FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic event at Belladrum Tachartas Gàidhlig aig Belladrum

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Tachartas Gàidhlig aig Belladrum

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Airson a’ chiad uair riamh air Fèis Chiùil Bhelladrum an-diugh chaidh tachartas a chumail gu tur tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh an tachartas a chumail anns an t-seann teampall a tha anns a’ choille air an oighreachd anns a bheil an fhèis a’ dol agus ‘s iad an comann Trosg a thòisich e. Tha aca ri Teampall an Trosg a thoirt air an làraich ri linn. Bidh iad a’ dol a-rithist a-màireach, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] ‘S dòcha nach eil a h-uile duine airson ceòl an latha an-diugh a chluinntinn aig ìre far a bheil thu feumach air rudeigin a chur thairis air do chluasan. Agus ged is e Belladrum a-nis an fhèis as motha sa Ghàidhealtachd, cha robh tachartas sònraichte ann airson ceòl dùthchasach na sgìre a thaisbeanadh. Ach am-bliadhna chuir a’ bhuidheann sheinneadaran bho Inbhir Nis, Trosg, sin ceart. Chruinnich iad mu 30 seinneadair agus neach-ciùil aig an teampall sa choille airson òrain Ghàidhlig agus ceòl Gàidhealach a chluich. Ach carson a thagh iad an togalach sa choille.

[Aonghas MacLeòid] Uill, abair gu bheil fuaim sgoinneil am broinn an togalaich bheag a tha seo. Cha shaoileadh tu leis a’ mheud a th’ ann ach dìreach tha binneas nan guthan air a chur ris gu mòr leis an togalach fhèin. Agus cuideachd ged a tha e caran air an iomall ann an seo air làrach Belladrum, tha an t-àite sònraichte, air a chuairteachadh le craobhan agus far a bheil socrachd agus sìth am measg na gleadhraich a tha dol an seo.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Am measg nan daoine a tha cluich aig an deireadh sheachdain tha Alasdair MacIlleBhàin, Brian O hEadhra agus buidheann ùr, coltach ri Trosg, ach làn bhoireannaich à Inbhir Nis, Siabann.

[Saffron Hanvidge] Tha mi an dòchas gum faigh sinn àite beagan nas motha ‘s dòcha, gun tig na daoine agus tha mi smaoineachadh gum bi e math son daoine a tha seinn ann an Gàidhlig, a’ faighinn àite nas motha airson ‘s gun cluinn barrachd daoine Gàidhlig. Agus ann an àite mar seo tha e dìreach mu dheidhinn a bhith ag èisteachd ri ceòl ùr ‘s dòcha nach bi thu a’ cluinntinn air an rèidio agus rudan mar sin.

[Aonghas MacLeòid] Tha iomadach seòrsa ciùil ann an seo ann am Belladrum à gach ceàrnaidh dhen t-saoghal agus bhiodh e uabhasach fhèin math chanainn, beagan a bharrachd dhen Ghàidhlig fhaicinn agus inbhe na Gàidhlig a thogail anns an fhèis a tha seo. So ‘s e toiseach tòiseachaidh glè mhath a tha seo agus tha mi smaointinn gun còrdadh e ris an luchd-èisteachd beagan a bharrachd de Ghàidhlig a bhith ann.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Co aig a tha fios ach ‘s dòcha an ath-bhliadhna gum bi na ceudan de dhaoine a’ seasamh aig an teant mhòr ag èisteachd ri Trosg, is Siabann. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Fèis Chiùil Bhelladrum.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!