FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new forum on Highland church history Fòram ùr air eachdraidh na h-eaglais air Ghàidhealtachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fòram ùr air eachdraidh na h-eaglais air Ghàidhealtachd

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha oidhirp às ùr ga dhèanamh sgoilearachd air eachdraidh na h-eaglais air a’ Ghàidhealtachd a bhrosnachadh. Stèidhich Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd ann an Inbhir Pheofharain fòram ùr air eachdraidh agus bidh a’ chiad cho-labhairt aca an ath mhìos. Tha iad an dùil gun gabh luchd-eachdraidh anns an fharsaingeachd agus am mòr-shluagh ùidh ann. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Allt na Tòisidheachd anns an Eilean Dubh. Ri taobh an uillt sa, anns an 19mh linn, bhiodh seirbheisean adhraidh mòr gan cumail air a bhlàr a-muigh. Tha an t-àite sònraichte ann an eachdraidh eaglais na Gàidhealtachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha eachdraidh nam mìltean a bhiodh a’ cruinneachadh mun cuairt an seo airson adhradh air a bhlàr a-muigh fhathast air chuimhne. Ach, ‘s iomadh pìos de dh’ eachdraidh eaglais agus creideimh air a’ Ghàidhealtachd nach deach a rannsachadh gu ìre mhòr. Agus ‘s ann airson sin a tha am fòram ùr a tha seo.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha Inbhir Pheofharain, far a bheil Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd stèidhichte, am bogadh ann an eachdraidh eaglaisean. Tha iad air a bhith a’ coimhead ri fòram eachdraidh a stèidheachadh bho chionn bhliadhnaichean, an dèidh comhairle bhon sgoilear Cheiltis, an t-Ollamh Dòmhnall Meek.

[An t-Urr Eachann Moireasdan] ’S e aon de na rudan air an robh e a’ bruidhinn, gu robh beàrn mòr ann a thaobh sgoilearachd acadaimigeach agus rannsachadh a thaobh eachdraidh na h-eaglais agus uill tha sinne a’ feuchainn ri beagan dhen bheàrn sin a lìonadh leis a’ cho-labhairt seo agus am fòram a tha sinn a’ cur air chois.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bidh farsaingeachd chuspairean anns a’ chiad cho-labhairt an ath mhìos, leithid òraid bhon eachdraiche ainmeil Marjory Harper air eilthireachd agus creideamh. Eilthireachd a bha uaireannan air fhaicinn mar mhac-talla air ecsodus nan Iùdhach às an Èipheit.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S e ‘Seasons of Change & Times of Crisis’ ainm na co-labhairt. Ach, chan e a-mhàin atharrachaidhean eaglaiseach a tha fa-near dhaibh. Bidh mòran de dh’ eachdraidh eile na Gàidhealtachd air a thoirt a-steach cuideachd. ‘S tha dòchas gun tog sin ùidh a’ mhòr-shluaigh.

[An t-Urr Eachann Moireasdan] Gum biodh cothrom aig an t-sluagh anns an fharsaingeachd a bhith beachdachadh air eachdraidh na h-eaglais, eachdraidh na Gàidhealtachd anns an fharsaingeachd. Tha ceangal mòr eatorra, ceangal dlùth eadar creideamh agus a’ choimhearsnachd anns an fharsaingeachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ’S dòcha nach robh aon rud eile cho tric a’ toirt buaidh air eachdraidh na Gàidhealtachd ri creideamh. Le fòram ùr airson sin a rannsachadh ‘s a dheasbad, bu chòir gum bi barrachd tuigse againn uile air a’ bhuaidh a bh’ aige. Dòmhnall Mhoireasdan, BBC An Là, Inbhir Pheofharain.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!