FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A special concert in Inverness Cuirm-chiùil shònraichte ann an Inbhir Nis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Cuirm-chiùil shònraichte ann an Inbhir Nis

[Alasdair Friseal - Preseantair] Nis, chùm luchd-ciùil cuirm shònraichte ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain. Nam measg, bha dithis a tha dall. Chuir Alpha Rothach à Baile Eòghainn a’ phròiseact air a bheil Lèirsinn air dòigh airson aire a thogail mu dhaoine dall ann an ceòl traidiseanta agus airson feuchainn ri taic-airgid a chruinneachadh dhaibh. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Cuirm-chiùil ann an Inbhir Nis, ach tha a’ bhuidheann seo eadar-dhealaichte a chionn ‘s gu bheil an dithis aca gun amharc. Tha Mark Thow agus Fiona Kyle air a bhith dall bhon là-breith, ach cha do chuir sin stad orra a bhith ag ionnsachadh iomadh cluich air innealan-ciùil agus tha iad a-nis a’ sgrìobhadh puirt is òrain.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Chuir an ceòladair Alpha Rothach a’ bhuidheann air chòis airson daoine ciorramach a bhrosnachadh ann a bhith a’ gabhail ann an ceòl traidiseanta na h-Alba. Anns na cuirmean seo, tha iad a’ cluich agus a’ seinn nan òran a chaidh a sgrìobhadh le ceòladairean dall bhon t-seachdamh Linn deug agus dhà no trì a sgrìobh Mark agus Fiona fhèin. Ach co ris a tha e coltach dhan bhuidhinn a bhith a’ cluich còmhla?

[Fiona NicChoinnich] ‘S e dòigh gu math eadar-dhealaichte a thaobh obair a thaobh seinn agus ann an còmhlan nuair nach eil lèirsinn aig a h-uile duine. Mar as trice, bhiodh sinn a’ cleachdadh rudan mar visual cues. Chan fhaod sinn an-dràsta, feumaidh sinn a bhith ag obair ann dòigh eadar-dhealaichte agus feumaidh a h-uile duine a bhith ag èisteachd gu math mionaideach ris a h-uile càil.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Dh’ionnsaich Mark a’ phìob agus meur-chlàr nuair a bha e òg, ach cho doirbh ‘s a tha e ceòl a chluich gun lèirsinn?

[Mark Thow] I’ve always learnt music by ear. I got encouraged in school to learn music by Braille, which is by far harder. It’s by no means impossible, but it’s harder because you’re actually having to learn the dots off the paper as you’re memorising it.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus, tha Fiona ag ràdh gu bheil ceòl math son cuideachadh a thoirt dhut nad bheatha.

[Fiona Kyle] It’s a way of expressing yourself and there’s all sorts of ways that playing an instrument can help you through life, help you through school just by the sheer escapism of having it and the joy of playing it.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A rèir Mark, bu chòir barrachd chuideim a chur air na comasan a th’ aig daoine le feumalachdan sònraichte an àite a bhith a’ coimhead air na rudan nach b’ urrainn dhaibh a dhèanamh

[Mark Thow] I know of other similar circumstances with other disabled people who constantly get told what they can’t do because of their disadvantage rather than what they can and this concert proves the alternative that actually this is showing what people can do.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Tha cothrom ann Lèirsinn fhaicinn air an deireadh-sheachdain sa tighinn ann an Toirbheartan agus Baile Eòghainn. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!