FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Highland Tattoo returns this year Tattoo na Gàidhealtachd a' tilleadh am-bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Tattoo na Gàidhealtachd a' tilleadh am-bliadhna

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise gu tachartas cudromach eile am-bliadhna. Thàinig dearbhadh an-diugh gu bheil Tattoo na Gàidhealtachd a’ tilleadh am-bliadhna. Tha greis bhon a bha i anns an sgìre, ‘s thathar an dòchas gum bi an chuid sluagh na Gàidhealtachd fhèin agus luchd-turais airson a bhith an làthair agus an tachartas gu bhith ann an àite car eadar-dhealaichte am-bliadhna, mar a tha Shona NicEanraig ag aithris.

[Shona NicEanraig – Neach-aithris] Tha Tattoo Rìoghail Dhùn Èideann a’ tàladh nam mìltean luchd-turais a h-uile bliadhna, le daoine a’ tighinn às gach ceàrnaidh, an chuid ga choimhead agus airson pàirt a ghabhail ann. Eadar an còigeamh ‘s an t-seachdamh dhen t-Sultain tha dùil gum bi seo loma-làn le mhìle duine airson aon dhe na tachartasan as motha dhe sheòrsa anns an Rìoghachd Aonaichte – Tattoo na Gàidhealtachd a’ tilleadh gu Gearasdan Dheòrsa, faisg air Inbhir Nis.

[Shona NicEanraig – Neach-aithris] Tha e coltach gu robh faireachdainn ann gu robh iarrtas ann airson an Tattoo a thilleadh dhan sgìre. Tha HIE, Event Scotland agus Comhairle na Gàidhealtachd am measg na th ’air taic a chur ris an tachartas.

[An Comh Ailig Greumach] Tha mi smaoineachadh gu bheil a h-uile duine ag aontachadh gur e rud math a tha seo dhan bhaile agus dhan Ghàidhealtachd. Bha Tattoo againn ann an Inbhir Nis bho chionn trì bliadhna air ais agus an uair sin sguir e ‘s tha e math g’ eil seo a’ tighinn air ais, chan ann a-mhàin dhan luchd-turais ach cuideachd dha daoine a tha a’ fuireach anns an sgìre, g’ eil ùidh mhòr anns na seirbheisean armachd agus ‘s e rud math a bhios ann.

[Shona NicEanraig – Neach-aithris] A thuilleadh air “fly past” agus cleasan-teine, tha mòran eile gu bhith ri fhaicinn.

[Am Màidsear Seanalair Seymour Monro] It’s going to be a very special event, I mean spectacular. The back drop of the fort is very hard to beat, it’s the biggest military fortress in the United Kingdom and we’ve got a really good cast of military bands, both military and pipes and drums, local adult bands and three youth bands

[Am màidsear Bruce Hitchings] The Highland Brigade had a school of music here, the very famous Pipe Major Donald MacLeod taught here for many years so many a pipers and drummers learnt their piping and drumming in here and I think to come back to the Fort and actually bring piping and drumming and the Tattoo back in here is a fantastic thing.

[Shona NicEanraig – Neach-aithris] Bidh an Tattoo a’ dol air na trì oidhcheannan fad uair a thìde gu leth agus tha na tiogaidean rim faotainn a-nise tro Ticketmaster Scotland. Shona NicEanraig, BBC An Là, aig Gearasdan Dheòrsa.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!