FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New campaigns aimed at young drivers Iomairtean ùra ag amas air dràibhearan òga

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Iomairtean ùra ag amas air dràibhearan òga

[Innes Rothach - Preseantair] Chaidh dòighean airson lùghdachadh a dhèanamh air na tha de dhràibhearan òga gam marbhadh air ròidean na h-Alba gach bliadhna a dheasbad aig Pàrlamaid Holyrood an-diugh. Am measg nam molaidhean a chaidh a chur air adhart, bha plana airson casg a chur air dràibhearan ùra a bhith a’ dol a-mach air na ròidean air an oidhche Tha tuilleadh aig Ailean MacLeòid

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Tha a’ bhuaidh a th’ aig tubaistean bàis ri fhaireachdainn às a h-uile ceàrnaidh dhen dùthaich. Bha an deasbad an-diugh mar phàirt dha iomairt aig Holyrood gus cead-dràibhidh le ceumannan a thoirt a-steach. Ach tha seo an-dràsta an urra ri Westminster.

[Cè MacIlleDhuinn] The Scottish Parliament itself last debated young driver safety on the 7th of September 2011 and supported the view that if a graduated licence scheme was introduced in Scotland up to 19 lives per year could be saved.

[Dàibhidh Stiùbhart] One in five newly-qualified drivers crash within six months of obtaining their licence and a US study showed that young people who are under 25, who’ve more than three passengers driving the weekend are five times more likely to be involved in a crash.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Tha diofar molaidhean ann, ach tha beachdan ann gum biodh feum air casg air dràibheadh san dorchadas. Cead a bhith aig feadhainn òg’ càraichean le einnseanan beaga a dhràibheadh a-mhàin agus staid a chur air dràibhearan ùra a’ siubhal le an co-aoisean anns a’ chàr. Chan eil cuid dhen fheadhainn air an toireadh na riaghailtean buaidh ag aontachadh idir ged-thà.

[Allison NicAnTòisich] Uill, tha mise a’ smaointinn feumaidh a h-uile duine air an rathad a bhith sàbhailte nuair a tha sinn anns a’ chàr, air a’ bhus, rud sam bith, feumaidh a h-uile duine a bhith faiceallach, chan eil mi buileach cinnteach carson a tha daoine a’ smaoineachadh gu bheil dràibhearan òga nas miosa.

[Alasdair MacIllInnein] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil dòighean eile air faighinn seachad air an rud a tha iad a’ feuchainn ri làimhseachadh an-dràsta a bharrachd air riaghailtean a tha iad a’ dèanamh sa Phàrlamaid an-dràsta. Chan eil mi a’ smaoineachadh gun cuidich na riaghailtean a tha iad a’ beachdachadh air an-dràsta a’ chùis, ‘s iad a thaobh dràibhearan òga agus tubaistean is rudan mar sin. Ach, dh’fheumadh iad coimhead air dòighean eile air an làimhseachadh oir chan eil mi a’ smaoineachadh gun dèan e mòran buannachd.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Bha beachd aig an dithis aca gum biodh e iomchaidh stad a chur air càraichean le einnseanan mòra a bhith aig feadhainn òga leis nach cuireadh sin stad orra a bhith le an caraidean no a-muigh tron oidhche. Ged nach eil iad ag aontachadh le na dòighean a chaidh a dheasbad an-diugh, bha iad ag aontachadh le amasan an deasbaid, sinn uile a bhith nas fhaiceallaiche air an rathad. Ailean MacLeòid, BBC An

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!