FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The number of the Capercaillies has decreased Àireamh nan capall-coille air crìonadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Àireamh nan capall-coille air crìonadh

[Iain MacAonghais –Preseantair] Nise, bu chòir do thaghan na h-Alba a bhith air an glacadh agus a bhith air an cumail an grèim fad an t-samhraidh co-dhiù airson taic a thoirt do dh’ àireamhan capaill-coille. Sin a rèir aon bhuidheann, Urras Glèidhteachaidh Geamaireachd agus Fiadh-bheatha na h-Alba. Tha na figearan as ùire a’ sealltainn gu bheil àireamh nan capall-coille air crìonadh, le dìreach mu mhìle is cheud dhiubh air fhàgail ann an Alba. Ach, tha buidheann eile air càineadh a dhèanamh air na planaichean. Le tuilleadh, seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain] ‘S iad aon de na beathaichean agus aon de na h-eòin as doirbhe a lorg ann an coilltean na h-Alba, an taghan agus an capall-coille, ach tha Urras Glèidhteachaidh Geamaireachd agus Fiadh-bheatha na h-Alba ag iarraidh an taghan a ghlacadh anns a’ Ghiblean agus a’ leigeil ma sgaoil a-rithist anns an Lùnastal. Tha seo gus stad a chur air an taghan, capall-coille òg agus na h-uighean ithe.

[Calum MacIlleathain] Ged a tha an taghan agus an capall-coille air an dìon fo lagh. Tha an àireamh de thaghan air fàs anns na bliadhnaichean mu dheireadh agus an àireamh de chapaill-choille air lùghdachadh. ‘s iad Dualchas Nàdair na h-Alba a tha os cionn ceadan airson an obair a dhèanamh.

[Emily Edwards] Tha beathaichean eile cuideachd a tha uaireannan a’ dèanamh cron orra rudan mar sionnaich agus feannagan agus cuideachd rud a tha ‘s dòcha caran annasach, bidh iad uaireannan a’ bualadh air feansaichean agus gam marbhadh fhèin. Chan eil an taghan ach mar phàirt den sgeulachd seo agus aig an ìre-sa, co-dhiù, tha sin às aonais fianais gu leòr gu a bhith ann an dha-rìribh cinnteach a’ bhuaidh a tha aig na taghan air a’ chapall-choille.

[Calum MacIlleathain] Tha mu mhìle is cheud eun ann a-nis. Sin sìos bho fhichead mìle anns na seachadan. Dh’ aontaich an riaghaltas ri plana bith-iomadach ann an naoi ceud deug naochad ‘s a’ còig a tha ag amas air an àireamh de chapaill-choille fhàs gu mu dhà mhìle eun ron bhliadhna mhìle is fichead. Ach, sheall sgrùdadh gu bheil cho beag ri còig capaill-coille inbheach anns Na Trosaichean an-dràsta agus a’ mhòr-chuid a’ fuireach ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.

[Emily Edwards] Tha tòrr cheistean ann a thaobh an sgeama a tha seo. Rudan mar, ciamar a bhiodh na taghain air an glacadh agus càite am biodh iad air an cumail? Ach tha cuideachd ceist ann a thaobh nam biodh iad air an cumail ann am braighdeanas, no ann an captivity, fad beagan mhìosan. Am biodh e doirbh dhaibh a dhol air ais dhan àrainn nàdarra aca mar gum biodh. Is mar sin, nam biodh iarrtas ann airson an sgeama seo, tha tòrr cheistean ann a dh’ fheumadh a bhith air am freagairt ro-làimh.

[Calum MacIlleathain] Ged nach dh’ fhuair mi fhèin lorg air an taghan an-diugh. ‘s e sin a dh’ fheumas a’ bhuidheann seo a dhèanamh ma thèid an sgeama seo air adhart. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!