FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Barvas Estate now in the hands of the community Oighreachd Bharbhais ann an làmhan na coimhearsnachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Oighreachd Bharbhais ann an làmhan na coimhearsnachd

[Anne Lundon – Preseantair] Tha Urras Oighreachd Bharbhais ann an Leòdhas air an oighreachd aca fhèin a cheannach às dèidh pàigheadh còrr is £700,000 do bhanca an uachdarain an-diugh. Tha seo a' tighinn às dèidh bliadhnaichean mòra de dh'obair ach tha an t-Urras a' faicinn adhbhar dòchais mar-thà agus àireamh na cloinne san sgìre ag èiridh. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach - Neach-aithris] Tha 33,000 acaire an oighreachd Bharabhais, ‘s i sìneadh bho meadhan baile Barabhais fhèin sa cheann a tuath, gu meadhan baile Shiaboist sa cheann a deas. Cha do cheannaich an t-urras an iasgach, bhiodh sin air cosg uimhir eile a-rithist ris an £750,000 a phàigh iad air an fhearann. Ach mar-thà, tha an t-urras air cosnaidhean a chruthachadh.

[Aonghas MacLeòid] Tha dithis againn air fhastadh a-nis, mar a chanadh tu fear a bhios a’ coimhead às dèidh a’ ghnothaich agus am pearsa eile againn airson a bhith coimhead às dèidh, dìreach, rudan na h-oighreachd fhèin, na croitearan agus cumail rian air a’ bhusiness mar a chanadh tu.

[Aonghas Dòmhnallach - Neach-aithris] Tha rannsachadh air nochdadh gun gabhadh teachd a-steach seasmhach fhaighinn tro chumhachd ath-nuadhachail agus iad sin a ghluasad air adhart.

[Aonghas MacLeòid] Tha e nar dùil roth-gaoithe, mar a chanas iad, airson dealan a chruthachadh, tha dùil againn sin a dhèanamh. Agus bheir sin bliadhna no dhà no barrachd mus tig e gu ìre ‘s dòcha gum faigh sinn beagan airgid a-steach ri linn bhith cruthachadh dealan. Tha rudan beag eile ann ach na rudan eile ‘s ann gu math beag a bhios an t-airgead ach ‘s ann a’ tighinn a bhios e.

[Aonghas Dòmhnallach - Neach-aithris] Agus ged nach eil cùisean a’ coimhead dòchasach ann am pàirtean eile dhen rìoghachd, tha an t-urras a’ coimhead adhbhar dòchais a thaobh mar a tha cùisean ann an sgìre oighreachd Bharabhais.

[Aonghas MacLeòid] ‘S e a sheallas dhut nach eil crìonadh de chlann tha tighinn a-steach dhan sgoil, Sgoil an Taobh Siar ann am Barabhas an seo, uill tha àireamh gu math mòr a’ tighinn a-steach an ath-bhliadhna, nas motha na bha e ann am bliadhnaichean eile. Mar sin dheth chan eil mi faicinn gu bheil cus crìonaidh a’ tighinn ann an-dràsta co-dhiù. Tha an clò mòr tha e gu math trang an-dràsta agus daoine a bhios ag obair air togalaichean agus rudan mar sin. Chan eil mi faicinn cus atharrachaidh an sin thairis air na bliadhnaichean.

[Aonghas Dòmhnallach - Neach-aithris] Linn ùr agus obair mhòr a-nis air tòiseachadh. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, ann am Brù air oighreachd Bharabhais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!