasg ann an sin an-dràsta. Thuirt a' Chomhairle gun tèid dreuchd airson neach-teagaisg, a bhios ag obair eadar dà àrd-sgoil anns an t-siorrachd, a shanasachd ann an ùine nach bi fada. Tha an sgeulachd seo aig Eileen NicDhòmhnaill.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Seo agad a’ a chiad ionad Gàidhlig a bha riamh ann an Gallaibh. Chaidh a stèidheachadh o chionn sia bliadhna. Tha fichead sgoilear a-nis a’ faighinn oideachadh ann. Ach tha ceist ann gu dè thachras dhan cuid Gàidhlig an ath-bhliadhna?

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Uill, ’s ann an sheo aig Bun-sgoil Mount Pleasant a tha sgoilearan Inbhir Theòrsa a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha Gàidhlig air an teanga ri linn. Nise, as t-samhradh seo tighinn, fàgaidh an fheadhainn a th’ air clas a seachd an sgoil a tha seo ’son an turas mu dheireadh. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil triùir anns an t-suidheachadh a tha sin.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] An uair sin, thig iad ann an sheo gu Àrd-sgoil Mhòr Inbhir Theòrsa ach chan eil Gàidhlig air a theagasg ann an sheo.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Dh’fhaodadh gun atharraich sin ge-tà, a-raoir air oidhche grod grànda, chuir dòmhlachd dhaoine cas a-staigh air doras na bun-sgoil agus air am beachdachadh air an t-slighe air adhart. Dh'innis Oifigearan na Comhairle gu bheil planaichean aca gus dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig ri fhaotainn san àrd-sgoil. Tha iad an dòchas tidsear fhastadh a bhios ag obair eadar Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa agus an Àrd-Sgoil sa Bhlàran Odhar.

[Raymond Bremner] Tha sinn fada nas fheàrr a-nis anns an àite far a bheil sinn an-dràsta na bha sinn aig toiseach a’ bhliadhna seo. Tha dòchas againne gum bi tidsear ann an Inbhir Theòrsa agus cuideachd sa Bhlàran Odhar is dòcha son a bhith a’ teagasg Gàidhlig agus cuideachd cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig …

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] … ach eadar an dà sgoil?

[Raymond Bremner] … eadar an dà sgoil.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Dh’ innis Oifigearan na Comhairle gun tèid an obair a tha sin a shanasachadh ann an ùine nach bi fada. Chan e Maighstir Bremner a-mhàin a chuir fàilte air an naidheachd ge-tà. Chuir agus pàrantan.

[Debby Larnach] Deagh naidheachd a th’ ann. Tha sinn toilichte leis an sin agus bidh a’ chlann toilichte gum bi Gàidhlig aig a’ chlann san àrd-sgoil.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Tha an naidheachd a’ tighinn ge-tà tha is sinn a’ cluinneil cho gann ’s a tha luchd-teagaisg Gàidhlig ach thuirt a’ Chomhairle gu bheil plana aca gus dèiligeadh ris an sin.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Mar a tha an sean-fhacal a’ canail “cha do dhùin doras nach do dh’fhosgail doras”, ’s e an dòchas a th’ ann gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn ann an Gallaibh son clann eadar trì agus ochd bliadhna deug a dh’aois. Eileen NicDhòmhnaill, BBC An Là, Ann an Inbhir Theòrsa.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!