FaclairDictionary EnglishGàidhlig

It's behind you! Air do chùlaibh!

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Air do chùlaibh!

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Thòisich panto Gàidhlig na bliadhna-sa air a chuairt timcheall nan sgoiltean an-diugh. Tadhlaidh "Marsaili agus a' Bhleideag Airgid" air 17 sgoiltean uile gu lèir. Agus bidh cothrom aig a' mhòr-shluagh fhaicinn cuideachd - sin anns na h-Ironworks ann an Inbhir Nis. Chaidh Dòmhnall Moireasdan gam faicinn a' dèanamh an deasachaidh mu dheireadh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ghlèidheas co-fharpais seinn na Bleideag Airgid? Sin a’ cheist mhòr. Rug mi air a’ chuideachd aig Fèisean nan Gàidheal, ‘s iad an sàs anns an deasachadh mu dheireadh, fo stiùir a’ chleasaiche ainmeil Daibhidh Walker.

[Aonghas MacCoinnich] Tha sin a’ cur ris an sgriobt, ris an sgeulachd gach latha oir tha sinn a’ cur rudan ùra ris agus rudan èibhinn ris gach latha ‘s tha Daibhidh air a bhith gu math cuideachail a thaobh sin oir ‘s e duine èibhinn a th’ ann.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha Daibhidh a’ cumail sùil gheur air a’ phanto, ged a tha e ag ràdh nach e buileach panto a th’ ann ach dealbh-chluiche Nollaig.

[Daibhidh Walker] Uill tha mi creidsinn gu bheil blas panto air ach cuideachd ‘s e sgeulachd Nollaig a th’ann agus a’ toirt a-staigh tha mi creidsinn iomadach car sgeulachd a thaobh Cinderella agus ‘s i nighean òg a th’ innte. A’ Bhleideag Airgid, tha i airson seo a bhuannachadh agus chan eil ‘s dòcha misneachd gu leòr aice airson a dhol a-mach agus seinn ach chan eil mi airson tuilleadh sa chòrr a thoirt seachad.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S iomadh dùbhlan a tha an cois a bhith nad rionnag ann am panto.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] A bharrachd air Aonghais MacLeòid, ‘s e na cleasaichean eile Iain Beggs, Catriona NicNeacail agus Ellen NicDhòmhnaill, aig a bheil na h-uimhir a dh’ eòlas air panto roimhe.

[Ellen NicDhòmhnaill] An fheadhainn anns a bheil mi air a bhith an sàs mar, Snow White no Cinderella no mar sin agus tha am fear seo math air sgàth chaidh a sgrìobhadh, ‘s e panto ùr a th’ ann. Chaidh a sgrìobhadh le cuideigin agus chaidh a sgrìobhadh ann an Gàidhlig cuideachd. Tha e math a bhith an sàs ann an rudeigin a tha gu tur ann an Gàidhlig.

[Catriona NicNeacail] Tha e air a bhith spòrsail agus cruaidh aig an aon àm. Aidh tha sinn air tòrr ullachadh a dhèanamh agus tha sinn ag obair gu cruaidh. Uill tha mi’n dòchas. Tha sinn a’ feuchainn.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] An dèidh dhaibh tadhal air 17 sgoiltean, gheibh mòr-shluagh an Inbhir Nis an cothrom am faicinn anns an Iron Works air an 10mh dhen Dùbhlachd. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!