FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic week is growing Seachdain na Gàidhlig a' fàs

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Seachdain na Gàidhlig a' fàs

[Dòmhnall Angaidh Moireasdain – Neach-aithris] Nise thòisich Seachdain na Gàidhlig ann an Dun Èideann an-diugh. An còigeamh bliadhna dhen fhèis. Bidh an fheis a’ tabhainn sreath de thachartasan tron tèid inbhe na Gàidhlig a bhrosnachadh ann am prìomh bhaile na dùthcha. Thòisich an fhèis mar phàirt de Phlana Ghàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann ach a-nis, tha comhairle a’ bhaile cuideachd an sàs san gnothaich is comataidh na feise ga fhaicinn mar thachartas a bheir bun-stèidh do bheatha Ghàidhlig a’ bhaile. Tha an aithris seo aig Niall Bartlett.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] Tha còig bliadhna a-nis bhon a thòisich Seachdain an Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus anns an ùine sin tha an tachartas air fàs bho rud a bha ro uallach a’ bhratach an Oilthigh a-mhàin gu rud anns a bheil coimhearsnachd na Gàidhlig tron bhaile air fad an sàs.

[Bria Mason] Thòisich Seachdain na Gàidhlig aig an Oilthigh ann an dà mhìle ’s a ceithir deug. Bha e ann mar phàirt de Phlana Ghàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann aig an toiseach gum biomaid a’ cur Seachdain na Gàidhlig air dòigh agus aig an àm b’ ann dìreach do mhuinntir an Oilthigh a bha e agus cha robh ach còig tachartasan againn a’ chiad bhliadhna sin. Ach beagan às dèidh sin, chuir sin romhainn gur e an rud as fheàrr muinntir an coimhearsnachd fhaighinn an sàs ann agus nach e Seachdain na Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann a bhiodh ann ach Seachdain na Gàidhlig son Bhaile Dhùn Èideann air fad.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] Tha seo a’ tarraing ri chèile iomairtean Ghàidhealach eadar-dhealaichte a tha an-dràsta sgapte tron bhaile. Mar eisimpleir, an cearcall còmhraidh seo air a bheil oileanaich is daoine bhon choimhearsnachd air fad a’ tadhal. Thèid bùithtean-obrach is tachartasan eile san seagh sin a thabhainn còmhla ri tachartasan nas motha mar an taisbeanadh fiadhaich ghlòrmhor a tha an-dràsta a’ ruith aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

[Niall Bartlett – Neach-naidheachd] Tha an taisbeanadh seo a’ meòrachadh air an àite a th’ air a bhith aig na Gàidheil is a’ Ghàidhlig an teas-mheadhan fèin-aithne na dùthcha thairis na linntean. Ach ’s ann a tha a’ faighinn prìomhachas am measg amasan Seachdain na Gàidhlig a bhith a’ sealltainn an àite sònraichte a th’ aig Gàidhlig chun an latha an-diugh dha ann am beatha Dhùn Èideann fhèin is gus sanas a thogail nach ann dìreach ann an Glaschu neo air a’ Ghàidhealtachd a bha neo tha coimhearsnachdan Gàidhealach rin lorg.

[Bria Mason] The eachdraidh mhòr againn ann an seo ann an Dùn Èideann. Tha muinntir na Gàidhlig a bhith ann an Dùn Èideann fad ceudan de bhliadhnaichean agus tha eachdraidh inntinneach fhèin againn an seo agus chan eil mi a’ smaointinn gu bheil sinn an-còmhnaidh ag innse na sgeulachdan sin anns a’ Ghàidhlig. Agus nuair a dh’innseas Dùn Èideann na sgeulachdan mu Dhùn Èideann fhèin, cha bhi daoine gu tric ag innse na sgeulachdan Ghàidhlig agus mar sin tha sinn ag amas aire a thogail Gàidhlig beò san latha an-diugh sa bhaile is gu bheil coimhearsnachd Gàidhlig ann agus tha sinn a’ feuchainn ri aire a thogail gun robh Gàidhlig a-riamh ann.

[Niall Bartlett – Journalist] Agus cuideachd a’ tighinn fo bhratach na fèise, tha seirbhis Ghàidhlig Eaglais nam Manach Liath a tha am-bliadhna a’ comharrachadh dà cheud caochad bliadhna bhon a chaidh a’ chiad co-thional Gàidhealach a stèidheachadh sa bhaile. Rud a tha a’ sealltainn dhuinn dè cho fada air ais a tha freumhan a’ chànain a’ dol sa cheàrn seo. Niall Bartlett. BBC An Là, Dùn Èideann

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!