FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A look at the Appin Murder A' toirt sùil air Murt na h-Apainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

A' toirt sùil air Murt na h-Apainn

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, ‘s e fear dhe na cùisean murt as ainmeile a bh’ ann, ann an Alba a-riamh, Murt na h-Apainn. ‘S tha a’ cheist fhathast gun fhreagairt ged-thà dha-rìribh a mharbh Cailean Ruadh Caimbeul ann an seachd ceud deug leth-cheud ‘s a dhà? Chaidh Seumas a' Ghlinne a chrochadh air a shon, ach b’ e Ailean Breac Stiùbhart a bha fo amharas. A-raoir cho-dhùin an luchd-èisteachd aig tachartas anns a’ Ghearastan gun robh an dithis sin neoichiontach. Tha Andreas Wolff a’ togail na sgeòil.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha bothan ann an Gleann Durar, faisg air an Apainn, air a bheil Taigh Sheumais a’ Ghlinne. Is coltach gun robh Seumas Stiùbhart a’ fuireach faisg air an seo. Chaidh a chrochadh ann an seachd ceud deug leth-cheud ‘s a dhà airson cuideachadh a thoirt dhan duine a mhuirt Cailean Ruadh Caimbeul. An-dè, thadhail eòlaichean air na h-àiteachan a tha ceangailte ri Murt na h-Apainn.

[An t-Àrd Oll. Seumas Mac An t-Sealgair] James was the foster father of Allan Stewart, Allan Breck Stewart, who was the person who was named by the investigators and by the authorities and at the trial as the perpetrator of the crime, the man who had pulled the trigger. Of course Allan, long before the trial was held, was safely away in France.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Ach tha e coltach gu bheil fianais ann rinn am murt.

[An t-Òll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart] Tha sinn uabhasach fortanach gun robh fear Iain Mac an Deòir gun robh e a’ dol timcheall na Gàidhealtachd, mu mheadhan na Naoidheamh Linn Deug, is bhiodh e a’ cruinneachadh sgeulachdan eachdraidheil. Fear de na daoine ris an do bhruidhinn e anns an Apainn, ‘s e fear Iain Òg MacColla, à làrach Baile Chaolais, mar a chanas sinn ris an-diugh. Dh’ inns Iain MacColla dha gur e a rinn am murt, fear Dòmhnall Stiùbhart.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Thadhail na h-eòlaichean air làrach a’ mhuirt fhèin, faisg air Baile Chaolais cuideachd.

[An t-Àrd Oll Dàibhidh Barclay] We’d try and think “How was this crime actually committed? How would you set out to commit this crime?” And I think you’d run up to somebody and shoot them from close range, with or without a musket. Interesting that I presume pistols were also available, a pistol would be much more sensible.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Air an oidhche rinn iad sgrùdadh air an fhianais. Dh’ fhoillsich iad dealbh de dh’ Ailean Breac a chaidh a dhèanamh le coimpiutair a rèir an fhiosrachaidh sgrìobhte a tha ri fhaotainn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chuala an luchd-èisteachd an seo a-nochd mura b’ e agus gun robh Ailean Breac Stiùbhart air fhaotainn ciontach agus e gun a bhith an-làthair aig a’ chùirt gun do mhurt e Cailean Ruadh, cha bhiodh Seumas a’ Ghlinne air binn-bàis fhaotainn idir airson a bhith ga cuideachadh agus bha an luchd-èisteachd air fad dhen bheachd nach robh fianais sam bith ann gur e Ailean Breac a mhurt Cailean Ruadh. Andreas Wolff, BBC An Là, An Gearastan.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!