FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Redevelopment of Broadford and Strath Ath-leasachadh an Ath Leathainn agus an t-Sratha

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Ath-leasachadh an Ath Leathainn agus an t-Sratha

[Innes Rothach – Preseantair] Chan fhada gus am bi cothrom aig cuid de mhuinntir an t-Àth Leathainn agus An t-Sratha lusan agus measan fhàs sna lotaichean agus poly tunnels a tha gan cur air dòigh anns an sgìre. Airson a’ phàirt de dh’ath-leasachadh a th’ air a bhith ga dhèanamh air goireasan na sgìre thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’ fhalbh. Tha tuilladh aig Magaidh NicFhionghain.

[Magaidh NicFhionghain – Neach-aithris] Tha companaidh choimhearsnachd an Ath Leathainn agus An t-Sratha air a bhith ag obair airson grunn bhliadhnaichean a’ brosnachadh beatha nas fhallain dhan choimhearsnachd le bhith cur air dòigh slighean coiseachd ùra agus a-nise bidh leasan ri fhaighinn airson cuid a dhaoine aig nach eil gàrradh dhaibh fhèin. Tha an t-àite air leudachadh gu mòr thairis air na bliadhnaichean.

[Seonachan MacLeòìd] Chunnaic mi tòrr diofaran thairis air na bliadhnaichean, gu h-àraidh na daoine a tha air tighinn a-staigh. Tha tòrr a bharrachd daoine fuireach anns an Ath Leathann a-nise na bha aig aon uair. Tha ospadal ann, tha leabharlann, tha bùithtean, tha àite far am bi seann daoine fuireach agus tha bùithtean ùr a’ tighinn a-staigh, tha garaids ùr againn an-dràsta . Tha tòrr rudan a’ tachairt anns an Ath Leathann.

[Magaidh NicFhionghain – Neach-aithris] Thèid leasachadh a dhèanamh air campus an Ath Leathainn aig UHI a dh’ aithghearr agus thèid cùrsaichean gàirneilearachd airson daoine chuideachadh ann a bhith fàs nan rudan aca fhèin. A h-uile bliadhna tha e a’ còrdadh ri luchd-turais a bhith ceannach rudan a tha muinntir an eilein air a dhèanamh.

[Seonachan MacLeòìd] Nuair a tha luchd-turais a’ tighinn ann tha an t-àite dìreach loma-làn de luchd-turais. Bidh iad a’ tighinn a-staigh airson nan seallaidhean brèagha a th’ againn anns an eilean ann an seo agus streap nam beanntan, ‘s a’ coiseachd ‘s a’ bruidhinn ris na daoine. Bidh tòrr luchd-turais a’ tighinn bidh iad ag ràdh, an rud as fheàrr a th’anns an eilean? Bidh iad ag ràdh an-còmhnaidh cho laghach ‘s a tha na daoine.

[Magaidh NicFhionghain – Neach-aithris] Le barrachd bhùithtean a’ fosgladh agus goireasan ùra dhan choimhearsnachd fhèin, tha a’ chompanaidh choimhearsnachd dhen bheachd gun urrainn dhaibh piseach a bharrachd a thoirt air an sgìre.

[Alasdair Mac a’ Phearsain] I mean, there’s not many places you can go in Skye without passing through either Broadford or the adjacent Breakish. So we’re really, very much in the right place. And it’s just up to us to capture the activity which is passing through us and try and divert it into the place itself. We’ve been moderately successful in doing that and look forward to being even more successful.

[Magaidh NicFhionghain – Neach-aithris] Tha cuid a tha a’ fuireach san àite a’ faicinn gu bheil cothroman ann cuideachd airson sgilean fearainn agus cànain a thoirt am feabhas.

[Dòmhnall Iain MacIllFhinnein] Mhiannaicheamaid gum biodh barrachd dhan fheadhainn òga a’ dol a-staigh, a’ dol a-staigh airson croitearachd, a’ dèanamh feum dhan talamh agus a’ fàs crodh agus caoraich airson biadh a chumail rinn mar a thig an t-sìde. Agus mhiannaicheamaid cuideachd gum biodh an cànan air a neartachadh agus gum biodh barrachd dhaoine a’ bruidhinn na Gàidhlig agus a’ chànain air a bheil sinn eòlach.

[Magaidh NicFhionghain – Neach-aithris] Ge bith thachras tha e coltach gum bi barrachd adhbharan aig luchd-siubhail ùine a chur seachad anns a’ bhaile. Magaidh NicFhionghain, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!