FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Wool festival in Grimsay Taisbeanadh 'Snàth' ann an Griomasaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Taisbeanadh 'Snàth' ann an Griomasaigh

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise, tha aodach agus stuthan-dachaigh a chaidh a dhèanamh le snàth bho mhuileann Uibhist ri fhaicinn aig taisbeanadh ann an Griomsaigh. 'S e 'Snàth' ainm an taisbeanaidh, a tha mar phàirt den fhèis Hebtember. Chan eil ach bliadhna bhon a thòisich an obair aig a' mhuileann. Chaidh an tè-naidheachd againn ann an Uibhist, Shòna NicDhòmhnaill a dh'fhaicinn na th’ air a bhith a' dol ann.

[Shòna NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chan eil ann ach bliadhna bhon a thàinig an uidheamachd airson càrdadh agus snìomh gun mhuileann ùr ann an Griomasaigh. Bha obair mhòr ri dhèanamh ri na seann innealan mus deigheadh an cur gu feum.

[Margaret Joan NicÌosag] Thug sinn às a chèile na h-uidheaman nuair a fhuair sinn iad. Dìreach cha mhòr a h-uile cnò ghlan sinn le ar làmhan fhìn. Bha salchar fad linn ann an àitichean air, seòrsa uidheaman a th’ ann chì thu a h-uile dad ag obair so tha thu fàs cleachdte ri ma tha rudeigin a’ dol ceàrr, ‘s dòcha gur e a chluinntinn a thu.

[Shòna NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha a’ chlòimh ga nighe, ga càrdadh agus ga snìomh. A-nis, tha snàth ga chur a-mach ann an dathan bàn, glas, donn agus dubh agus aig diofar tighead.

[Niall Monk] Bidh sinn a’ dèanamh weaving yarn leis an single ply sin agus ma tha sinn ag iarraidh gnothach airson fighe bidh sinn a’ cur ‘s dòcha dhà còmhla, trì no ceithir uaireannan son diofar tighead de knitting yarn a tha daoine ag iarraidh.

[Shòna NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh cuid dhe a thoirt do bhreabadairean agus figheadairean air feadh nan eilean.

[Margaret Joan NicÌosag] Bha sinn dìreach ag ràdh riutha “tha snàth an seo agus dìreach dèanaibh fhèin leis mar a tha sibh a’ faicinn thoireadh bha sinn air tachairt ri a leithid de dhaoine inntinneach agus bha fhios againn gu robh sùil sgoinneil aca airson rud a dhèanamh agus thàinig iad air ais le dìreach rudan sgoinneil agus rudan cianail snog.

[Shòna NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Aig an taisbeanadh snàith, chithear geansaidhean mìn agus trom air am fighe, aodach air a dhèanamh le clò. Cuideachd còmhdach clò airson àirneis. ‘S e clòimh bho chaoraich ann an Uibhist a tha a’ mhuileann a’ cleachdadh airson an t-snàth a dhèanamh. Tha deagh bheachd aig figheadairean air mar-thà.

[Margaret Joan NicÌosag] Bha pìosan ann bha fhios againn fhìn nach do dh’obraich cho math ach an uair sin tòrr dhen chlòimh‘s dhen t-snàth cuideachd bha iad cianail toilichte. Bha iad ag ràdh gu robh e cho math no nas fhèarr na snàmh a bha iad air a chleachdadh riamh.

[Shòna NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn aig a’ mhuileann gu feasgar Disathairne. Shòna NicDhòmhnaill, BBC An Là, Griomasaigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!