FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Calf sales in Portree Fèill laoigh Phort Rìgh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèill laoigh Phort Rìgh

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Bha là math aig croitearan an Eilein Sgitheanaich an-dè agus laoigh a' faighinn deagh phrìsean aig an fhèill ann am Port Rìgh. Chaidh còrr is mìle beathach a reic leis na laoigh òga a' faighinn nam prìsean a b' fheàrr. B' e adhbhar toileachais a bh' ann gu h-àraidh do chroitearan a dh' fhulaing dàil ann a bhith a' faighinn subsadaidhean na bu tràithe air a' bhliadhna. Seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Prìsean a’ dol suas agus suas. ‘B ann mar sinn a bha cùisean fad an latha aig fèill laoigh ann am Port Rìgh. An dèidh duilgheadasan nas tràithe air a’ bhliadhna, nuair a bha feum aig mòran feitheamh na b’ fhaide na bha dùil ri airgead, bha na prìsean nan adhbharan toileachais.

[Raibeart Dòmhnallach] Gach ceann a tha tighinn suas air £100 gach ceann an-diugh so mar a bha mi ag ràdh tha sinn toilichte le sin. Bha geamhradh doirbh againn leis mar a bha na subsidies againn, cho fadalach ‘s a bha iad mus d’ fhuair sinn am-bliadhna iad, bha gnothaichean gu math doirbh dha meall daoine. Ach tha sinn dìreach toilichte gu bheil an sale a tha seo, gu bheil deagh phrìsean ann an-diugh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] ’S ann gu costa an ear na h-Alba a dh’ fhalbh a’ mhòr-chuid de na beathaichean. Chaidh còrr agus mile dhiubh a reic aig a’ cheann-thall. ’S iad na laoigh òga, aotrom a thog na prìsean as fheàrr.

[Seumas Lamont] Nuair a chì thu an fheadhainn mhòra tha an fheadhainn bheaga, mar a bha mi ag ràdh eadar 190 – 250 kilo, tha iad a’ dèanamh suas ri £700, £650 - £700, so ’s e prìs mhath dha-rìribh a tha sin dha laoigh òga agus tha shape mhath aca, ’s e laoigh mhath a th’ annta. Aig tòrr dhaoine, tha iad a’ ceannach tairbh mhath a-nis agus tha shape mhath air na laoigh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chan eil fiù ’s trì mìosan air a dhol seachad bho bhòt muinntir na Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Tha seo a’ togail cheistean air dè thig an àite subsadaidhean Eòrpach san àm ri teachd. Ach tha e coltach nach tug a’ bhòt is a’ mhì-chinnt a tha ga chuairteachadh, buaidh co-dhiù air prìsean nam beathach.

[Dòmhnall MacLeòid] ’S e anns na bliadhnaichean a tha ri tighinn, dè thachras an uair sin? Ach, aig an àm seo co-dhiù chan eil càil a choltas gu bheil, fhios agad a thaobh prìs uain agus prìs chrodh, ’s ann a tha e math. Och tha, tha, ma chumas e, ma chumas e a’ dol dìreach.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Calum MacIlleathain, BBC An Là, Port Rìgh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!