FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tractor rally in North Uist Railidh thractaran ann an Uibhist a Tuath

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Railidh thractaran ann an Uibhist a Tuath

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Chumar a' chiad railidh thractaran ann an Uibhist a Tuath Disathairne. Chaidh cha mhòr 50 tractar, cuid dhiubh còrr is 60 bliadhna a dh'aois, mu chuairt an eilein. Thionndaidh na ceudan a-mach gan coimhead. Chuirear an tachartas air dòigh airson carthannas ionadail. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bha 49 tractaran trang madainn Disathairne, a’ cur cuairt air Uibhist a Tuath anns a’ chiad railidh thractaran air an eilean.

[Aonghas MacFhearghais – Neach-aithris] Bha sinn ag iarraidh bileagan phàipeir air ais bho daoine ag ràdh gu robh iad a’ gabhail pàirt. ‘S cha robh sinn air mòran a chluinntinn ‘s bha sinn ag ràdh “oh, chan eil fhios na tha gus a bhith ann.” Ach bha suas ri 50 ann an-diugh tha mi smaoineachadh, mur an robh beagan a bharrachd air 50 ‘s dòcha. So bha turn out a bha dìreach math dha-rìribh fhèin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bha a’ chuairt 33.5 mìle a dh’fhaid. Stad iad aig a’ Chlachan ann an Loch nam Madadh agus ann an Solas. ‘S e Ferguson TED 20 bho 1949 an tractar bu shine a bh’ann. Agus bha tractar ann a chaidh a chlàradh ùr bho chionn beagan làithean. Dh’fhalbh na seann thractaran greis air thoiseach air tractaran mòra an latha an-diugh.

[Mairead NicIlleathain] ‘S e Massey 35 a bh’ agam fhèin so tha e gu math slow. Dh’fhalbh sinn dìreach trì tractaran às dèidh a chèile airson beagan astair a chumail eadar na tractaran gus am faigh càraichean seachad so bha e glè mhath. ‘S an uair sin nuair a bha sinn air an two-way eadar Clachan agus Loch nam Madadh bha sin beagan nas fheàrr, cha robh againn a stad so fhuair sin beagan mileage a dhèanamh ann an sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chuir an railidh còrr agus 1600 mìle agus nam mìltean notaichean ri ‘Millean Mìle do Ellie’, iomairt carthannais a chaidh a chur air bhonn an ainm Ellie Dhòmhnallach, boireannach òg às an eilean a chaochail le aillse.

[Michelle Dhòmhnallach] Ellie was young, fit, full of life, had the best smile. I think Ellie would love the craziness of it, I think she would love the fact that the men are not working today, which to get crofters and agricultural men and those who would normally be finding something to something to do, out here on a day and socialising is fantastic.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thàinig na tractaran às Na Hearadh agus bho air feadh Uibhist agus thàinig co-dhiù aon dhràibhear dhachaigh far tìr-mòr.

[Aonghas MacFhearghais – Neach-aithris] Bhiodh e glè mhath a dhèanamh a h-uile bliadhna , chan eil fhios a’m an dèanadh tu a h-uile bliadhna e ach a h-uile dàrna no treas bliadhna, bhiodh e glè mhath.

[Mairead NicIlleathain] Bha deagh spòrs ann, bha.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] An dèanadh tu rithist e?

[Mairead NicIlleathain] Oh dhèanadh. Dhèanadh. Dhèanadh an-diugh fhèin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann a Uibhist a Tuath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!