FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A galley is launched in Uist Bìrlinn ga taisbeanadh an Uibhist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Bìrlinn ga taisbeanadh an Uibhist

[Angela Nic’Illeathain - Preseantair] Tha ath-chruthachadh de sheann bhìrlinn a thogar le a bhith a' cleachdadh fiosrachadh bho chlachan uaighe air taobh siar na h-Alba a-nis ri fhaicinn aig taigh-tasgaidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh an "Aileach", mar a thathas a' gabhail orra, a thoirt gu Taigh-tasgaidh Chill Donnain aig deireadh na seachdain. Tha dòchas ann gum bi i na tarraing mhòr dha luchd-turais thar mhìosan an t-Samhraidh. Seo tuilleadh aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thàinig an “Aileach” a dh’Uibhist anns a’ bhliadhna 2013. Chaidh a togail le Urras Birlinn Tighearna nan Eilean, cho coltach ‘s a ghabhadh ris a’ Bhirlinn a bha seòladh nan uisgeachan air taobh an Iar Alba fad co-dhiù 500 bliadhna bhon treas linn deug.

[Anndra Dòmhnallach] The galley was built as it would have been three or four hundred years ago and the “Aileach” has done four or five big voyages. She sailed from Westport in Ireland up to Stornoway, we’ve also taken her up to the Faroe Islands to prove that there were trading routes between the Faroe Island and Scotland and the west coast of Scotland. She’s been in many different circumstances, taken a lot of school children out to let them live a little bit of the maritime heritage and row and sail.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh an “Aileach” a dhealbhachadh le ìomhaighean bho clachan uaighe bho na meadhan aoisean anns na h-eileanan agus air taobh an iar Alba. Thàinig am fiosrachadh a b’ fheàrr far chloich aig Eaglais Roghadail. A-nis bidh a’ Bhirlinn ri faicinn fad an t-samhraidh seo ann an gàrradh Taigh-tasgaidh Chill Donnain.

[Raghnall MacFhionghain] Bidh i ann fad an t-seusain agus nuair a bhios an seusan seachad chan eil duine againn aig a’ mhuseum aig a bheil sgil a choimheadadh as a dèidh ach tha seada aca deiseil airson a cur ann feadh a’ gheamhraidh agus ma tha obair ri dhèanamh oirre os gum bi i fiot airson an ath-bhliadhn agus tha mi an dòchas gum faigh sinn an ath-bhliadhn a-rithist i gum bi àite nas fhèarr, stand dòigheil againn dhith ach an-dràst tha i dìreach ann an àiteachan anns an iomall an rud ach gheibh sinn àite dhith far am bi i agus tha min dòchas gum bi i againn airson iomadach bliadhna fhathast.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh fiosrachadh mun “Aileach” fhèin, eachdraidh na Birlinn agus cho cudromach ‘s a bha iad dha na h-eileanan seo aig aon àm ri fhaighinn anns an taigh tasgaidh. Thathar an dòchas gun tarraing an “Aileach” grunn a-staigh an seo agus gun cuir sin taic ri na goireasan a tha seo mar tha.

[Raghnall MacFhionghain] Fhios agad nuair bhios daoine dol seachad cho luath ‘s a chì iad i feumaidh iad stad ‘s tha an rathad cumhang mar a bhios fhios shìos ann an siud so ma dh’fheumas iad slaodadh a-staigh dhan taigh-tasgaidh airson fhaicinn so tha min dòchas gun obraich e mu chuairt oirnn air fad, bidh e math. ‘S e bàta snog a th’ innte agus tha sinn gu math taingeil gun d’ fhuair sinn i agus gun d’ fhuair sinn an cothrom a cur aig a a’ mhuseum againn agus mar a bha mi ag ràdh nuair a chì daoine i taobh an rathaid ann an siud stadaidh iad agus thig iad a-staigh agus obraichidh e a-mach dhan chafaidh ‘s dhan bhùth eile th’ann ‘s bidh e math. ‘S e win-win situation a th’ann mar a chanas tu.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!