FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Returning to Scarp A' tilleadh dhan Scarp

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

A' tilleadh dhan Scarp

[Iain Macaonghais – Preaseantair] A-nis, a’ chiad ann an sreath de dh’aithrisean mu Eilean an Scarp. A-nochd agus gach oidhche dhen t-seachdain seo, gheibh sinn sealladh air an Eilean, mar a bha e, mar a tha e an-diugh agus iomradh air tasglann de dheilbh agus làmh-sgrìobhaidhean a thàinig am follais bho chionn ghoirid. A-nochd tha Ruaraidh Rothach a’ toirt Ùisdean MacIllinnein air ais dhan Eilean, far an do chuir e seachad làithean-saora an t-Samhraidh na òige.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha ainm an Scarp a’ tighinn bhon sean-fhacal Lochlannach airson talamh creagach, cruaidh no talamh nach eil buileach torrach agus gu dearbha, a’ coimhead mu chuairt, chan eil mòran talamh àitich an seo. Ach a-rèir nan Scarpach fhèin, bha deagh bhith-beò aca. Cha robh dìth sam bith orra tha iad ag ràdha. Ach, a dh’aindeoin sin, aig deireadh an dàrna cogaidh thòisich àireamh an t-sluaigh a’ crìonadh gu mòr an seo. Bha daoine air beagan dhen t-saoghal mhòr fhaicinn agus na goireasan a bh’ aig daoine eile nach robh acasan an seo. A dh’aindeoin sin ge-tà, tha na daoine a dh’fhalbh agus na daoine le ceanglaichean ris an eilean dhen aon bharail. ‘S e sin, gu bheil tarraing làidir aig an Scarp fhathast.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ùisdean MacIllinnein a’ tilleadh dhan Scarp, dachaigh a mhàthar, ‘s i an as sine tha beò fhathast a rugadh sa Scarp. Ged a thogadh Ùisdean air tìr-mòr, chuir e seachad samhraidhean còmhla ri chàirdean san eilean.

[Ùisdean MacIllinnein] Tha tòrr dhaoine smaoineachadh gun do rugadh ‘s gun do thogadh mise anns an Scarp agus tha sin fhèin annasach ann an dòigh ‘s tha mi cinnteach gur ann air sgàth nan rudan a tha mi dèanamh ‘s cho tric ‘s a tha mi bruidhinn mun Scarp agus an ceangal a th’ agam ris an Scarp.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ged a tha Ùisdean air tilleadh dhan Scarp corra-uair bhon uair sin, cha robh e am broinn taigh Dhòmhnaill Sheoc, taigh bràthair a mhàthair, bho na trì ficheadan.

[Ùisdean MacIllinnein] Seo far an do chuir mise seachad tòrr dhen òige agam a thaobh saor-làithean agus tha mi smaoineachadh gun do lean tòrr dhe na rudan a chunnaic mi ‘s a chuala mi agus na fuaimean agus na fàilidhean, bidh mi an còmhnaidh bruidhinn air sin, rudan a chunnaic mi agus rudan a lean rium ‘s cha robh mise am broinn an taighe a bha seo bho na trì ficheadan.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Mar a thuraichear, bha iuchair aig aon de na daoine aig a bheil dachaigh samhraidh air an Scarp.

[Ùisdean MacIllinnein] Uill thàinig e air ais thugam air an spot, a h-uile càil agus na fuaimean agus mar a bha mi ag ràdh a thaobh an taobh a-muigh, na fàilidhean agus na rudan a bha dol am broinn an taighe. ‘S e taighe teaghlaich a bh’ ann.

[Ùisdean MacIllinnein] The outline is exactly the same as it was and the big window and the view, the view is just amazing.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Air cuairt gu ceann eile an eilein, stad sinn air càrn Choinnich airson anail a tharraing agus airson clach a chur air a chàrn.

[Ùisdean MacIllinnein] Chaidh seo a thogail le fear de mhinistearean an Scarp nuair a bha e na bhalach beag, Coinneach Saor, Coinneach MacIllinnein a bh’ ann agus tha mi cinnteach ann an dòigh gu bheil a' chàrn fhèin agus an duine a’ samhlachadh tòrr de dh’eachdraidh an eilein a tha seo oir bha Scarp ainmeil riamh airson na bha de dhaoine le ceumannan oilthigh agus gu sònraichte na bha de mhinistearan a’ tighinn às airson àite beag agus tha an càrn fhèin, tha e annasach mar a chaidh a thogail agus an dèanamh a th’ air agus nuair a smaoinicheas tu air, cuimhnich gur ann uair a bha e na bhalach beag a thog e an càrn agus chan ann uair a bha e na dhuine no ag obair le sgioba de fhir-ciùird. Tha e annasach dha-rìribh agus cha do dh’fhalbh aon chlach às fhad ‘s a thill mise fhathast.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] As dèidh an dàrna cogaidh, thòisich daoine a’ falbh, àireamh clann-sgoile a’ dol sìos agus bha e coimhead coltach fiù ‘s an uair sin gu robh làithean na coimhearsnachd seo a’ teannadh gu crìoch.

[Ùisdean MacIllinnein] Nuair a thàinig an outboard, bha e ciallachadh ann an dòigh annasach gu robh e nas fhasa agus nas goireasaiche a dhol a-null. Dh’fhaodadh iad a dhol a dh’iarraidh a’ phuist, dh’fhaodadh iad a dhol a dh’iarraidh biadh aig An Tairbeart tòrr nas sgiobalta agus bha e fuasgladh saoghal eile dhaibh ‘s chan eil agad ach coimhead mu thimcheall oirnn ann an seo far a bheil a’ bhùth agus a’ phost oifis. Feumaidh tu cuimhneachadh cuideachd nuair a dh’fhalbh na daoine às an seo cha robh an t-uisge tighinn a-steach dha na taighean, cha robh cumhachd an dealain ann, bha an dealan air a dhèanamh gu math soilleir nach robh iad dol a chur càball air a’ chaolas, cha robh ann ach aon fòn; mar sin bha iad a’ faicinn an t-saoghail a’ gluasad seachad orra, h-uile duine eile faighinn nan goireasan sin agus chan eil mi ag ràdh gun robh iad ann an dòigh sam bith sunndach ach bha iad ag ràdh “tha sinn airidh air an aon seòrsa goireasan ‘s a tha coimhearsnachdan eile air feadh na Hearadh a’ faighinn ach chan fhaigh sinn iad mura gluais sinn às an seo” ‘s tha sin nàdarrach do dhaoine sam bith a bhith coimhead, gu h-àraidh nan òigridh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!