FaclairDictionary EnglishGàidhlig

SMO students want to get fit Oileanaich SMO airson fàs fut

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Oileanaich SMO airson fàs fut

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha oileanaich Sabhal Mòr Ostaig airson fàs fut. A dh'aindeoin an iomadh leasachaidh a chaidh a dhèanamh aig an t-Sabhal bho chaidh fhosgladh 40 bliadhna air ais, tha oileanaich den bheachd gu bheil iad gann de dh’ aon rud - goireasan spòrs.. Tha iad a-nis airson gym fhosgladh ann an Slèite, a bhiodh fosgailte dhan choimhearsnachd cuideachd. Tha an aithris sa aig Ailean MacLeòid.

[Hannah McKirdy] Am-bliadhna tha sinn air a bhith feuchainn gus gym fhaighinn aig a’ cholaiste. Chan eil goireasan spòrs againn an-dràsta aig Sabhal Mòr agus tha sinn a’ faireachdainn mar Chomann nan Oileanach gu bheil e air leth cudromach gu bheil rudeigin againn an seo. Thuirt aon den luchd-teagaisg agam rium am-bliadhna gu robh fealla-dhà a-riamh air a bhith ann aig Sabhal Mòr gum b’ urrainn dhut aithneachadh a’ bhliadhna anns a bheil oileanaich le cho tiugh ‘s a bha iad mun mheadhan agus tha sinn a’ feuchainn ris an sin atharrachadh.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Coltas ma-thà gu bheil rudeigin a dhìth aig an t-Sabhal. Tha còrr is 40 bliadhna bho chaidh a’ cholaiste a stèidheachadh an seo ann an Slèite ach, san ùine sin chan eil mòran air a bhith aig na h-oileanaich a thaobh goireasan spòrs. San togalach air mo chùlaibh tha talla far am faodar badminton agus iomain ‘s hockey ‘s a leithid a chluich a-staigh ach a bharrachd air sin chan eil sìon air a bhith aca.

[Hannah McKirdy] Uill tha gym a dhìth oirnne, chan eil gym againn ann an Slèite. Gym a b’ fhaisge oirnne ‘s anns a’ Chaol a tha e agus dhuinne sa Gheamhradh tha e car cunnartach dhuinne a bhith a’ dol a-mach a ruith no coiseachd. Nuair a tha clasaichean againn tron latha agus an uair sin aig ceithir uairean feasgair tha e dorcha muigh agus chan eil solais air na ròidean .

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] ‘S iad Comann nan Oileanach a bhios a’ ruith nan goireasan ‘s iad air aontachadh le ùghdarrasan an t-Sabhail fear de sheann sheòmraichean na colaiste fhaighinn air màl aig prìs ìosail.

[Dòmhnall Angaidh MacIllinnein] Ann an dòigh ‘s e cothrom ionnsachaidh, cothrom math a th’ann nuair a tha sinn a’ teagaisg gnothaichean mar gnìomhachas agus sgilean rianachd taobh a-staigh na colaiste agus as fheàrr na bhith ruith companaidh beag dhaibh fhèin ach bidh a h-uile taic ri fhaotainn cuideachd mar a shaoileadh tu eadar na riaghailtean slàinte is sàbhailteachd agus na rudan a dh’ fheumas a bhith air an cur nan àite. Ach cuideachd goireasan margaidheachd agus a h-uile càil a th’ann agus bidh sinn an dùil gum bi an t-ionaid fosgailte dhan choimhearsnachd cuideachd, tha sin cudromach.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Le bhith fosgailte dha muinntir na sgìre air fad tha an dùil gum bi an gym an ìre mhath trang. A rèir cuid ge-tà tha barrachd air dìth goireasan air cùlaibh na cùise

[Karen Elder] Chan eil mòran ri dhèanamh air an oidhche agus mas e is gu robh gym ann ‘s gu robh e fosgailte gu can naoi uairean, deich uairean air an oidhche bhiodh sin sgoinneil. Bhiodh rudeigin againn a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh. Agus cuideachd leis a’ bhiadh a tha sinn a’ faighinn an seo ‘s e canteen food a th’ ann agus chan eil sin math dhut a bhith faighinn tuilleadh ‘s a’ chòrr bidhe cho tric. Bhiodh e math nam biodh dòigh air choreigin againn beagan eacarsaich a dhèanamh.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Coltas g’ eil iarrtas ann son a leithid mathà, ‘s iad dòchasach gum bidh e fosgailte son toiseach na bliadhna teagaisg ùr an ceann beagan mhìosan. Ailean MacLeòid, BBC An Là, Sabhal Mòr Ostaig.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!