FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A model of the Iolaire Modail dhen Iolaire

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Modail dhen Iolaire

[Iain MacIlleathain - Preseantair] ‘S e Call na h-Iolaire air madainn na Bliadhna Ùire ann an naoi ceud deug ‘s a naoi-deug fhathast an call beatha as motha de shoitheach Bhreatannach ann an uisgeachan nan dùthcha aig àm-sìth. Chaochail còrr is cheud duine nuair a chaidh a gheat air Biastan Thuilm aig beul Chala Steòrnabhaigh. A-nis, tha fear às an Rubha air modail dhen bhàta a thogail mar chuimhneachan oirre. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] ‘S e cuimhne dhuilich a th’ aig Muinntir nan Eilean air an Iolaire agus thug e bliadhnaichean mòra fiù ‘s mus deach cuimhneachan a thogail dìreach os cionn Biastan Thuilm far an deach i fodha madainn na Bliadhna Ùire naoi ceud deug ‘s a naoi-deug. ‘S e glè bheag de dheilbh a th’ air fhàgail dhen t-soitheach agus cha robh togail a samhail furasta fiù ‘s do dh’eòlaiche.

[Iain Caimbeul] ‘S e a thòisich seo, memorial a bh’ aca airson na h-Iolaire, chan eil fhios ‘am mu dhà no trì bliadhnaichean roimhe. Smaoinich mi an uair sin. Cha robh drawings, no plans no càil den t-seòrsa ann, aon picture. Sin uile, sin uile a bh’ agam. Aon rud a tha fios agam a tha ceart, sin na gunnaichean, fhuair mi drawings son nan gunnaichean. Sin aon rud a tha fios agam a tha ceart oirre.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Chaidh rannsachadh a dhèanamh aig an àm, rannsachadh na Nèibhidh fhèin agus rannsachadh Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh.

[Calum Dòmhnallach] A lot of people in Lewis tend to call it a whitewash and I would tend to agree with that because there’s only so many, about twenty survivors called, when you had, you know, I think it was about eighty men survived. I think that they wanted to wash their hands of it and forget about it after a long war in which so many sailors lost their lives.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Thèid an t-soitheach a tha seo a taisbeanadh a-nise ann an Ionad-aiseig Steòrnabhaigh mar chuimhneachan air a bhuille dh’fhuiling na h-Eileanan agus an sgeulachdan cianail a bhuail air gach baile.

[Calum Dòmhnallach] Just across the loch there’s it’s 10 Portnaguran, one of the boys that was lost came from that and they had already lost three sons so to have lost a fourth son in such tragic circumstances. It’s hard to bear and I know the mother lived until she was in her nineties and she must have had a terrible new year, every new year after the disaster.

[Iain Caimbeul] Bodach a bha an ath dhoras ann an siud, Iain ‘an Anndra, a chanadh iad ris, fhuair esan aiste, is choisich e à Steòrnabhagh dhachaigh ann an seo, sin an aon duine a dh’aithnichinn-sa a bh’ oirre.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Is seòrsa buaidh a tha sibh a’ smaoineachadh a thug an sgrios a bha sin air an àite?

[Iain Caimbeul] Ò, tha e a’ dol fhathast. Bidh a-chaoidh, tha mi a’ smaoineachadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!