FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Kirsteen MacDonald An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

[Kirsteen NicDhòmhnaill] Feasgar math dhuibh. Uill tha frasan geamhradail air a bhith ann ann am pailteas, an-diugh gu sònraichte air an talamh àrd mun iar agus mu thuath. An talamh a’ fuarachadh a-nochd. Agus gu dearbh, ri linn sin, tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a sgaoileadh airson deigh, sin gu bhith na chunnart fad is farsaing air na ròidean.

[Kirsteen NicDhòmhnaill] A-nochd, ma-thà, na frasan a tha seo a’ cumail a’ dol, gu sònraichte mun iar agus mu thuath, a-rithist geamhradail air an talamh àrd a-staigh air an dùthaich. Oidhche gu math fuar anns an amharc, ma dh'fhaodte fo chòig fo ìre reothaidh agus bidh i gaothach gu sònraichte mun iar-thuath.

[Kirsteen NicDhòmhnaill] A-màireach, bidh na frasan a’ seargadh às gu ìre mhòr. Bidh i fuar, ach grianach tro mhòran sgìrean co-dhiù airson greis. Feasgar ged-thà, ‘s ann a’ sìor fhàs sgòthach a bhios cùisean tro oisean an iar-thuath agus gu dearbh, an t-uisge a’ biathadh a-staigh dha na sgìrean-sa. Nise, bidh a’ ghaoth air socrachadh airson greis a-màireach ach feasgar a-rithist, ‘s ann a bhios i ag èirigh agus i a’ tighinn bhon iar no bhon iar-dheas.

[Kirsteen NicDhòmhnaill] Dhan chòrr ged-thà feasgar a-màireach, co-dhiù airson greis, bu chòir gu mair an tuireadh le gathan-grèine ach ‘s ann air èiginn a dh’ èireas cùisean thairis air ìre reothaidh.

[Kirsteen NicDhòmhnaill] Nise a’ toirt sùil air adhart gu ciaradh an fheasgair, uill chan eil an t-uabhas ag atharrachadh. Mairidh an tuireadh mun ear airson greis. Ach ro chiaradh an fheasgair, an t-uisge a tha seo a’ putadh a-staigh gar n-ionnsaigh. Le ma dh'fhaodte sneachda air an talamh àrd tro dhruim na dùthcha mar gum biodh.

[Kirsteen NicDhòmhnaill] A’ toirt sùil air adhart nas fhaide air adhart, agus gu dearbh Oifis na Sìde air rabhadh tràth a sgaoileadh agus dragh ann mu neart na gaoithe Diciadain. Tha i gu bhith a’ tighinn bho thuath air neo bhon iar-thuath a’ ruighinn fìor neart gèile aig amannan mun iar agus mu thuath. Tha sinn a’ sùileachadh gun adhbhraich seo dàil air na h-aiseagan gu dearbha agus bidh frasan geamhradail mun cuairt a-rithist. Sin agaibh e.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!