FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New Autumn launch has been published Clàr fhoghair ùr BBC ALBA ga fhoillseachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Clàr fhoghair ùr BBC ALBA ga fhoillseachadh

[Mairi Rodgers – Preseantair] Nis aig a’ cheart àm dh’fhoillsich MG ALBA sreath dhràma ùr agus prògraman sònraichte a' comharrachadh toiseach a’ Chiad Chogaidh am measg a’ chlàr Fhoghair ùr aca. Chaidh cur air bhog oifigeil a chumail an-diugh aig Talla-consairt Rìoghail Ghlaschu airson tabhartasan an t-sianail a thaisbeanadh. Tha an aithris-sa aig Kerr Gibb.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Aig cur air bhog oifigeil MG ALBA mhìnich Ceannard Seirbheis airson BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal, Mairead Màiri Mhoireach, gu bheilear gu sònraichte a’ coimhead air adhart ri dràma ùr air an t-sianal.

[Mairead Màiri Mhoireach] Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri dràma a thoirt a-steach gu clàr BBC ALBA agus tha sinn air trì leth uairean a thìde de shreath leis an ainm Bannan a chruthachadh. Chruthaich sinn sin an-uiridh agus tha e air a sgrìobhadh le Crisella Ros, chaidh a sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus a stiùireadh le Tony Kearney airson a’ chiad uair ann an Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gun còrd an sgeulachd tha sin ris an luchd-amhairc.

[Actair] Sin an taigh againne, bidh pìos a’ dol ris a h-uile bliadhna. Mar chraobhan canaidh iad. Tha Tormod a’ buain an lot…

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Tha an cleasaiche Sanjeev Kohli air a bhith an sàs anns a’ chomadaidh ùr cuideachd.

[Sanjeev Kohli] Well the show that we filmed a few months ago now actually called Gaol @ Gael, which is a fictional website although I think they’re going to set up one, actually, but it’s a website for Gaelic speakers on the islands and the idea is that I’m a doctor from the mainland called Sandeep who has sort of ended up on the mainland, ended up sorry in Harris and we don’t quite know why, I've got my own personal theories

[Actair] So if you’re looking for love then join me at Gaol @ Gael, I’ve a fantastic bedside manner. Sorry it sounded a bit seedy. I don’t mean….

[Sanjeev Kohli] And the problem is that he can’t find love because any females that he meets tends to be patients and you can’t really date your patients, it’s not very fashionable or, legal. So he has applied to become a candidate on this website.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Ach bidh tòrr a bharrachd air comadaidh agus dràma fhathast ri fhaicinn air an t-sianal.

[Mairead Màiri Mhoireach] Cuideachd tha tòrr de phrògraman aithriseach againn - raon gu math farsaing de phrògraman aithriseach – cuid dhiubh a’ coimhead ri ceud bliadhna bho thoiseach a’ Chiad Chogaidh agus cuideachd sreathan aithriseach a tha leantainn seirbheisean sònraichte ann an Alba leithid seirbheis Cobhair Cloinne agus cuideachd tha sinn a’ leantainn lighichean-sprèidh air a’ Ghàidhealtachd.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Rudeigin airson a h-uile duine ma-thà air BBC ALBA sna mìosan tha ri thighinn. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!